Bàrdachd
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Tha urram sònraichte air a bhith aig na bàird am measg nan Gàidheal o chionn fhada. Bho bhàrdachd lideach gu saor-rannaigheachd ’s iomadh pìos bàrdachd a mhair agus a mhaireas air chuimhne. Aig aon àm bha inbhe shònraichte aig bàird ann an siostaman sòisealta nan Gàidheal. Bhiodh iad a’ giùlan dualchas agus eachdraidh luchd na Gàidhlig nan obair agus nan cuimhne, bhiodh iad nan tosgairean eadar na fineachan Gàidhealach, b’ iadsan a bhiodh aig ceann gach cuirm is cèilidh – bha fiù ’s diofar ìrean de bhàird le ‘filidhean’ air bàrr na craoibhe. ’S e am facal filidh, no file, a chleachdas na h-Èireannaich fhathast airson bàrd. Chan eil cho fada fiù ’s nuair a bha bàrd anns gach baile air a’ Ghàidhealtachd agus glè thric bhiodh na h-òrain aige no aice nam meadhan cudromach airson naidheachdan annasach, àbhachdas no eadhon aoir a sgapadh.
An-diugh tha bàrdachd Ghàidhlig cho cudromach ’s a bha i riamh. ’S iad na bàird a tha a’ togail cheistean, a’ toirt oirnn gàireachdainn, a’ cur an cèill rudan mìorbhaileach is faoin, agus a’ nochdadh farsaingeachd bheachdan is smuaintean le guth a dh’fhaodadh a bhith siubhlach, ceòlmhor, lom, sgaiteach no dìomhair. Tha ceòl agus còmhradh aig na nuadh bhàird, cho math ri meòrachadh agus òrain nan seann bhàrd.
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – 18mh linn
B’ e linn gu math torrach a bh’ anns na 1700an a thaobh bàrdachd Ghàidhlig, agus am measg nam bàrd sin b’ e am fear a b’ ainmeile, agus am fear a b’ fheàrr a rèir tòrr dhaoine (’s dòcha am bàrd Gàidhlig a b’ fheàrr riamh), Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. B’ e Dòmhnallach a bh’ ann an Alasdair bho shliochd Chlann Raghnaill, agus a bharrachd air a bhith na thidsear is na cheistear, bha e na oifigear sna feachdan Seumasach a thug taic don Phrionnsa Teàrlach ann an 1745. Am measg nan cuspairean aige bha gaol, poilitigs, nàdar, aoir agus an cànan fhèin.
Somhairle MacGill-Eain – 20mh linn
Ma bha thu a’ dol a dh’ainmeachadh a’ bhàird Ghàidhlig a bu choltaiche a b’ aithne do dhaoine, fiù ’s feadhainn aig nach eil Gàidhlig, ’s e Somhairle MacGill-Eain a chanadh gu leòr. Tha cuid de na dàin aige, ‘Hallaig’ no ‘An Cuilitheann’, cho iomraiteach ri òran Gàidhlig sam bith. A-rithist cha b’ e Somhairle an aon shàr bhàrd bho a linn-san, ach a thaobh cliù eadar-nàiseanta agus spèis am measg nan Gàidheal fhèin chan eil a shamhail ann.
Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail – 20mh/21mh linn
’S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Aonghas MacNeacail agus tha e aithnichte mar aon de na prìomh bhàird nar latha-ne. A thuilleadh air bàrdachd, bidh Aonghas ri caochladh sheòrsaichean sgrìobhaidh eile, mar sgriobtaichean rèidio, film, opera agus fiù ’s òrain. Tha a’ bhàrdachd aige a’ dèiligeadh ri grunn chuspairean, agus ged a tha dualchas na Gàidhlig cudromach dha, tha Aonghas a’ cur an cèill a chuid smuaintean ann am bàrdachd a tha stèidhichte air nòsan an latha an-diugh gu tric, ach aig àirde, tha guth liriceach na obair a tha cho sean ri bàrdachd fhèin.
Meg Bateman – 20mh/21mh linn
Thogadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann agus rinn i ionnsachadh air a’ Ghàidhlig mus do thòisich i a’ sgrìobhadh bàrdachd sa chànan. Tha i a-nis na h-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach agus bha an cruinneachadh mu dheireadh aice, ‘Soirbheas’, air a’ gheàrr-liosta airson Duais Litreachais Saltire na bliadhna. ’S ann fosgarra, fìrinneach a tha a’ bhàrdachd aice, gu tric a’ suathadh ri cuspairean gu math pearsanta don bhàrd. Aon rud a tha cinnteach mun bhàrdachd aig Meg, bheir i buaidh ort ann an dòigh air choireigin.

