Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Fiosrachadh do Luchd-turais

’S e gnìomhachas uabhasach cudromach a th’ ann an turasachd do dh’Alba, agus e a’ cur £4 billean ri eaconamaidh na dùthcha gach bliadhna agus a’ cruthachadh 200,000 obair – agus tha e nas cudromaiche buileach do sgìrean Gàidhealach. Ann an dòigh dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil àiteachan mar a’ Ghàidhealtachd a’ dèanamh sanasachd orra fhèin, ri linn ’s cho bòidheach sa tha iad agus cho beartach agus brìoghmhor sa tha an cuid dualchais, agus chan fheumar an reic. Cò tha a’ dol a dhìochuimhneachadh a’ chiad turas a chì iad mòrachd a’ Chuilthinn san Eilean Sgitheanach, no cò troimhe nach deidheadh gairiseachadh nan seasadh iad air Druim Athasaidh air latha fuar, earraich coltach ri latha Chùil Lodair fhèin? Ach às aonais fiosrachaidh, cha bhi fhios aig daoine air an iomadh sealladh brèagha, no thèid iad seachad air na làraich eachdraidheil gun fhiosta.

Tha grunn ghoireasan air-loidhne a tha a’ toirt seachad fiosrachadh air leth feumail mu Alba agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, agus tha oifisean turasachd agus ionadan fiosrachaidh eile a’ còmhdach tòrr den dùthaich. Mas e àite-fuirich, tiogaid plèana, àite math airson biadh, no fios mu chur-seachadan airson an teaghlaich a tha dhìth ort, bu chòir am fiosrachadh a bhith ri fhaotainn air an eadar-lìon no ann an aon de an h-oifisean turasachd a tha pailt an Alba.

Fiosrachadh:

Caercaill na Gaidhlig

Skye

Gaelic Scotland Accommodation

Alba na Gàidhlig

Alba - Doras air-loidhne gu Alba

VisitScotland - Prìomh bhuidheann turasachd na h-Alba

VisitHebrides

VisitHighlands.

VisitScottishHeartlands

Tuath Ghàidhealtachd na h-Alba – Fiosrachadh turasachd mun sgìre

Celtic Fringe - Fiosrachadh mu thurasachd ann an Taobh Siar Rois

Baile agus Siorrachd Obar Dheathain – Fiosrachadh mun sgìre

Dorus Turasachd na h-Alba

explorescotland

Siubhal ann an Alba

Virtual Tourist - Fiosrachadh mu Alba

Follow us on: