- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Fiosrachadh mu Bhuidhnean (Organisations)
Còisirean - Tha còisirean Gàidhlig air feadh (throughout) an t-saoghail. Tha tòrr ann an Alba, ann an àiteachan mar Dùn Èideann, Obar Dheathain agus anns na h-Eileanan Siar. Tha còisirean Gàidhlig ann an Astràilia, Canada agus Argentina cuideachd. Tha làrach-lìn (website) aig Comunn nan Còisirean airson còisirean Gàidhlig.
Leabhraichean
Tha na nobhailean (novels) aig Ùr-sgeul gu math soirbheachail (successful), agus tha iad a’ còrdadh gu mòr ri daoine. Fhuair an leabhar ‘Ath-aithne’ aig Màrtainn Mac an t-Saoir duais (prize) airson Leabhar Ùr na Bliadhna ann an 2003. ’S e ‘Ath-aithne’ a’ chiad leabhar bho Ùr-sgeul, agus bha nobhail eile bho Ùr-sgeul, ‘An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn’ le Aonghas Pàdraig Caimbeul, san ochdamh àite air liosta (list) de na 100 leabhraichean Albannach as fheàrr anns An List.
Fàs
Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh gum bi 65,000 duine a’ bruidhinn Gàidhlig ann an 2021. ’S e sin pàirt den a’ phlana aca. Chunnaic sinn a’ chiad Phlana Nàiseanta na Gàidhlig ann an 2007, agus tha iad an dòchas gum fàs cultar agus cànan nan Gàidheal.
Foghlam
Tha 2,161 sgoilearan a’ dèanamh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (Gaelic Medium Education) anns a’ bhun-sgoil an-dràsta. Tha 968 sgoilearan a’ dèanamh Gàidhlig airson fileantaich, no a’ dèanamh cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig, anns an àrd-sgoil an-dràsta. Tha 2,733 sgoilearan a’ dèanamh Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh anns an àrd-sgoil an-dràsta.
Comann nam Pàrant - Buidheann (organisation) airson pàrantan le clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Craoladh (Broadcasting)
Thòisich sianal (channel) telebhisean ùr ann an Gàidhlig san t-Sultain 2008. ’S e BBC Alba an t-ainm a th’ air. Tha iad a’ sealltainn diofar phrògraman. Chì thu spòrs, dràma agus tòrr rudan eile air an t-sianal. Tha MG Alba agus am BBC a’ smaoineachadh gun cosg iad £16.5 millean air prògraman telebhisean ùra ann an 2009.
Fèisean
Tha 43 Fèisean ann an Alba. Bidh clann ag ionnsachadh ceòl, seinn agus sgilean (skills) eile aig na Fèisean seo. Bidh leasanan Gàidhlig agus leasanan tro mheadhan na Gàidhlig aig na Fèisean cuideachd. Bidh mu 13,000 duine òg ag ionnsachadh aig Fèisean gach bliadhna. Tha Gàidhlig gu math cudromach anns na Fèisean.
