Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Fiosrachadh mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha 14 Ùghdarrasan Ionadail bho air feadh na h-Alba a’ toirt seachad Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus thathar den bheachd gur e seo aon de na dòighean as èifeachdaich fileantas a ruighinn sa chànan. Tha ùidh mhòr air a bhith aig daoine ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Cuid de na buannachdan an lùib Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig:

• Tha rannsachadh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann o chionn ghoirid a’ sealltainn gu bheil clann ann am foghlam Gàidhlig a’ dèanamh cho math no nas fheàrr na clann a tha air an oideachadh ann aon chànan a-mhàin.

• Faodaidh clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhith fileanta ann an dà chànan, agus cuidichidh sin iad le bhith ag ionnsachadh chànanan eile.

• Tha cothrom aig daoine le dà chànan air litreachas, sealladh is farsaingeachd an dà chànain.

• Tha tuigse nas fheàrr aig daoine le Gàidhlig agus Beurla air mar a bhuineas iad ri dualchas na h-Alba.

• Le dà chànan gheibh sibh tòrr a bharrachd chothroman-obrach.

• Tha clann a tha air am bogadh ann an cànanan eadar-dhealaichte aig aois òg nas buailtich a bhith nas comasaich, na tha daoine aig nach eil ach aon chànan, nuair a thig iad gu bhith ri iomadh gnìomh aig an aon àm.

• Tha daoine le dà chànan nas fheàrr air leughadh, agus san fharsaingeachd tha e nas fhasa dhaibh cànanan eile ionnsachadh.


FOGHLAM GÀIDHLIG – AIRSON A H-UILE ÌRE


Faicibh gu h-ìosail airson ceanglaichean feumail:


Bòrd na Gàidhlig

Comann nam Pàrant

Comunn na Gàidhlig

Teagasg

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

Fèisean nan Gàidheal

Bilingualism Matters

Gaelic4Parents

Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle nan Eilean Siar

Wikipedia

Follow us on: