Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Ministear an Riaghaltais a’ cur fàilte air a’ chiad Phlana Gàidhlig ann an craoladh

‘S e tè de phrìomh chompanaidhean telebhisein na dùthcha, mneTV, a tha a’ lìbhrigeadh phrògraman spòrs leithid ball-coise bhon SPL, rugbaidh bho Lìog Mhagners, Ceòl Dùthchail, Dannsa agus agallamhan le rionnagan mòra saoghal nan ealan is cur-seachad, a’ chiad bhuidheann bho shaoghal craolaidh a th’air Plana Gàidhlig a dheisealachadh agus aontachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Mar chompanaidh phrìbheadach, chan eil mneTV air a meas mar “bhuidheann poblach” fo Achd na Gàidhlig agus air sgàth sin a’ tighinn fo impidh far a feumar leithid de Phlana a dhealbh. ‘S e a’ chompanaidh fhèin a ghluais gus plana a dheasachadh mar mheadhan air ceumanan a ghabhail air slighe a chruthachadh gu Dealbhadh Gàidhlig ponngail agus seasmhach a chur an gnìomh, agus chaidh am plana a chur air adhart chun Bhùird airson aonta.

Tha dlùth cheangal gu math làidir air a bhith eadar mneTV, a chaidh a stèidheachadh ann am Beinn na Faoghla ann an 1989 agus a tha le prìomh oifisean aig Cidhe a’ Chuain Sèimh ann an Glaschu, agus coimhearsnachdan na Gàidhlig tro chraoladh is prògraman telebhisein.

Thuirt Ailean Dòmhnallach, Àrd-Stiùiriche mneTV: “Ann an saoghal mòr nam meadhanan a tha a’ sìor atharrachadh, tha sinne a’ creidsinn gu mòr gum bu chòir rùintean agus miann coimhearsnachd na Gàidhlig aithneachadh taobh-staigh ar Plana Gàidhlig. ‘S e ceum gu math nàdarra a bh’ann dhuinn a bhith an coluadar gu foirmeil leis a’ Bhòrd agus tha sinn gu math moiteil gur e mneTV a’ chiad chompanaidh malairteach a rinn seo. Tha sinn cuideachd moiteil às an luchd-obrach againn an seo agus thall thairis, agus a tha a-nis gu follaiseach a’ cur an taic fhèin ri leasachaidhean Gàidhlig thar gach raon anns a bheil sinn an-sàs tro na meadhanan.”

Mar phàirt dhen Phlana Gàidhlig, bidh mneTV a’ misneachadh luchd-obrach agus luchd-compàirteachas gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig. Tha a’ chompanaidh cuideachd an dòchas gum misnichear òigridh le Gàidhlig a thighinn a dh’obair dhan ghnìomhachas còmhla ri mneTV agus anns na meadhanan Gàidhlig agus craoladh, agus gun cuirear taic ris a’ ghnìomhachas agus iomairtean trusaidh cosnaidh agus iomairtean eile leithid co-chruinneachaidhean dhreuchdan agus cosnaidh.

Gaelic Language Plan mneTV

Airson barrachd fiosrachadh: mneTV

Follow us on: