Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- TurasachdTourism TourismTurasachd
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Bho sgrìobhaidhean aig leithid an seann sgrìobhadair Greugach Ptolemy gu luchd-tadhail ainmeil eile mar Johnson agus Boswell, tha fianais gu leòr againn air an tarraing làidir a tha air a bhith aig Alba, agus gu sònraichte na sgìrean Gàidhealach, air daoine tro na linntean.
Ri ùine, thadhladh na bàird, luchd-ealain, rìghrean agus banrighrean, luchd-saidheans agus iomadh seòrsa neach-turais eile air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Agus ’s mòr an tarraing fhathast a tha aig Alba agus a’ Ghàidhealtachd air sàillibh nan seallaidhean eireachdail, an dualchas làidir agus ioma-thaobhach, an eachdraidh dhrùidhteach, an ceòl, na daoine, na tachartasan mòra agus ionadail, biadh ro-bhlasta, uisge-beatha cho math sa ghabhas, raointean golf ainmeil, na h-ealain, a’ mhuir, an tìr agus iarmailt neo-chrìochnach, agus fàilte mhòr air a h-uile duine.
An-diugh tha goireasan barraichte do luchd-turais sna sgìrean Gàidhealach, bho thaighean-bìdh iomraiteach gu taighean-òsta fiùghanta. Tha slighean coiseachd ann, rathaidean air a bheil fèill mhòr aig luchd nam baidhsagal, ionadan chur-seachadan a-muigh, calaidhean fasgach is uidheamaichte, agus lìonra còmhdhail a tha a’ sìneadh gu cha mhòr gach ceàrnaidh de dh’Alba. Agus tha raon turasachd ann a tha a’ sìor fhàs nas cudromaiche agus a tha a’ tàladh barrachd is barrachd dhaoine gu sgìrean mar a’ Ghàidhealtachd gu sònraichte – turasachd chultarach. An lùib an raoin lethchar ùr seo ann an gnìomhachas thurasachd na h-Alba, tha àite cudromach aig Gàidhlig agus dualchas nan Gàidheal. Tha soidhnichean rathaid dà-chànanach agus iomairtean mar Cearcaill na Gàidhlig agus Gàidhlig air a’ Bhàta a’ tarraing aire dhaoine gu dualchas na Gàidhlig, agus gu na sgìrean Gàidhealach.
Ann am margaidh anns a bheil farpais mhòr, tha an taobh Gàidhlig aig Alba a’ dèanamh diofar. ’S e cànan agus cultar a bhuineas do dh’Alba a th’ ann, ach anns a bheil ùidh aig iomadach neach air feadh an t-saoghail. Agus tha iad ag iarraidh tadhal air Alba gus am faigh iad a-mach tuilleadh mu dheidhinn.