Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Moladh an ughdair

Gur h-ì as crìoch àraid
Do gach cainnt fon ghrèin
Gu ar smuainte fhàsmhor
A phàirteachadh ri chéil’,

Ar n-inntinnean a rùsgadh
Agus rùn ar crìdh
(Le ’r gnìomh, ’s le ’r giùlan)
Surd chur air ar dìth,

’S gu laoigh ar beòil
A dh’ìobradh ’Dhia nan dùl;
Si a h-ard chrìoch mhòr
Gu bhith toirt dò-san cliù.

Se ’n duine fhéin
As aon chreutair rèasant’ ann:
Gun tug toil Dé dha
Gibht le bheul bhith cainnt;

Gun chum E seo
On uile bhrùid gu léir —
O, ’ghibht mhòr phrìseil s’
Dheilbh ’na ìomhaigh fhéin!

Nam beirte balbh e
’S a theanga marbh ’na cheann,
B’i ’n iargain shearbh i —
B’ fhearr bhith marbh na ann;

’S ge h-ioma cànain
O linn Bhàbeil fhuair
An sliochd sin Àdhaimh,
Si ’Ghàidhlig a thug buaidh.

Don labhradh dhàicheil
An t-urram ard gun tuairms’,
Gun mheang, gun fhàillinn
As urra càch a luaidh!

Bha a’ Ghàidhlig ullamh,
’Na glòr fìor ghuineach, cruaidh,
Air feadh a’ chruinne
Mun d’thuilich an Tuil Ruadh.

Mhair i fòs
(’S cha téid a glòir air chall)
Dh’ainneoin gò
’S mìorun mòr nan Gall.

Si labhair Alba
’S Gallbhodaich fhéin,
Ar flaith, ar prionnsaidhe,
’S ar diùcanna gun éis.

An taigh-comhairl’ an rìgh
Nuair shuidheadh air binn a’ chùirt,
Si ’Ghàidhlig lìomhtha
Dh’fhuasgladh snaoim gach cùis.

Si labhair Calum
Allail a’ Chinn Mhóir,
Gach mith ’s maith
Bha ’n Alba, beag ’s mór.

Si labhair Gaill ’s Gaidhil,
Neo-chlèirich agus cléir,
Gach fear ’s bean
A ghluaiseadh teanga ’m beul.

Si labhair Àdhamh
Ann a phàrras fhéin
’S bu shiubhlach Gàidhlig
O bheul àlainn Eubh.

Och, tha ’bhuil ann!
S uireasach, gann, fo dhìth
Glòr gach teanga
A labhras cainnt seach ì.

Tha Laideann coimhliont,
Torrach, teann nas leòr,
Ach s sgalag thràilleil
I don Ghàidhlig chòir.

San Àithne mhòir
Bha ’Ghreugais corr ’na tìm
Ach b’ ion dhi h-ordag
Chur fo h-òirchrios grinn,

’S ge mìn, slìom, bòidheach,
Cùirteil, rò-bhog, lìomhth’
An Fhraingis lòghmhor
Am pailis mòr gach rìgh,

Ma thagras càch oirr’
Pàirt d’an ainbhfheich fhéin
S ro bheag a dh’fhàgas
Iad de dh’àgh ’na cré.

Si ’n aon chànain
Am beul nam bard ’s nan éisg
As fhearr gu càineadh
O linn Bhàbeil fhéin.

Si s fhearr gu moladh,
’S as torrannaiche gleus
Gu rann no laoidh
A tharraing gaoth throimh bheul.

Si s fhearr gu comhairl’
’S gu gnothach chur gu feum
Na aon teang’ Eòrpach,
Dh’ainneoin bòst nan Greug.

Si s fhearr gu rosg
’S air chosaibh a chur duain,
’S ri cruaidh uchd cosgair
Bhrosnachadh an t-sluaigh.

Mu choinne bàir
Si s tàbhachdaich bheir buaidh
Gu toirt a’ bhàis
Don eucoir dhàicheil chruaidh.

Cainnt làidir, ruithteach
As neo-liotach fuaim,
’S i seaghail, sliochdmhor,
Briosg-ghlòrach, mall, luath.

Chan fheum i iasad
’S cha mhó dh’iarras uath’;
O! An t-seann mhàthair chiatach,
Làn de chiadaibh buaidh!

Tha i fhéin daonnan
Saidhbhir, maoineach, slàn,
A taighean-taisge
Dh’fhoclaibh gasta làn.

A’ chànain sgapach,
Thapaidh, bhlasta, ghrinn
Thig le tartar
Neartmhor á beul cinn.

An labhairt shìolmhor,
Lìonmhor, s mìlteach buaidh,
Shultmhor, bhrìoghmhor,
Fhìorghlan, chaoidh nach truaill.

B’i ’n teanga mhilis,
Bhinn-fhoclach san dàn,
Gu spreigeil, tioram,
Ioraltach, ’s i làn.

A’ chànain cheòlmhor,
Shòghmhor, s glòrmhor blas
A labhair mòr-shliochd
Scòta ’s Ghaidhil Ghlais,

’S a réir MhicComb,
An t-ughdar mòr ri luaidh,
Si s freumhach òir
’S ciad ghràmair glòir gach sluaigh.

Follow us on: