Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

SEALL - SEO BBC ALBA

BBC ALBA Logo (2 colour PMS)

BBC ALBA A’ TOISEACHADH AIR FREEVIEW (ÀIREAMH 8) AGUS CÀBALL (ÀIREAMH 188)

Chaidh clach-mhìle ann an craoladh Gàidhlig a ruighinn an-diugh (Diluain 23 Cèitean) le ainmeachadh ceann-là airson a BBC ALBA tòiseachadh air Freeview.

Bidh BBC ALBA ri fhaotainn air Seanail 8 Freeview bho 8 Ògmhìos, agus mar sin bidh cothrom aig a h-uile dachaigh air feadh Alba air an t-seanail telebhisein Ghàidhlig fhaicinn.

Choinnich daoine ainmeil leithid Cathy NicDhòmhnaill, Eòghainn MacEanraig bhon chòmhlan ciùil Mànran agus an cleasaiche Peter Mullan, aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gus fàilte a chur, cuide ris na sgoilearan, air an naidheachd seo agus taic a chur ris an t-seanail agus ris an leasachadh ùr a tha seo gu Freeview agus Càball.

Bha Siobhan NicAonghais agus Derek Mac an Tòisich bhon phrògram chloinne ‘De a-nis?’ an làthair cuideachd gus coinneachadh ris na sgoilearan.

Thoisich BBC ALBA a’ craoladh air Càball aig Virgin Media (àireamh 188) air an 18mh Cèitean. Chun seo, chan robh BBC ALBA ri fhaicinn ach air Sky agus Freesat, agus taghadh de phrògraman a bhathar a’ lìbhrigeadh air BBC iPlayer tron choimpiutar agus air Virgin Media.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba Ailig Salmond: "Tha BBC ALBA air ùidh agus mac-meanmna luchd na Gàidhlig agus feadhainn aig nach eil an cànan a ghlacadh on a thoisich e ann an 2008.

“Bidh an cothrom an t-seanail fhaighinn air Freeview na dòigh air ruigsinneachd BBC ALBA a leudachadh, a dhreuchd mar chraoladair nàiseanta a neartachadh, agus nì e cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine air feadh na dùthcha a phrògraman de dheagh chàileachd fhaicinn.

“Tha leudachadh ruigsinneachd BBC ALBA cuideachd a’ toirt taic do dh’obair leantainneach an Riaghaltais gus a bhith a’ stèidheachadh seasmhachdas don Ghàidhlig agus sinn a’ comharrachadh na tha an cànan a’ cur ri ar cultar agus beatha na h-Alba agus a’ brosnachadh ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh na dùthcha.”

Thuirt Cathraiche MG ALBA, Alasdair Moireasdan: ‘Se clach-mhìle air leth a th’ann airson craoladh Gàidhlig gu’l BBC ALBA a-nis ri fhaighinn air Freeview agus Càbal. Tha sinn moiteil le mar a tha a’ soirbheachadh leis an seanail gu ruige seo. Tha BBC ALBA a’ tarraing luchd-labhairt na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh. “Tha sinn air leth toilichte gur ann air seanail a h-ochd (8) a gheibhear BBC ALBA air Freeview – bidh seo goireasach don luchd amharc againn agus dhan luchd amharc ùr a thig thugainn”.

Thuirt Coinneach MacGuaire, Stiuiriche a' BhBC an Alba, "Tha fios againn gu bheil an fharsaingeachd agus am beartas de phrògraman a' còrdadh ris an luchd amhairc a tha air a bhith a’ coimhead BBC ALBA chun a seo. Bheir craoladh air Freeview agus Càball a thuilleadh air saideal a-nis an aon chothrom dhan a h-uile duine ann an Alba.”

Tha BBC ALBA air mòran a chur ri craoladh ann an Alba agus ri gnìomhachasan cruthachail na dùthcha. Tha na prògraman a nochdas air an t-seanail air an deasachadh le raon farsaing de chompanaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach a tha stèidhichte air feadh na h-Alba cuide ri programan a tha am BBC agus STV a’ libhrigeadh do BhBC ALBA.

Tha prìomh àite aig an t-seanail cuideachd ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig agus ann a bhith a’ toirt taic do ionnsachadh a’ chànain tro bhith a’ craoladh phrògraman do luchd-ionnsachaidh agus dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig.

Follow us on: