Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Cultar

Bhiodh e furasta smaoineachadh air dualchas no fiù ’s dùthchas nuair a smaoinicheas tu air cultar, agus bhiodh tu ceart a ràdh gur e pàirt cudromach de ar cultar a th’ ann an dualchas (ma tha thu a’ coimhead air dualchas ann an seagh eachdraidheil). Ach tha cultar coltach ri èadhar: tha sinn ga tharraing a-staigh, tha e timcheall oirnn, ach nuair a thig e gu bhith a’ greimeachadh air no ga fhaicinn, tha e cha mhòr do-dhèanta. Ged as ann freumhaichte ann an dualchas agus eachdraidh a tha cultar, ’s ann air leth cudromach a tha an taobh co-aimsireil aige a tha a’ sgaoileadh gu ruige an t-àm ri thighinn.

Mar sin, nuair a bhruidhneas sinn air ar cultar, dh’fhaodamaid bruidhinn air croitearachd, ceòl punc Gàidhlig, taighean Gàidhealach, Fifi agus na Flùragan, seann òrain, iomain, poilitigs na sgìre, an clò Hearach, am PlayStation 3 agus mìle rud eile. Tha cultar na Gàidhlig cho farsaing ri cultar sam bith, ach tha rudan prìseil agus tarraingeach sa chultar nach fhaigh thu ann an cultar eile. Tha sinn uile nar pàirt den chultar sin, a’ cur ris agus ga atharrachadh. Siuthad, gabh gnothach ris, cuir ris agus thoir buaidh air!

An Opara Gàidhlig - An Opara Gàidhlig, Hiort

Punc Gàidhlig - Punc Gàidhlig? Seadh, tha e ann

Iomain - An spòrs Gàidhealach

The Mod

Fèisean - Fèisean teagaisg do dh’òigridh air am bogadh ann an dualchas nan Gàidheal

Julie Fowlis - Làrach-lìn an t-seinneadair Julie Fowlis

Norman MacLean - Blasad de chomadaidh eirmseach, dùbhlannach bho Tormod MacIllEathain

Sgeulachdan Traidiseanta

Podcasts ann an Gàidhlig

Culture Hebrides - Fiosrachadh mu chultar nan Eilean Siar

Cultar na Gàidhlig: Skye - Blasad air cultar na Gàidhlig bhon Eilean Sgitheanach

Leasachadh Cultarach - Fiosrachadh mu leasachadh chultar na Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus sgìrean faisg air prìomh bhaile na Gàidhealtachd

Alba na Gàidhlig - Beachd air beairteas na Gàidhlig

Wikipedia - Wiki a’ coimhead air Gàidhlig

Follow us on: