Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

An Roghainn

Choisich mi cuide ri mo thuigse
a-muigh ri taobh a’ chuain;
bha sinn còmhla ach bha ise
a’ fuireach tiotan bhuam.

An sin thionndaidh i ag ràdha:
a bheil e fìor gun cual’
thu gu bheil do ghaol geal àlainn
a’ pòsadh tràth Diluain?

Bhac mi ’n cridhe bha ’g èirigh
’nam bhroilleach reubte luath
is thubhairt mi: tha mi cinnteach;
carson bu bhreug e bhuam?

Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
an rionnag leugach òir,
gum beirinn oirre ’s gun cuirinn i
gu ciallach ’na mo phòc?

Cha d’ ghabh mise bàs croinn-ceusaidh
an èiginn chruaidh na Spàinn
is ciamar sin bhiodh dùil agam
ri aon duais ùir an dàin?

Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
bheag ìosal thioram thlàth,
is ciamar sin a choinnichinn
ri beithir-theine ghràidh?

Ach nan robh ’n roghainn rithist dhomh
’s mi ’m sheasamh air an àird,
leumainn à neamh no iutharna
le spiorad ’s cridhe slàn.

Follow us on: