Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Faic agus Dèan eSee and Do See and DoFaic agus Dèan e
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Latha blàth samhraidh a-muigh air bàta le oiteag gaoithe gad chumail fionnar, agus leumadairean-mara a’ gearradh tron uisge ri do thaobh, agus eilean air fàire mar sheud dìomhair sa chuan a’ feitheamh riut. Còmhdach sneachda air na beanntan, reodhadh san èadhar, agus geugan glasa uaigneach a’ sìneadh riut, gad stiùireadh gu ceum lùbach a-steach don choille. Eadar cèilidh beothail le ceòl agus crac agus sàmhchair shìtheil nan gleann àrda, tha rudeigin ann airson a h-uile duine ann an Alba agus air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.
Tha gu leòr rudan rin dèanamh agus rim faicinn, gu leòr sna sgìrean Gàidhlig, agus gu leòr le taobh Gàidhealach no Gàidhlig ann an Alba air fad. Seo agad taghadh dhiubh.
Air latha fliuch fiadhaich as t-Earrach 1746 chaidh am boillsgeadh dòchais mu dheireadh aig na Seumasaich a dhubhadh às nuair a sheas na loidhnichean daingeann dearga ris na fineachan Gàidhealach, agus nuair a dh’fhàillig an ionnsaigh iomraiteach aig na Gàidheil, a thug buaidh air iomadh blàr ann am Bliadhna Theàrlaich ron latha sin. Agus cha b’ e iomairt nan Seumasach a-mhàin a thuit air 16mh den Ghiblean, oir b’ e call mòr a bh’ ann do dhualchas agus cànan nan Gàidheal nuair a chaidh laghan a chur an gnìomh a bha ag amas air na fineachan Gàidhealach a cheannsachadh. Tha an t-ionad ùr seo a’ cur an cèill na thachair sa bhlàr agus ag innse mu eachdraidh na linne sin, agus na h-adhbharan a bha air cùl a’ bhlàir. Tro theicneòlas agus goireasan an latha an-diugh tha eachdraidh nan Gàidheal a’ tighinn beò, agus tomhas math den fhiosrachadh san ionad agus air an làrach-lìn aca ri fhaicinn ann an Gàidhlig agus Beurla.
’S ann ainmeil a tha Alba agus a’ Ghàidhealtachd airson cur-seachadan a-muigh, bho shreap is coiseachd gu baidhsagalan-beinne agus caidheagan (kayaks). Tha cruth-tìre agus bòidhchead na dùthcha a’ tarraing iomadach neach chun na Gàidhealtachd agus nan Eilean far a bheil grunn ionadan agus thachartasan a’ toirt cothrom dhaibh a bhith ri spàirn is spòrs. ’S e aon de na tachartasan as ainmeile th’ ann an Alba a thaobh chur-seachadan a-muigh, ‘An Tiree Wave Classic’, far a bheil daoine bho air feadh an t-saoghail a’ tadhal air Tiriodh gach bliadhna airson farpais mhòr eadar luchd siorfadh-gaoithe. Thòisich an fharpais seo ann an 1986 agus tha i a-nis aithnichte mar fharpais ìre Cupa Cruinne, agus tha i a’ tàladh mu 700 neach-tadhail chun an eilein. Ged nach e tachartas Gàidhlig a th’ ann, thathar ga chumail air eilean ann an Earra-Ghàidheal far a bheil tomhas math den t-sluagh a’ bruidhinn Gàidhlig.
Ma tha thu ag iarraidh sgil ùr ionnsachadh ann an sgìre Ghàidhlig ann an àrainneachd ghoireasach, thogarrach, cha bu mhiste dhut coimhead air na cùrsaichean goirid a tha gan cumail fad an t-samhraidh agus mu àm na Càisge gach bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. Pìobaireachd, fìdhlearachd, seinn, dealbhadaireachd, an fhìdeag, an cello, Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh, Gàidhlig do luchd-labhairt na Gaeilge, Gàidhlig do luchd-labhairt na Gearmailtis, agus iomadh rud eile: gheibh thu cothrom an leithid ionnsachadh aig Colaiste Ghàidhlig na h-Alba as t-samhradh. ’S fhada bhon a thòisich na cùrsaichean seo aig Sabhal Mòr, agus bidh daoine a’ dol air ais bliadhna às dèidh bliadhna gus tuilleadh ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil, leithid an fhìdhleir ainmeil Alasdair Friseil, agus bho thidsearan sgileil cànain. Siuthad, ’s dòcha gu bheil cothrom ionnsachaidh a’ feitheamh riut, a bheir ort tilleadh don Ghàidhealtachd bliadhna às dèidh bliadhna.
Chan eil dòigh nas fheàrr Eileanan Siar na h-Alba fhaicinn na bhith siubhal air bàta fo stiùir cuideigin as urrainn innse dhut mu dhualchas, eachdraidh, fiadh-bheatha agus sgeulachdan na sgìre. Tha grunn dhaoine a’ tabhann an dearbh seòrsa turais seo far a bheil an sgiobair gad thoirt timcheall cuid de na h-Eileanan Siar, agus fiù ’s a-mach gu ruige Hiort – an t-eilean iomallach, brèagha a bha riamh air fàire mac-meanmna nan Gàidheal. Gheibh thu cothrom coimhead air na h-eileanan mar a chunnaic na h-iomadh sluagh a thuinich annta thar nan linntean an toiseach: bhon mhuir. Agus gheibh thu cothrom gu leòr fiosrachadh a chluinntinn bho dhaoine a tha mion-eòlach air an àite, an àrainneachd agus na h-uisgeachan. Cuir eòlas air a’ mhuir le muinntir nan eilean.
Turas Mara – Turasan Mara bho Mhuile
VisitHebrides - Fiosrachadh mu thurasan mara anns na h-Eileanan Siar
Comann na Gàidhlig – Gàidhlig air a’ Bhàta
Nevis Range - The mountain experience for all seasons