Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Carson a dh’ionnsaicheadh tu Gàidhlig?

Carson a dh’ionnsaicheadh tu Gàidhlig? Le Gàidhlig, cuiridh tu eòlas air saoghal ùr – saoghal a tha a’ sìor atharrachadh, a’ sìor fhàs nas motha agus a tha an-còmhnaidh ga ùrachadh fhèin. Gheibh thu fiosrachadh mu chuid de na nithean a tha an lùib na Gàidhlig an seo.

“Buinidh a’ Ghàidhlig do gach ceàrn de dh’Alba”


“A’ Ghàidhlig – na buannachd dhut fhèin agus dha do theaghlach”


“A’ Ghàidhlig – mìr prìseil de chultar na h-Alba”


• Thèid thu ann sàs ann an cultar a tha làidir, càirdeil agus ioma-thaobhach

• Gheibh thu cothrom air raon obraichean ùr, le cothrom air dreuchdan mar teagasg, craoladh, turasachd agus gu leòr eile!

• Ma tha dà chànan agad: tha dà shaoghal agad, le dà chultar agus dà chànan. Bidh sin gu buannachd d’ inntinn agus do bheatha shòisealta

• Bidh thu an sàs ann an iomairt a tha a’ sìor fhàs nas motha le barrachd is barrachd bhuidhnean bho air feadh na dùthcha a’ foillseachadh Phlanaichean Gàidhlig

• Bidh caraidean ùra agad agus bidh spòrs agaibh còmhla!

• Bidh eòlas is tuigse nas fheàrr agad air cruth-tìre, dualchas agus eachdraidh na h-Alba

• Bidh thu a’ cuideachadh le bhith a’ gleidheadh aon de sheann chànanan na h-Alba

• Bidh cothrom agad air caochladh chur-seachadan agus bidh thu nad bhall ùr de choimhearsnachd bheothail, thogarrach

• ’S dòcha gum bi thu ag ionnsachadh an aon chànain a bh’ aig do shinnsirean

• Cuir eòlas air dualchas beartach, làn de cheòl is òrain, agus bidh thu a’ brosnachadh dhaoine eile agus a’ togail ùidh sa chànan.


Bheir dualchas is luchd na Gàidhlig air turas iongantach thu. Tha a’ Ghàidhlig a’ toirt barrachd is comas labhairt dhut, bidh i gu do bhuannachd fhèin agus do chuid chloinne ann an iomadach dòigh.


Gur math a thèid leat!


Faic gu h-ìosal airson ceanglaichean feumail:

Bòrd na Gàidhlig

Clì Gàidhlig

Comunn na Gàidhlig

Bilingualism Matters

Follow us on: