Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Dreuchdan (Careers)

Ma tha thu a’ coimhead airson obair ùr, faodaidh Gàidhlig a bhith gu math feumail. Tha Gàidhlig feumail ma tha thu ag iarraidh obair ann am foghlam, ann an ceòl, anns na meadhanan (media) agus ann an iomadh obair eile.

Teagasg

Tha tòrr chothroman (opportunities) ann ma tha thu ag iarraidh obair ann am foghlam Gàidhlig. Faodaidh tu teagasg anns a’ bhun-sgoil, anns an àrd-sgoil, ann an colaiste no ann an clas còmhraidh. Tha cothroman anns na h-Eileanan agus air a’ Ghàidhealtachd agus anns na bailtean mòra.

Sarah Anderson – Tidsear Àrd-sgoile ann an Àrd-sgoil Thobair Mhoire

“’S ann às an Eilean Sgitheanach a tha mi, agus chaidh mi tro Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil an Ath Leathainn, agus an uair sin ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. An uair sin, chaidh mi gu Oilthigh Dhùn Èideann, far an do rinn mu ceum (degree) le urram (honours) ann an Eòlas Ceilteach (Celtic Studies). Nuair a dh’fhàg mi an t-oilthigh, cha robh mi cinnteach dè bha mi a’ dol a dhèanamh. Fhuair mi obair ann an oifis ann an Dùn Èideann, agus bha mi ag obair an sin airson dà bhliadhna. An uair sin fhuair mi trèanadh (training) aig Oilthigh Shrath Chluaidh airson teagasg anns an àrd-sgoil. Bha mi a’ smaoineachadh gum bu toigh leam a bhith nam thidsear ann am bun-sgoil, ach beag air bheag bha mi a’ smaoineachadh gum b’ fheàrr leam a bhith nam thidsear anns an àrd-sgoil. Chòrd an trèanadh rium gu mòr, agus bha mi a’ faighinn cothrom (opportunity) Gàidhlig a chleachdadh gach latha a-rithist.

“Nuair a bha an trèanadh agam deiseil, fhuair mi obair ann an Àrd-sgoil Loch Abar, agus an uair sin thàinig mi gu Àrd-sgoil Thobar Mhoire, far a bheil mi a’ teagasg an-diugh. Tha mi a’ teagasg luchd-ionnsachaidh agus fileantaich an seo bho S1 gu S6. Tha e a’ còrdadh rium gu mòr a bhith a’ teagasg an dà chùrsa. Bidh gach latha eadar-dhealaichte (different), agus tha clasaichean mòra agam airson luchd-ionnsachaidh agus clasaichean beaga agam leis na fileantaich.

“Nuair a tha mi a’ teagasg tha cuimhne agam air cho fortanach sa tha mi, gu bheil dà chànan agam. Tha e a’ còrdadh rium cuideachd a bhith a’ faicinn mar a tha na sgoilearan a’ togail ùidh (becoming interested) anns a’ chànan. Tha an obair seo gad chumail gu math trang, tha thu ag obair gu cruaidh (you work hard), agus nuair a tha na deuchainnean (exams) ann, tha thusa cho iomagaineach (anxious) ris a’ chloinn fhèin. Ach gu math tric tha spòrs ann agus tha an obair a’ toirt toileachas mòr (great pleasure) dhut.

“Agus cuideachd, tha làithean-saora matha ann!”

Na Meadhanan

Thòisich sianal telebhisean Gàidhlig ann an 2008, agus tha barrachd chothroman obrach ann a-nis anns na meadhanan Gàidhlig. Am bu thoigh leat obair air cùl no air beulaibh a’ chamara? Tha cothroman ann. Faodaidh tu obair air spòrs, dràma, comadaidh (comedy), naidheachdan agus iomadh rud eile.

Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd/Neach-aithris Sìde (Weather Reporter) aig BBC ALBA

“Bidh mi ag aithris air an t-sìde (reporting on the weather) ceithir latha san t-seachdain. Tha an obair a’ còrdadh rium gu mòr. Ged nach e meteorologist a th’ annam, fhuair mi tòrr trèanaidh (training) bho Oifis na Sìde (the Weather Office literally, meaning the Met Office) ann an Lunnainn. Bidh an t-sìde agus na naidheachdan mu deidhinn ag atharrachadh (changing) a h-uile latha. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil an obair seo gu math inntinneach.

“Tha mi cuideachd ag obair air na naidheachdan fhathast, agus bidh mi ag obair air prògram, ‘Seachd Là’, airson BBC ALBA. Tha am prògram seo a’ toirt sùil air naidheachdan na seachdaine. Tha seo a’ còrdadh gu mòr rium cuideachd, agus tha fhios agam dè tha a’ tachairt san t-saoghal mhòr! Chaidh mo thogail ann an Inbhir Nis, gun facal Gàidhlig anns an taigh aig mo phàrantan. Chaidh mi tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Sgoil a’ Mheadhain agus an uair sin gu Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn. Rinn mi an uair sin ceum le urram (honours) aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Cànan agus Cultair. Ged nach eil Gàidhlig anns an dachaigh agad, chan eil sin a’ ciallachadh nach urrainn dhut a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig. Ma tha thu deònach (willing) ionnsachadh agus obair a dhèanamh gheibh thu cothrom (chance) a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig.

“Mar a thuirt Fionnlagh MacNèill nach maireann (the late) rium o chionn fhada, ‘Nì a’ Ghàidhlig feum dhut, agus nì thusa feum dhen a’ Ghàidhlig'. Abair gu robh sin fìor.”

Ceòl

’S dòcha gu bheil thu ag iarraidh a bhith ag obair ann an ceòl Gàidhlig. Smaoinich air daoine soirbheachail (successful) mar Donaidh Rothach agus Karen NicMhathain, a bheil thusa ag iarraidh a bhith coltach riuthasan? Ma tha tàlant agad a thaobh ciùil, tha gu leòr de chothroman ann an ceòl Gàidhlig.

Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein – Oifigear Leasachaidh (Development Officer) Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal

“Dh'fhàg mi an taigh nuair a bha mi 18 agus chaidh mi gu Obar Dheathain far an d'rinn mi ceum (degree) ann an Cunntasachd is Ionmhas (Accounting and Finance). Ged a bha an cùrsa a' còrdadh rium, bha mi tric a' smaoineachadh air rudan eile a chòrdadh rium a dhèanamh nuair a bha mi a’ dol a dh’fhàgail an Oilthigh. Co-dhiù, chuir mi crìoch air a' cheum agus chaidh mi air ais dhachaigh a Leòdhas. Chunnaic mi sanas (advert) anns a’ phàipear-naidheachd airson na h-obrach a th’ agam an-dràsta le Fèisean nan Gàidheal. Bha fhios agam gun còrdadh an obair rium, oir bha mi air a bhith an sàs anns na (involved in) Fèisean gu mòr thairis air na bliadhnaichean, bha mi ag ionnsachadh agus an uair sin a’ teagasg aig na Fèisean. Tha mi air a bhith anns an obair seo airson dà bhliadhna a-nis, agus tha an obair a' còrdadh rium gu mòr. Tha mi tric a-mach às an oifis a' tadhal air na Fèisean air feadh Alba.

“Thòisich mi a’ seinn air beulaibh dhaoine (in front of people) o chionn 17 bliadhna. Thòisich mi aig partaidh na Nollaig airson seann daoine ann an Talla Coimhearsnachd na h-Àirde, agus ’s e ‘Teann a-nall, ’s thoir dhomh do làmh’ a sheinn mi. Tha mi air iomadach òran ionnsachadh bho m’ athair bhon uair sin. Fhuair an dithis againn cuireadh (invitation) gu Celtic Colours ann an Ceap Breatainn am-bliadhna. Bha turas fìor mhath againn agus chòrd na consartan còmhla ri m’ athair gu mòr.

“An-dràsta tha mi trang a' seinn le Dàimh agus tha mi cuideachd an sàs leis a’ bhuidheann ‘Na Seòid’. Tha an obair seo a’ toirt cothrom (opportunity) dhomh a bhith an sàs ann an Gàidhlig agus ceòl. Tha mi a' faireachdainn gu bheil mi uabhasach fortanach gun deach mo thogail le Gàidhlig agus ceòl san dachaigh agus tha mi cho taingeil gu bheil mi ann an suidheachadh (situation) far a bheil mi ag obair leis a' chànan agam gach latha agus gu bheil cothroman agam a bhith a' seinn cho tric 's a tha mi.”

Naidheachdan

’S e obair gu math inntinneach a th’ ann an obair naidheachdan. Tha thu an-còmhnaidh a’ coimhead air na naidheachdan as ùire. Faodaidh tu a bhith ag obair air telebhisean, air rèidio no ann am pàipearan-naidheachd. ’S e obair gu math tarraingeach (appealing) a th’ ann an obair naidheachdan, agus coltach ris na naidheachdan fhèin, tha a h-uile latha eadar-dhealaichte (different).

