Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Gaelic4parents

Tòrr an seo airson pàrantan le clann ann am foghlam Gàidhlig bho bhuidhnean ro-sgoile suas gu clas 7 sa bhun-sgoil. Goireasan gu leòr a dh’fhaodas tu cleachdadh le do chuid cloinne, agus sibh ag ionnsachadh aig an aon àm. Tha geamannan ann, obair-ealain, abairtean, faidhlichean-fuaime, fiosrachadh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus bùird-bratha gus bruidhinn ri pàrantan eile mu dhiofar rudan co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig.

Tha an làrach-lìn seo gu math cuideachail mar ghoireas do phàrantan gun Ghàidhlig no gun chus Gàidhlig, agus do chloinn fhèin a tha ag iarraidh beagan spòrs tro bhith ag ionnsachadh. ’S iomadh cothrom a gheibh thu èisteachd ri faclan, stòiridhean agus òrain Ghàidhlig. Tha na faclan ann, agus the fiù ’s cothroman èisteachd ri leabhraichean slàn gan leughadh. Tha dealbhan-cluiche beaga ann cuideachd, agus iomadh rud spòrsail eile. Abair thusa toiseach-tòiseachaidh math do dhuine sam bith aig a bheil clann ann am foghlam Gàidhlig, no a tha ’s dòcha am beachd an cuid chloinne a chur gu foghlam Gàidhlig.

5 rionnagan.
http://www.gaelic4parents.com/

Follow us on: