Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Dreuchdan

Ma tha thu a’ coimhead airson dreuchd no obair ùr, dh’fhaodadh Gàidhlig a bhith na cuideachadh mòr. Às bith an e foghlam, ceòl, dràma, na meadhanan, obair nan naidheachdan, obair oifis agus rianachd, no leasachadh a’ chànain agus a’ chultair fhèin, the a h-uile teans gum bi cothrom obrach ann dhut, ma tha Gàidhlig agad. Fiù ’s aig na buidhnean aig a bheil planaichean Gàidhlig, chìthear sanasan obrach ag ràdh gu bheil e na bhuannachd ma tha Gàidhlig agad. Ma tha thu an dùil a bhith ag obair an lùib turasachd, dh’fhaodadh gum bi Gàidhlig na buannachd. Leugh gu h-ìosal mar a tha na dreuchdan Gàidhlig aig na daoine gu h-ìosal a’ còrdadh riutha.

Foghlam

Bho fhoghlam ro-sgoile gu foghlam àrd-ìre, ’s iomadh cothrom obrach a th’ ann le Gàidhlig. Anns a’ chròileagan, san sgoil-àraich, sa bhun-sgoil, san àrd-sgoil, sa cholaiste, san oilthigh, sa chlas-oidhche, no sa chearcall còmhraidh, faodaidh tu Gàidhlig a theagasg no teagasg ann an Gàidhlig. Seo raon a tha a’ sìor leudachadh fhad ’s a tha foghlam Gàidhlig a’ leudachadh, agus chan ann dìreach sna h-eileanan no air a’ Ghàidhealtachd a tha na cothroman obrach, ach sna bailtean mòra agus aig deas.

Sarah Anderson – Tidsear Àrd-sgoile ann an Àrd-sgoil Thobair Mhoire

“’S ann às an Eilean Sgitheanach a tha mi, agus chaidh mi tro Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil an Ath Leathainn, agus an uair sin ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Às dèidh dhomh an sgoil fhàgail, chaidh mi gu Oilthigh Dhùn Èideann, a’ dèanamh ceum le urram ann an Eòlas Ceilteach. Às dèidh dhomh ceumnachadh cha robh mi cinnteach dè bha an dàn dhomh. Fhuair mi obair ann an oifis ann an Dùn Èideann, agus bha mi an sin fad dà bhliadhna mus do rinn mi suas m’ inntinn a chur a-steach airson PGDE a dhèanamh ann an teagasg Gàidhlig san àrd-sgoil aig Oilthigh Shrath Chluaidh. Bha mi riamh a’ smaoineachadh gum bu toigh leam a bhith nam thidsear bun-sgoile, ach beag air bheag bha barrachd ùidh agam ann an teagasg àrd-sgoile. Chòrd Cnoc Ìordain rium gu mòr, gu h-àraidh leis gun robh cothrom agam Gàidhlig a chleachdadh gu làitheil, rud a bha mi air a bhith ag ionndrainn bhon a dh’fhàg mi an oilthigh.

“Dh’ionnsaich mi an t-uabhas mu dheidhinn a bhith ag obair ann an sgoil air na grèisean-sgoile, fhad ’s a bha beagan iomagain orm nuair a chaidh mi dhan t-seann sgoil agam fhèin ann am Port Rìgh airson a bhith ag obair ri taobh na tidsearan a bh’ agam fhìn anns an sgoil! Às dèidh bliadhna-trèanaidh ann an Cnoc Ìordain, chuir mi seachad a’ chiad bhliadhna agam a’ teagasg ann an Àrd-Sgoil Loch Abar, mus d’ fhuair mi obair ann an Àrd-Sgoil Thobar Mhoire ann am Muile. Tha mi air a bhith an seo beagan is bliadhna, agus tha mi a’ teagasg Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich o AS1 gu AS6. Tha e a’ còrdadh rium gu mòr a bhith a’ teagasg an dà chùrsa, agus leis gu bheil eadar-dhealachadh mòr eadar na clasaichean mòra son an luchd-ionnsachaidh agus clasaichean gu math beag son nam fileantach, ’s e latha gu math caochlaideach a th’ agam.

“Tha e a’ toirt toileachais dhomh a bhith a’ teagasg mo chiad chànain fhèin, agus tha e a’ cuir nam chuimhne cho fortanach ’s a tha mi fhìn a bhith dà-chànanach. Tha e cuideachd a’ toirt toileachais dhomh fhaicinn ùidh nan sgoilearan anns a’ chànan, gu h-àraidh leis na th’ ann de chothroman ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Tha mi air mòran eòlais fhaighinn anns an obair seo, tha tòrr chothroman ann, agus dùbhlain cuideachd! Tha thu air do chumail gu math trang nuair a tha thu nad thidsear, tha an obair cruaidh, agus aig àm nan deuchainn tha na tidsearan a cheart cho iomagaineach ’s a tha na sgoilearan. Ach tha eadar-dhealachadh anns gach latha, tha toileachas anns gach latha, agus mar as trice tha beagan spòrs anns gach latha cuideachd!

“A bharrachd air seo, tha na làithean-saora glè mhath!”

Na Meadhanan

Le sianal telebhisean ùr Gàidhlig a tha na phàirt de sheirbheis dhidseatach iomlan, tha barrachd agus barrachd chothroman obrach an lùib nam meadhanan Gàidhlig. Tha prògraman spòrs, aithriseach, dràma, comadaidh, naidheachdan, agus iomadh sruth eile den t-seirbheis a’ ciallachadh gu bheil taghadh air leth farsaing de dh’obraichean ann. Am bu thoigh leat obair air cùl no air beulaibh a’ chamara? Am b’ fheàrr leat a bhith a’ stiùireadh, a’ riochdachadh, ag aithris, a’ gearradh, ag obair air camara, a’ rannsachadh no ag obair air susbaint air-loidhne? Do roghainn fhèin, agus abair roghainn a th’ ann.

Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd/Neach-aithris Sìde aig BBC ALBA

“Ceithir latha san t-seachdain, tha mi ag obair ag aithris na sìde airson BBC ALBA. ’S e obair air leth tarraingeach agus tlachdmhor a th’ ann. Ged nach e fìor eòlaiche sìde a th' annam (Meteorologist), tha mi air treànadh am pailteas fhaighinn bho Oifis na Sìde ann an Lunnainn, agus tha mi a’ faighinn taic agus cuideachadh bho Heather Reid agus Peadair Sloss, a tha a’ lìbhrigeadh na sìde airson Reporting Scotland. Bidh 'sgeulachd' na sìde ag atharrachadh a h-uile lath ann an Alba, agus mar sin tha an obair agus an rannsachadh ag atharrachadh bho latha gu latha cuideachd. Tha seo a’ fàgail gu bheil an obair an-còmhnaidh inntinneach. ’S fìor thoil leam a bhith lìbhrigeadh fiosrachadh dhan luchd-amhairc, agus a’ feuchainn mo dhìchill gu bheil an t-sìde cho ceart ’s as urrainn dhi bhith.

“Tha mi cuideachd ag obair an lùib nan naidheachdan fhathast, a’ lìbhrigeadh prògram dom b’ ainm 'Seachd Là' airson BBC ALBA. Tha sin a’ tarraing ri chèile na prìomh naidheachdan a thog ceann tron an t-seachdain. Tha sin a’ còrdadh rium glan cuideachd, agus tha e ga mo chumail gu mòr an sàs le na tha tachairt anns an t-saoghal mhòr!

“Chaidh mo thogail ann an Inbhir Nis, gun facal Gàidhlig anns an taigh aig mo phàrantan. Chaidh mi gu roinn Ghàidhlig de Sgoil a’ Mheadhain agus an uair sin gu Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn. Rinn mi an uair sin ceum le urram aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Cànan agus Cultair. Chan eil mi idir a’ smaoineachadh gum bu chòir dìth Gàidhlig anns an dachaigh, bacadh sam bith a chur air neach sam bith. Tro obair chruaidh agus a bhith ag ionnsachadh an-còmhnaidh, tha mi smaoineachadh gu bheil e comasach do dhuine sam bith beò-shlàint a dhèanamh a-mach às na meadhanan Gàidhlig.

“Mar a thuirt Fionnlagh MacNèill nach maireann rium bho chionn fhada, ‘Nì a’ Ghàidhlig feum dhut, agus nì thusa feum dhen a’ Ghàidhlig'. Abair gu robh sin fìor.”

Ceòl

Chan eil e furasta idir soirbheachadh mar neach-ciùil proifeiseanta, agus ged a tha seo fìor mu cheòl Gàidhlig cuideachd, tha cothroman air leth ann a bhith ag obair an lùib ceòl Gàidhlig. Tha daoine mar Donaidh Rothach, Karen NicMhathain agus Julie Fowlis air sealltainn mar as urrainn dhut a bhith air leth soirbheachail, agus iad air ainm is cliù a chosnadh dhaibh fhèin air feadh an t-saoghail tro cheòl Gàidhlig. A-rithist, ge-tà, tha measgachadh farsaing obraichean an lùib ceòl Gàidhlig, bho bhith riochdachadh ceòl gu bhith a’ cluich iomadach ionnstramaid, no fiù ’s a’ teagasg ceòl Gàidhlig. Tha tòrr dhaoine a’ cur eòlas air ceòl tro Ghàidhlig, agus a’ cur eòlas air Gàidhlig tro cheòl. Co-dhiù an e am Mòd, no mods, a tha fa-near dhut, dh’fhaodadh gun lorg thu dreuchd tro cheòl Gàidhlig.

Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein – Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal

“Dh'fhàg mi fhìn an taigh nuair a bha mi 18 agus rinn mi air Obar Dheathain far an d'rinn mi ceum ann an Cunntasachd is Ionmhas. Bha mi an sin airson ceithir bliadhna agus ged a bha an cùrsa a' còrdadh rium gu ìre, bha mi tric a' smaoineachadh air rudan eile a dh'fhaodainn a dhèanamh às dèidh dhomh ceumnachadh. Co-dhiù, chuir mi crìoch air a' cheum agus chaidh mi air ais dhachaigh a Leòdhas. Nochd sanas anns a' phàipear air a' chiad seachdain a bha mi air ais airson obair aig Fèisean nan Gàidheal agus chuir mi romham gur e seo an seòrsa obrach a chòrdadh rium math dha-rìribh. Bha mi air a bhith an sàs anns na Fèisean gu mòr thairis air na bliadhnaichean, an dà chuid nam chom-pàirtiche agus nam neach-teagaisg. Tha mi a-nis air a bhith san dreuchd airson dà bhliadhna, agus tha an obair a' còrdadh rium gu mòr. Tha mi tric a-mach às an oifis againn ann an Inbhir Nis a' tadhal air na Fèisean air feadh Alba, a' toirt cuideachadh dhaibh le bhith leasachadh na Gàidhlig aig na tachartasan aca.

“Cha mhòr nach eil seachd bliadhna deug bhon a sheinn mi air beulaibh dhaoine airson a' chiad uair. 'S e partaidh na Nollaig airson na seann daoine aig Talla Coimhearsnachd na h-Àirde a bh' ann agus sheinn mi a' chiad òran a dh'ionnsaich m' athair dhomh 'Teann a-nall, 's thoir dhomh do làmh'. O nuair sin tha mi air iomadach òran ionnsachadh bho m' athair agus am-bliadhna fhuair an dithis againn cuireadh a dhol a-nall a Chanada gu Fèis Celtic Colours ann an Ceap Breatainn. Abair gu robh turas miorbhaileach againn, agus chòrd na consartan a rinn mi le m' athair cho math ri consart a rinn mi a-riamh. An-dràsta tha mi trang a' seinn le Dàimh agus tha mi cuideachd an sàs leis a’ bhuidheann ‘Na Seòid’. Tha iad seo a' toirt chothroman air leth dhomh, a bhith siubhal agus a bhith coinneachadh le tòrr dhaoine inntinneach a tha an sàs le Gàidhlig agus Ceòl. Tha mi a' faireachdainn gu bheil mi uabhasach fortanach gun deach mo thogail le Gàidhlig agus ceòl san dachaigh agus tha mi cho taingeil gu bheil mi ann an suidheachadh far a bheil mi ag obair leis a' chànan agam bho latha gu latha agus gu bheil cothroman agam a bhith a' seinn cho tric 's a tha mi.”

Naidheachdan

Ma tha ùidh agad ann a bhith ag obair air naidheachdan, tha cothroman obrach an dà chuid ann an craoladh agus ann an clò. Tha grunn Ghàidheil air ainm a dhèanamh dhaibh fhèin le bhith ag aithris nan naidheachdan. Tha seirbheis naidheachdan air an t-sianal telebhisean Ghàidhlig, air Rèidio nan Gàidheal, agus a thuilleadh anns a’ phàipear-naidheachd Ghàidhlig, ‘An Gàidheal Ùr’, agus tha sgeulachdan Gàidhlig a’ nochdadh gu cunbhalach ann an caochladh phàipearan seachdaineach agus pàipearan làitheil. Faigh a-mach mu na naidheachdan an toiseach, agus cuir am fianais an t-saoghail mhòir iad.

Iain MacIllEathain – Neach-naidheachd aig BBC ALBA agus Rèidio nan Gàidheal

’S mise Iain MacIllEathain ’s tha mi ag obair mar fhear-naidheachd anns a’ Ghàidhlig dhan a’ BhBC ann an Inbhir Nis. Thàinig mi chun na dreuchd às dèidh dhomh an t-oilthigh fhàgail. ’S e obair gu math measgaichte a th’ ann. Tha mi an-sàs ann an grunn dhiofar rudan – eadar a bhith a’ sgrìobhadh ’s a’ lìbhrigeadh naidheachdan air an rèidio, gu bhith a’ preseantadh prìomh phrògram naidheachd telebhisean na Gàidhlig ‘An Là’ air BBC ALBA. ’S e obair air leth a th’ ann do dhaoine aig a bheil ùidh ann an cànan, oir tha sinn gu math tric a’ tighinn air beachdan ’s eile nach eil a’ freagairt air a’ Ghàidhlig, ’s tha againn ri smaoineachadh air dòighean gus na rudan sin a shoillearachadh dhan an luchd-èisteachd. Agus a-nis an luchd-amharc cuideachd. Tha sin, an cuide ri feumalachdan na seirbhis, far am bi sinn ag aithris air rud sam bith bho na tha a’ tachairt bho na Hearadh gu Harare, a’ ciallachadh gu bheil e an-còmhnaidh ùr agus inntinneach.”

Cleasachd

Bho shiabain mar ‘Machair’ gu dealbhan-cluiche làidir bho pheann sgrìobhadairean eirmseach mar Iain Moireach agus Fionnlagh MacLeòid, tha tòrr air tachairt ann an dràma Gàidhlig thar nam bliadhnaichean, gu proifeiseanta agus sna coimhearsnachdan, air telebhisean agus air an àrd-ùrlar. Tha na cothroman do chleasaichean, sgrìobhadairean agus iomadh dreuchd eile co-cheangailte ri dràma air a dhol am meud o chionn ghoirid leis an t-sianal Ghàidhlig ùr, agus tha raon dràma, comadaidh agus gach seòrsa cleasachd eile air leudachadh. Tha barrachd chothroman ann a bhith teagasg dràma do dh’òigridh a-nis cuideachd, le iomairtean mar sgoil shamhraidh dràma do dh’òigirdh. Leig fhaicinn don t-saoghal dè cho tàlantach sa tha thu le bhith a’ dol an sàs ann an dràma Gàidhlig.

Leasachadh

Tha aon raon anns a bheil cothrom agad, chan e a-mhàin do sgilean agus do dhreuchd adhartachadh, ach cànan agus dualchas a ghleidheadh, agus buaidh mhaireannach a thoirt air cultar agus eachdraidh na h-Alba. Fhad ’s a thathar a’ dèanamh barrachd is barrachd oidhirp Gàidhlig a ghleidheadh, tro reachdas ùr agus planaichean Gàidhlig mar eisimpleir, nochdaidh barrachd agus barrachd chothroman obrach an lùib leasachadh na Gàidhlig. ’S e raon cho farsaing ri do mhac-meanma fhèin a th’ ann an leasachadh na Gàidhlig, dh’fhaodadh tu a bhith ag obair le coimhearsnachdan, a bhith ag obair le ceòl, a bhith ag obair aig ìre àrd san t-seirbheis chatharra. ’S e uallach agus dùbhlan mòr a th’ anns an obair seo, ach dh’fhaodadh tu cuimhneachadh nuair a tha thu a’ soirbheachadh gu bheil thu a’ gleidheadh do chànain fhèin.

Coinneach Combe – Oifigear Leasachaidh airson Comann na Gàidhlig

“Tha mi ag obair aig Comann na Gàidhlig mar Oifigear Leasachaidh. Tha mi air a bhith anns an dreuchd seo 4 bliadhna a-nis. Cha d’ fhuair mi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (chaidh mo thogail air tìr-mòr ann an Siorrachd Rinn Friù, sgìre far nach robh agus nach eil, aig an ìre seo co-dhiù, foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn) agus ’s e Coimpiutarachd a rinn mi aig an oilthigh. Mar sin cha robh dùil agam mo chuid Gàidhlig a chur gu feum aig m’ obair ach bliadhna às dèidh dhomh ceumnachadh bhon oilthigh, thachair gun deach mi gu Sabhal Mòr Ostaig. Rinn mi bliadhna an sin agus fhuair mi obair aig Comann na Gàidhlig nuair a bha mi deiseil. Tha an obair a th’ agam an-dràsta gu math farsaing, a’ cumail taic ri buidhnean Shradagain, a’ cur fiosrachadh air an eadar-lìon, a’ cumail taic ri luchd-obrach eile le goireasan coimpiutarachd, eadar-theangachadh is eile. Tha mi cuideachd a’ teagaisg dà chlas oidhche ann am Pàislig dha Comhairle Shiorrachd Rinn Friù. Mholainn obair Gàidhlig gun teagamh sam bith. Tha e math a bhith toirt a’ chothruim do dhaoine a bhith cleachdadh a’ chànain agus brosnachail nuair a bhios tu tachairt ri luchd-ionnsachaidh a tha dèanamh adhartas.”

THOIR SÙIL AIR NA DREUCHDAN GÀIDHLIG BÀNA AS ÙIRE

Bòrd na Gàidhlig - Fiosrachadh mu Obraichean Gàidhlig

Comann na Gàidhlig - Fiosrachadh mu obraichean Gàidhlig ùra

Sabhal Mòr Ostaig - Fiosrachadh mu dhreuchdan bho Cholaiste Ghàidhlig na h-Alba

Teagasg Gàidhlig

Multilingual Vacancies - Fiosrachadh mu obraichean far a bheil Gàidhlig feumail

BBC - Obraichean aig a’ BhBC

MG ALBA

Follow us on: