- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Sgoil Choimhearsnachd ann an Glaschu
Ceisteachan
Aig tòiseach 2011, chaidh sreath (series) de chlasaichean neo-fhoirmeil a chumail anns a choimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig mar seòrsa de phròiseact philot.
Chaidh seo a chur air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu ag amas air inbhich sa bhaile a bha feumach air cothroman Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean mì-fhoirmeil agus eadar-dhealaichte bhon àbhaist.
Thathar an dùil sreath eile a chur air dòigh san àm ri teachd ma 's e is gu bheil iarrtas ann air a shon. Mar sin, nam biodh ùidh agad fhèin anns an Sgoil Choimhearsnachd seo, bhiodh iad air leth taingeil nan robh 5 mionaidean agad gus an ceisteachan (survey) seo a lìonadh.
