Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Seallaidhean

Tha dealbh againn uile nar n-inntinn den Ghàidhealtachd, no de na h-eileanan, no de Ghàidheal. Agus tha a’ mhòr-chuid againn air dealbh-camara no dhà a thogail fhad ’s a bha sinn air ar saor-làithean no air turas don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Ach às bith cia mheud dealbh a thog thu no cia mheud sealladh a chì thu, tha an còmhnaidh ìomhaigh ùr a’ feitheamh riut nuair a thadhlas tu air a’ Ghàidhealtachd no nuair a thèid thu gu ceàrnaidh sam bith de dh’Alba. Le sìde agus solas a tha a’ sìor atharrachadh, tha seallaidhean na Gàidhealtachd agus na h-Alba a’ mùthadh agus a’ nochdadh ann an cruthan eadar-dhealaichte fad an t-siubhail. Air a’ mhonadh no sa bhaile, tha cuimhneachan agus ìomhaighean ùra rin togail. Carson nach toir thu dhuinn do shealladh air a’ Ghàidhealtachd agus na Gàidheil?

Faic ìomhaighean de thìr nan Gàidheal:

Cearcaill na Gàidhlig - Turas tro dhealbhan: An t-Òban gu Barraigh, Èirisgeigh, Uibhist a Deas, Uibhist a Tuath, An t-Eilean Sgitheanach agus Mallaig

Cearcaill na Gàidhlig – Turas tro dhealbhan: An t-Òban gu Muile, Àird nam Murchan agus an t-Eilean Sgitheanach

Cearcaill na Gàidhlig – Turas tro dhealbhan: An Gearasdan gu Mallaig, An t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath, Beàrnaraig, Na Hearadh, Leòdhas agus Ulapul

Cearcaill na Gàidhlig – Turas tro dhealbhan: Ceann na Creige, Colbhasa agus an t-Òban

Cearcaill na Gàidhlig – Turas tro dhealbhan: Tiriodh chun an t-Òbain

Cearcaill na Gàidhlig – Turas tro dhealbhan: Na h-Eileanan Beaga – Eilean nam Muc, Eige, Rùm agus Canaigh

Ìomhaighean na Gàidhealtachd

Dealbhan den Ghàidhealtachd

Skye Media -Dealbhan den Ghàidhealtachd

Fotosearch - Còrr is mìle dealbh den Ghàidhealtachd a tha saor agus an asgaidh ma tha sibh ag iarraidh an cleachdadh

Follow us on: