Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Coimhearsnachd

shutterstock_65878480 - college courses

’S math as fhiach e tòiseachadh a bhith ag ionnsachadh sa choimhearsnachd, agus gheibh thu clasaichean ionadail an sin cuideachd. Às bith dè an ìre aig a bheil thu, fileanta, no dìreach a’ tòiseachadh, tha a h-uile teans ann gum faigh thu daoine a th’ aig an aon ìre agus a tha ag iarraidh ionnsachadh.

A’ dol gu buidheann còmhraidh, cèilidhean, no a’ dol gu cròileagan leis a’ chloinn agaibh: tha iad sin uile nan dòighean matha coinneachadh ri daoine, do chuid Gàidhlig a chur gu feum, agus barrachd ionnsachadh. Agus còrdaidh e riut!


Faic gu h-ìosal airson liosta de cheanglaichean feumail a thaobh chlasaichean sa choimhearsnachd. Ma tha ceangal ann a bu thoil leat a chur ris an liosta an seo, leig fios dhuinn: info@mygaelic.com


Bòrd na Gàidhlig – Prìomh bhuidheann leasachaidh na Gàidhlig

Ùlpan - Ionnsaich Gàidhlig tron a’ mhodh-teagaisg Ùlpan

Clì Gàidhlig - Guth Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig anns an 21mh linn

Sabhal Mòr Ostaig - Tha Sabhal Mòr Ostaig sònraichte ann a bhith a' tairgsinn chothroman foghlaim aig àrd-ìre tro mheadhan na Gàidhlig agus is i an aon cholaiste Gàidhlig san t-saoghal.

Comunn na Gàidhlig – A’ toirt taic do dhaoine ann an grunn choimhearsnachdan agus iad a’ frithealadh air diofar aoisean agus ìrean cànain.

Buidheann còmhraidh an Glaschu – Buidheann Ghàidhlig a bhios a’ coinneachadh an Glaschu

Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu – Compàirteachas coimhearsnachd de dhaoine le ùidh ann an Gàidhlig

Cearcall Còmhraidh Fìobha – Buidheann còmhraidh ann am Fìobha

Fòram Gàidhlig Inbhir Nis – Fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig

Learn Direct Scotland – Cùrsaichean Gàidhlig ann an Alba

Gàidhlig ann an Loch Abar – Clasaichean Gàidhlig ann an Loch Abar

Sradagan – Clubaichean Gàidhlig do chloinn

Fèisean nan Gàidheal – Ionnsaich Gàidhlig tro cheòl

Follow us on: