Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Faic agus Dèan eSee and Do See and DoFaic agus Dèan e
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
Ma thig daoine a dh’Alba, chì iad tòrr sheallaidhean (views) brèagha. Chì iad eileanan bòidheach, chì iad beanntan àrda agus lochan fada. Tha cèilidhean beothail (lively) ann, agus gheibh daoine sìth (peace) a-muigh air a’ mhòintich (moorland), ma tha iad ag iarraidh sin.
Tha tòrr a’ dol anns na h-àiteachan far a bheil daoine a’ bruidhinn Gàidhlig, agus gu leòr thachartasan (events) ann an Alba le taobh (side/dimension) Gàidhlig.
Bha blàr (battle) ainmeil ann an Cùil Lodair ann an 1746 air latha fuar, fliuch. Chaill na Fineachan Gàidhealach (Highland Clans) a bha a’ toirt taic don Phrionnsa (Prince) Teàrlach. ’S e droch latha a bh’ ann cuideachd do chultar (culture) na Gàidhlig. Tha an t-ionad ùr seo ag innse mu dheidhinn dè thachair aig blàr Chùil Lodair, agus tha e ag innse mu dheidhinn na h-eachdraidh bhon linn (era) sin. Tha tòrr de an fhiosrachadh air an làrach-lìn (website) ann an Gàidhlig agus Beurla.
Tha Alba ainmeil airson cur-seachadan am-muigh (outdoor activities). Bidh daoine a’ tighinn a dh’Alba airson coiseachd, sreap, seòladh agus tòrr chur-seachadan eile. ’S e aon de na tachartasan (events) as ainmeil ann an Alba airson cur-seachadan a-muigh an ‘Tiree Wave Classic’. Bidh daoine bho air feadh (all over) an t-saoghail a’ tadhal air Tiriodh gach bliadhna airson marcachd thonn (windsurfing). ’S e farpais (competition) mhòr eadar-nàiseanta (international) a th’ anns an ‘Tiree Wave Classic’. Thòisich i ann an 1986 agus nuair a tha an fharpais ann, bidh mu 700 duine a’ tadhal air an eilean.
Ma tha thu ag iarraidh sgil (skill) ùr ionnsachadh ann an àite snog le goireasan (facilities) matha, bu chòir dhut (you ought to) a dhol gu Sabhal Mòr Ostaig airson cùrsa goirid. Bidh iad a’ teagasg tòrr chuspairean: pìobaireachd, fìdhlearachd (the fiddle), seinn, Gàidhlig agus iomadh rud eile. Bidh daoine a’ dol air ais don t-Sabhal Mhòr bliadhna às dèidh bliadhna far am bi iad ag ionnsachadh bho luchd-ciùil (musicians) agus tidsearan Gàidhlig a tha glè sgileil (skilful). ’S dòcha gu bheil cothrom ionnsachaidh (learning opportunity) ann dhutsa, carson nach cuir thu fòn an-diugh airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn.
’S e an dòigh as fheàrr na h-Eileanan Siar fhaicinn a bhith a’ falbh air bàta còmhla ri cuideigin a tha gu math eòlach air an sgìre (area). Bidh daoine anns na h-Eileanan Siar le eòlas mu dheidhinn eachdraidh agus dualchas (heritage) na sgìre a’ dol a-mach ann an bàtaichean. Bidh iad ag innse sgeulachdan do dhaoine mu na h-Eileanan Siar agus tha tòrr fiosrachaidh (information) aca mu dheidhinn nan eilean. Nuair a tha thu a’ falbh ann am bàta mar seo, tha thu a’ faicinn nan eilean mar a chunnaic a’ chiad daoine a bha a’ fuireach anns na h-Eileanan Siar iad: bhon mhuir.
Turas Mara - Turasan Mara bho Mhuile
VisitHebrides - Fiosrachadh mu thurasan mara anns na h-Eileanan Siar
Comann na Gàidhlig – Gàidhlig air a’ Bhàta (sgeama (scheme) turasachd)
Nevis Range - The mountain experience for all seasons