Iain MacIllEathain – Neach-naidheachd aig BBC ALBA agus Rèidio nan Gàidheal

“’S mise Iain MacIllEathain ’s tha mi ag obair mar fhear-naidheachd anns a’ Ghàidhlig dhan a’ BhBC ann an Inbhir Nis. Thòisich mi anns an obair seo nuair a dh’fhàg mi an t-oilthigh. Bidh mi a’ dèanamh tòrr rudan san obair seo. Bidh mi a’ sgrìobhadh agus ag aithris (reporting) nan naidheachdan air rèidio agus air telebhisean. ’S e obair gu math inntinneach a th’ ann, oir feumaidh tu smaoineachadh air ciamar a tha thu a’ cur Gàidhlig air beachdan (concepts) nach eil uabhasach cumanta anns a’ Ghàidhlig. Bidh sinn ag aithris air rudan a tha a’ tachairt ann an àiteachean mar na Hearadh agus Harare. Tha an obair an-còmhnaidh inntinneach.”

Cleasachd (Acting/Performing)

A bheil thu ag iarraidh a bhith nad chleasaiche (actor)? Ma tha, tha cothroman gu leòr ann an dràma agus comadaidh Gàidhlig. Faodaidh tu a bhith nad sgrìobhaiche. Faodaidh tu a bhith nad chleasaiche air telebhisean. Faodaidh tu a bhith nad chleasaiche air an àrd-ùrlar (stage). Faodaidh tu a bhith a’ teagasg dràma Gàidhlig.

Leasachadh (Development)

A bheil thu ag iarraidh obair ann an leasachadh na Gàidhlig? ’S e seo an obair anns am bi thu a’ cur ri fàs a’ chànain. Tha tòrr obraichean ùra ann an leasachadh na Gàidhlig bhon a thàinig Achd na Gàidhlig (the Gaelic Act). Agus tha leasachadh na Gàidhlig a’ ciallachadh tòrr rudan. Faodaidh tu a bhith ag obair ann an coimhearsnachdan (communities), no ann an ceòl no anns an Riaghaltas (Government) fhèin. Agus bhiodh tu fhathast ag obair ann an leasachadh na Gàidhlig ’s dòcha.

Coinneach Combe – Oifigear Leasachaidh (Development) airson Comann na Gàidhlig

“Tha mi ag obair aig Comann na Gàidhlig mar Oifigear Leasachaidh. Tha mi air a bhith anns an obair seo 4 bliadhna a-nis. Cha d’ fhuair mi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (chaidh mo thogail air tìr-mòr ann an Siorrachd Rinn Friù, àite far nach robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn) agus ’s e Coimpiutarachd a rinn mi aig an oilthigh. Cha robh mi a’ smaoineachadh gum biodh cothrom (opportunity) agam a’ Ghàidhlig agam a chleachdadh. Ach chaidh mi gu Sabhal Mòr Ostaig, agus bha mi bliadhna ann an sin. An uair sin, thòisich mi ag obair aig Comann na Gàidhlig san obair seo. Bidh mi a’ dèanamh tòrr rudan nam obair. Bidh mi a’ cur fiosrachadh air an eadar-lìon (internet), bidh mi a’ cumail taic ri (supporting) daoine leis na coimpiutairean aca, bidh mi a’ dèanamh eadar-theangachadh (translation) agus bidh mi a’ cumail taic ri Sradagan (buidhnean (groups) cloinne). Tha mi cuideachd a’ teagasg dà chlas Gàidhlig ann an Pàislig. Tha an obair agam a’ còrdadh rium gu mòr agus tha thu a’ faighinn cothrom taic a chumail ri daoine a tha a’ bruidhinn Gàidhlig no a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.”

THOIR SÙIL AIR NA DREUCHDAN GÀIDHLIG BÀNA AS ÙIRE

Bòrd na Gàidhlig - Fiosrachadh mu Obraichean Gàidhlig

Comann na Gàidhlig - Fiosrachadh mu obraichean Gàidhlig ùra

Sabhal Mòr Ostaig - Fiosrachadh mu dhreuchdan (careers) bho Cholaiste Ghàidhlig na h-Alba

Teagasg Gàidhlig

Multilingual Vacancies - Fiosrachadh mu obraichean far a bheil iad ag iarraidh gum bi Gàidhlig agad

BBC - Obraichean aig a’ BhBC

MG ALBA

Follow us on: