Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
Tha barrachd is barrachd chompanaidhean à air feadh na dùthcha a’ lorg dhaoine aig a bheil Gàidhlig. Tha barrachd is barrachd dhreuchdan san roinn phrìobhaidich agus san roinn phoblaich far am feum Gàidhlig no tomhas math de Ghàidhlig a bhith aig tagraichean airson nan dreuchdan sin. Thathar a’ coimhead air Gàidhlig mar bhuannachd mhòr nuair a thathar a’ sireadh obair ann an roinnean mar thurasachd, teagasg, craoladh agus obraichean eile co-cheangailte ri cultar.
A thuilleadh air a bhith na cànan ùidheil agus na pàirt deatamach de dhualchas na h-Alba, tha Gàidhlig aig teis-meadhan beatha iomadach neach san latha an-diugh. Chan e a-mhàin gun toir Gàidhlig tuigse dhut air eachdraidh, òrain agus litreachas, ach cuidichidh i thu nad bheatha obrach. Tha ceudan de dh’obraichean a-nis ann an Alba do dhaoine le Gàidhlig, agus mar a dh’fhàsas coimhearsnachd na Gàidhlig, ’s ann a tha dùil gun tèid an àireamh de dh’obraichean Gàidhlig am meud.
Nuair a tha daoine a’ dol a-staigh gu agallamh, tha iad an-còmhnaidh ag iarraidh gum bi cothrom thar chàich aca. Tha sinne aig mygaelic.com den bheachd gun toir a’ Ghàidhlig an cothrom sin dhut nuair a thig e gu bhith soirbheachadh nad dhreuchd.