Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann le uallach airson adhartachadh is leasachadh na Gàidhlig a thuilleadh air a bhith a’ comhairleachadh Ministearan Riaghaltas na h-Alba, air fàilte a chur air an fhiosrachadh ann an aithisg ùr HMIE mu fhoghlam Gàidhlig gu bheil neartan cudromach ann am Foghlam Gàidhlig, agus gu sònraichte ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig do sgoiltean, cheannardan agus chom-pàirtichean uile.
Tha am Bòrd a’ cur fàilte air co-dhùnaidhean na h-aithisg, le bhith a’ togail air na neartan sin gum bi an comas aig Alba a bhith na mhodail eadar-nàiseanta de dheagh chleachdadh ann a bhith ag àrdachadh choimhearsnachdan mion-chànanach air feadh na Roinn Eorpa.
Tha an aithisg a’ togail air priomh roinnean a th’ air cur ris an àrd-ìre de dh’fhoghlam Gàidhlig a fhuaireadh le luchd-sgrùdaidh. Tha an aithisg cuideachd air eòlas a chur air nithean a tha a’ cur bacadh air a leithid de sheirbheis agus a’ deanamh mholaidhean a th’ air an dèanamh a dh’aon ghnothaich mar fhreagairt do na bacaidhean seo .
Tha na prìomh thoraidhean a thogadh ann an Ro-Innleachd Nàiseanta Foghlaim Gàidhlig, a bhios aig cridhe an dàrna Phlana Nàiseanta na Gaidhlig, gan deasbad ann an dreach le Bòrd na Gàidhlig an-diugh (Diciadain 22 Òg Mhìos) aig coinneamh ann an Steòrnabhagh.
Tha an dreach Ro-Innleachd Foghlaim Gàidhlig Nàiseanta air a leasachadh le Bòrd na Gàidhlig ann an com-pàirteachas le buidhnean nàiseanta, Ùghdarrasan Ionadail agus prìomh luchd-ùidh eile le uallach airson taic a chur ri agus liubhairt Foghlam Gàidhlig.
Thuirt Màiri Nic Ille Mhaoil, Leasaiche Foghlaim is Ionnsachadh a’ Bhùird: “Tha rannsachadh neo-eisimeileach air buannachdan dà-chànanas co-cheangailte ri Foghlam Gàidhlig a thaisbeanadh mar-thà . Tha an aithisg seo, “Foghlam Gàidhlig: A’ togail air nithean soirbheachail, a’ dèiligeadh ris na bacaidhean” a’ togail gu cuideachail air na soirbheachaidhean agus na cothroman co-cheangailte ri Foghlam Gàidhlig agus na cnapan-starra air am feumar faighinn thairis gus dèanamh cinnteach à leasachadh leantainneach. Tha seo gu mòr a rèir an fheallsanachd agus a rèir nam prionnsapalan aig Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tha sinn a’ coimhead air adhart a-nis ri bhith ag obair gu dlùth le ar com-pàirtichean gus togail air na soirbheachaidhean agus faighinn seachad air na cnapan-starra. Bidh seo a’ gabhail a-steach mar eisimpleir, seirbheis tràth-bhliadhnaichean, pàrantan, ceannardan-sgoile agus leasachadh proifeiseanta leantainneach. Far a bheil sin riatanach, le taic bho ar com-pàirtichean, bheir sinn comhairle do Mhinistearan mu stiùireadh sam bith eile air foghlam tron Ghàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil an siostam ag obair gu h-èifeachdach do gach neach.”