Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Cur-seachad

shutterstock_74687818_Entertainment

Bho thùs, b’ ann san taigh bu mhotha a bha cur-seachad stèidhichte sna coimhearsnachdan Gàidhlig, far am biodh daoine a’ seinn, a’ dannsa, ag innse sgeulachdan agus ri tòrr dhibhearsain eile agus sin uile mar phàirt den chèilidh. An-diugh, ge-tà, tha cur-seachad is dibhearsain nan Gàidheal air atharrachadh gu mòr, agus tha e air sgaoileadh chun an telebhisein, an eadar-lìon, an rèidio agus prògraman fòn-làimhe a-nis.

Tha buidhnean mar MG ALBA agus Radio nan Gàidheal a’ dèanamh phrògraman Gàidhlig aig ìre nach fhacas riamh, agus iad ag oideachadh, a’ foghlamachadh agus a’ toileachadh mhìltean is mìltean de luchd na Gàidhlig ann an Alba, agus tha iad cuideachd a’ cur Gàidhlig fa chomhair luchd-amhairc is luchd-èisteachd bho air feadh an t-saoghail.

Fhad ’s a tha cur-seachad nan Gàidheal a’ fàs, tha barrachd is barrachd roghainn ann airson a h-uile duine. Tha rudan ann do dh’fhileantaich, luchd-ionnsachaidh agus daoine aig nach eil mòran eòlais air a’ Ghàidhlig. Còrdaidh cho math agus a tha na prògraman telebhisein agus goireasan eadar-lìon ri daoine a tha dèidheil air stuth craolaidh math, oir tha fo-thiotalan rim faotainn airson tòrr phrògraman.

Follow us on: