Coltach ri gach cànan eile, chan e dìreach dòigh-conaltraidh a th’ ann an Gàidhlig. ’S e sluagh a th’ innte: dòigh-beatha, lèirsinn, tuigse, ùrnaigh, roghainn, beachd, dualchas, cultar, eachdraidh, sgeulachd, òran, deasbad, mionnan, smuain agus iomadh nì eile dhuinne, na daoine a tha air ar ceangal le Gàidhlig.
Tha eachdraidh fhada, chaochlaideach aig a’ chànan agus na Gàidheil a thàinig bho Èirinn o thùs agus a sgaoil air feadh Alba. Aig àird an t-siùil-mhara, bha Gàidhlig ri cluinntinn cha mhòr air feadh Alba, agus i ga bruidhinn aig seann rìghrean na dùthcha. An-diugh tha nas lugha na 60,000 duine ga bruidhinn ann an Alba, ach thàinig aithne oifigeil do Ghàidhlig mu dheireadh thall le Achd na Gàidhlig, agus stèidhicheadh Bòrd na Gàidhlig, o chionn ghoirid.
Tha dòchas ann a-nis gun tig piseach air cùisean, gun stad an crìonadh agus gum fàs an cànan a-rithist. Tha barrachd dhaoine na bha ann riamh ag ionnsachadh Gàidhlig agus a’ toirt buaidh air a’ chànan agus an cultar. Tha daoine gun Ghàidhlig, ’s dòcha, nas deiseile taic no spèis a shealltainn don Ghàidhlig. Tha sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu agus Inbhir Nis, agus aonadan Gàidhlig ann an iomadh sgoil eile. Tha daoine a’ tòiseachadh a’ tuigsinn rud air an robh fios aig na Gàidheil fhèin o chionn fhada: ged as e mion-chànan a th’ ann an Gàidhlig, chan e mion-shluagh a th’ anns na Gàidheil. Tha sinn nar n-Albannaich, no nar Canadianaich, no nar Gearmailtich, no nar n-Eòrpaich, no nar buill den daonnachd mhòir. Agus tha sinn nar Gàidheil.
Seo agad Gàidhlig, seo agad an saoghal.