Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- A’ SiubhalTravel TravelA’ Siubhal
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Tha lìonra còmhdhail farsaing a’ ceangal bhailtean agus choimhearsnachdan na h-Alba, agus ged a tha beanntan àrda agus lochan fada a’ còmhdach cuid den dùthaich, ’s iomadh dòigh siubhail a bheir thu gu ruige do cheann-uidhe bho na Crìochan chun na Gàidhealtachd. Air an rathad, air rèile, aig muir no air plèana, tha roghainn chompanaidhean siubhail a’ frithealadh air Alba agus ga ceangal ris an t-saoghal mhòr. Tha pailteas thrèoraichean-siubhail cuideachd a bheir thu timcheall cuid de na sgìrean as bòidhche agus as ùidheil a th’ ann.
Nuair a thig thu chun na Gàidhealtachd agus nan Eileanan, uaireannan chan eil e buileach cho furasta do shlighe a dhèanamh ’s a tha e ann an ceann a deas na h-Alba. Ach eadar bhàtaichean-aiseig agus fiù ’s plèanaichean mara, tha cha mhòr daonnan dòigh ann àite a ruighinn. Air chois no air sgèith, siubhail agus cuir eòlas air an dùthaich mhòir a tha nas fhaisge na bha thu an dùil.
Ma tha thu ag iarraidh eòlas a chur air tìr nan Gàidheal, agus air cuid de na h-àiteachan as àlainne ann am Breatainn, ’s e aon de na dòighean as fheàrr sin a dhèanamh, Cearcaill na Gàidhlig] a leantainn. ’S e a th’ annta, taghadh de shlighean a bheir thu tarsainn na mara gu cuid a dh’eileanan Innse Gall, agus a bheir thu nas fhaisge air dualchas brìoghmhor nan Gàidheal. ’S ann stèidhichte air slighean aiseig Chaledonian Mhic a’ Bhruthainn a tha Cearcaill na Gàidhlig agus faodaidh tu sreath de chunntasan pearsanta a leughadh, a chaidh a sgrìobhadh mu na turasan eilein seo, fhad ’s a tha thu a’ siubhal. B’ ann le daoine aig a bheil tuigse mhath agus eòlas sònraichte air an eachdraidh, an dualchas agus an àrainneachd ionadail a chaidh an sgrìobhadh. Ma tha thu a’ lorg slighe chun na Gàidhlig, ’s fhiach e tòiseachadh le cearcall!
Steam train - from Fort William to Mallaig
Aiseagan
Busaichean
Eadar-lìon na h-Alba - Fiosrachadh mu bhusaichean ann an Alba
Trèanaichean
Plèanaichean