Cuideachd a-nis, tha àireamh bhuidhnean ann, buidhnean poblach gu math tric, a tha a’ dèanamh oidhirp Gàidhlig a ghnàthachadh san obair aca. Mar eisimpleir, fo Achd na Gàidhlig thathar ag iarraidh air taghadh de bhuidhnean planaichean Gàidhlig a chruthachadh a bhios a’ fighe Gàidhlig a-steach don obair aca gu ìre iomchaidh. Leis an reachdas ùr, tha sinn a’ faicinn barrachd is barrachd bhuidhnean poblach a’ feuchainn ri ceangal a dhèanamh ri Gàidhlig. Agus tha iad a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig.
An uair sin tha buidhnean coimhearsnachd a tha a’ cur Gàidhlig aig cridhe cuid den obair aca, mar eisimpleir, na Comainn Eachdraidh sna h-Eileanan Siar. Gheibhear buidhnean Gàidhlig coimhearsnachd, buidhnean dràma Gàidhlig, còisirean Gàidhlig, clubaichean spòrs a tha a’ cleachdadh Gàidhlig, eaglaisean le seirbheisean Gàidhlig agus iomadh buidheann eile. Aig deireadh an latha, dh’fhaodadh buidheann sam bith a dhol an sàs ann an Gàidhlig, chan fheum iad a bhith nam ‘buidhnean Gàidhlig’. Ma tha thusa ag obair do no a’ cur seachad ùine còmhla ri buidheann, dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil taobh Gàidhlig aig a’ bhuidheann sin. Tha e cho sìmplidh sin.
Innis dhuinn mur buidheann Gàidhlig: info@mygaelic.com