Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
‘AIR AN STAIRSICH’ (ON THE THRESHOLD)
Bhon a fhuaras còrr is 150 freagairt anns an fharpais bheag, ‘Thoir Barail air a’ chuspair’, bha iomadh barail air a cur mar coinneimh an leithid “Dòchas”, “Iongantas”, “Fuasgladh”, “Fon Phrosbaig” agus “Saoghal Ùr”.
Dhùin an fharpais aig meadhan-oidhche Diciadain 15 Ògmhios, agus se Coinneach Bàn a rinn tomhas ceart air cuspair na bliadhna “Air an Stairsich”, ’s e a’ gleidheadh duais luach £200.
Tha FilmG a’ brosnachadh dhaoine a tha còrr is 12 bliadhna a dh’aois film goirid Gàidhlig a dhèanamh eadar trì is còig mionaidean a dh’fhaid. Thathar gu sònraichte ag iarraidh gun gabh luchd-ionnsachaidh agus daoine gun Ghàidhlig pàirt ann, agus gheibhear cuideachadh leis a’ chànan bho ThàlantG, buidheann taice FilmG. Tha dà phrìomh roinn anns a’ cho-fharpais, aon do dh’ Inbhich agus aon do dhaoine aois 12-17. Tha airgead agus greis gnìomhachais rim buannachadh mar dhuais, agus bidh a’ cho-fharpais a’ crìochnachadh le cuirm mhòr nan duaisean a bhios a’ comharrachadh nan daoine ealanta a rinn na filmichean.
Tha dreach ùr air làrach FilmG www.filmg.co.uk a tha a-nis air a dhol beò. Gheibhear fiosrachadh air a’ cho-fharpais am-bliadhna, air na roinnean agus mar a thèid thu an sàs innte. Tha cuid den làraich anns a’ bheairt fhathast, ach gheibhear a dh’aithghearr i. Anns an atharrach, lorgaidh tu sinne aig FilmG Alba air Facebook agus Twitter. ’S e 6 Faoilleach 2012 an ceann-là airson cur a-steach do cho-fharpais FilmG.
Mar a rinneadh sna bliadhnachan roimhe, bidh FilmG a’ tabhann trèanadh do dhaoine a tha ag iarraidh pàirt a ghabhail ann, ach as dòcha nach eil eòlach air filmeadaireachd. Thèid cothroman trèanaidh a chur air bhonn san t-Sultain am-bliadhna le deireadh-seachdain làn bhuidhnean-obrach filmeadaireachd ann an Sabhal Mòr Ostaig, an t-Eilean Sgitheanach anns am bi leasachadh sgriobta, stiùireadh, obair chamara, clàradh fuaime agus gearradh, mun tig clàr slàn de bhuidhnean-obrach do dh’ inbhich agus dhaoine aois 12-17 a thèid an chumail air feadh na h-Alba.
Ma tha ceist agad mun cho-fharpais am-bliadhna, mun trèanadh no mu nì sam bith eile co-cheangailte ri FilmG, cuir fios do Eilidh aig fios@filmg.co.uk no 01471 888 505