- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Soirbheas – Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Bhon a thòisich e sna 1980an, tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a dhol bho neart gu neart. Tha a-nis còrr is 3,500 sgoilear ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig ann am buidhnean ro-sgoile, sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil. Gheibh thu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an grunn roinnean comhairle agus tha e air soirbheachadh chun na h-ìre a-nis agus gu bheil sgoilearan a’ dol nan tidsearan airson an ath ghinealaich.
’S ann air am bogadh sa chànan a tha a’ chlann bhon fhìor thoiseach agus ri ùine tha iad a’ faighinn foghlam cho math ri gin sam bith agus iad fileanta agus le làn chomasan sgrìobhaidh is leughaidh ann an co-dhiù dà chànan, Gàidhlig agus Beurla. Gu dearbh, tha sgrùdaidhean air dearbhadh gu bheil sgoilearan Gàidhlig gu math tric a’ dèanamh nas fheàrr air Beurla nan cuid foghlaim na tha clann ann an sgoiltean Beurla a’ dèanamh.
Teisteanas
Gwen Culbertson, Ceannard Bun-sgoil Shlèite
“Thogadh mi fhèin agus mo pheathraichean ann an dachaigh dhà-chànanach. Tha mi air mo chuid foghlaim slàn fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig bho ro-sgoile fad an rathad suas gu ceum le urram. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil dà roghainn agam nuair a thig e gu iomadach rud: thug e tuigse shlàn dhomh air mo chultar is dualchas, nach biodh agam mura robh mi air m’ oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig.
“Mar thè de na ciad sgoilearan a thàinig tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu bhith nam neach-teagaisg agus an uair sin nam cheannard-sgoile – tha beachdan glè eadar-dhealaichte agam a-nis mu dè tha againn an-diugh agus dè tha romhainn. Tha cùisean gu tur eadar-dhealaichte bho mar a bha iad o chionn 20 bliadhna a thaobh ghoireasan. Tha Stòrlann againn a-nis, cùrsaichean airson pàrantan agus luchd-obrach nan sgoiltean, taic do phàrantan agus mar sin air adhart. Tha adhartas mòr air tighinn ann an ùine glè ghoirid, ’s tha mi làn chinnteach gun cùm seo a’ dol san àm ri teachd.
“’S e cothrom air leth a tha ann do gach pàiste ma gheibh iad an cothrom. Aon bheachd a tha fhathast aig tòrr dhaoine: ’s e nach urrainn dhaibh cuideachadh a thoirt dha na pàistean aca aig an taigh – ’s urrainn le taic. The Stòrlann air tòrr obair a dhèanamh a thaobh seo le goireasan beò agus clàraichte, ann an cuid de sgoiltean mar a tha againne tha clubaichean obair-dachaigh, cuid eile tha feasgaran far an tig sgoilearan agus pàrantan còmhla airson taic a thoirt dhaibh le obair-dachaigh. Rud a tha air iongnadh mòr a chur orm bhon a thòisich mi teagasg ’s e cho luath sa thogas clann a’ chànain gun fhios aca, ’s tha e ceart cho iongantach cho fileanta sa tha iad air Beurla fada mus ruig iad clas 7, ’s cho luath sa thogas iad cànanan eile cuideachd.
“Tha beartas mòr ri fhaotainn ann am foghlam dà-chànanach agus tha beartas cànain, dualchais agus cultair gu buileach sònraichte aig a’ Ghàidhlig, agus seach gu bheil mi fhìn nam thoradh dhen t-siostam, chanainn nam bheachd fhèin nach eil càil ann ach buannachdan do sgoilear a thèid tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.”
