Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Soirbheas (Success) – Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (Gaelic Medium Education)

shutterstock_18102784poetryweb

Dh’fhàs Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gu mòr bhon a thòisich e anns na 1980an. Tha a-nis barrachd agus 3,500 sgoilear ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus sgoiltean-àraich. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu math soirbheachail (successful) a-nis. Tha daoine a bha ag ionnsachadh Gàidhlig a-nis nan tidsearan Gàidhlig.

Tha sgoilearan ag ionnsachadh tron Ghàidhlig, agus nuair a tha iad deiseil anns a’ bhun-sgoil bidh iad fileanta ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Bidh iad ag ionnsachadh a bhith a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig, agus ann am Beurla cuideachd. Tha tòrr rannsachaidh (research) ag innse dhuinn cho math sa tha foghlam dà-chànanach (bilingual).

Teisteanas (testimony)

Gwen Culbertson, Ceannard (head teacher) Bun-sgoil Shlèite

“Thogadh mi fhèin agus mo pheathraichean ann an dachaigh far an robh sinn a’ bruidhinn Gàidhlig agus Beurla. Chaidh mi tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus rinn mu ceum le urram (honours degree) tro mheadhan na Gàidhlig. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil tuigse mhath agam air dualchas (heritage) nan Gàidheal agus dualchas na h-Alba.

“’S mise aon de na ciad daoine a rinn Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus a tha nan ceannard air sgoil Ghàidhlig. Tha an suidheachadh (situation) gu math eadar-dhealaichte (different) bhon a bha e nuair a thòisich mise ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig o chionn 20 bliadhna. Tha am buidheann (organisation) Stòrlann ann a-nis, a tha a’ toirt dhuinn goireasan (resources) sgoile, agus tha taic ann do phàrantan agus daoine a tha ag obair anns na sgoiltean.

“’S e cothrom (opportunity) fìor mhath a th’ ann am foghlam Gàidhlig do chloinn. Tha cuid a dhaoine a’ smaoineachadh nach urrainn dhaibh an cuid cloinne a chuideachadh le obair-sgoile. Ach tha goireasan ann a-nis bho Stòrlann agus tha clubaichean obair-dachaigh (homework) ann. Tha aon rud a’ cur iongnadh mòr orm (surprises me greatly), ’s e sin cho luath sa tha a’ chlann ag ionnsachadh Gàidhlig. ’S e rud uabhasach math a th’ ann am foghlam dà-chànanach (bilingual), agus tha mi ga mholadh (recommend) do dhuine sam bith.”

Follow us on: