Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Carson a tha thu a’ dol a dh’ionnsachadh Gàidhlig?

by mygaelic.com

Carson a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig? ’S e spòrs a th’ ann! Tha caraidean ùra agad. Chì thu an saoghal ann an dòigh eile. Bidh tuigse nas fheàrr agad air feadhainn de (some of) na h-òrain as brèagha a th’ ann.

Bidh thu nad phàirt de chultar beairteach (rich) agus beothail (lively). Bidh cothrom agad air obraichean ùra. Bidh tuigse nas fheàrr agad air ainmean-àite (place names) na h-Alba agus eachdraidh na h-Alba. ’S dòcha gun robh Gàidhlig san teaghlach agad. Tha tòrr adhbharan (reasons) ann. Agus tha thu a’ lorg do chuid Gàidhlig. ’S e a’ cheist a bu chòir do dhaoine a bhith a’ faighneachd, carson nach eil mi ag ionnsachadh Gàidhlig!

Carson a tha thu a’ dol a dh’ionnsachadh Gàidhlig?

Alasdair MacCallum

Alasdair MacCaluim – Oifigear Leasachaidh (Development Officer) Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba

*“Tha tòrr adhbharan (reasons) ann airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bheir e dhut barrachd tuigse air ainmean-àite (place names) na h-Alba agus air Alba san fharsaingeachd (in general). Thogadh mi fhèin ann an Siorrachd Lannraig agus bha tòrr ainmean Gàidhlig ann mar Gart Cois (Gartcosh), An Àird Ruigh (Airdrie), Gart Searraich (Gartsherrie), Cathair Ceann Tulaich (Kirkintilloch), Comar nan Allt (Cumbernauld) agus mar sin air adhart. Le Gàidhlig, tha mi a’ faireachdainn nas Albannaich agus nas ceangailte (connected) ris an sgìre agam. Tha tòrr chothroman-obrach ann (job opportunities) ma tha Gàidhlig agad.

“’S e an rud as cudromaiche (most important) mu bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig gum bi thu a’ cur ri fàs na Gàidhlig. Bidh barrachd dhaoine ag iarraidh sheirbheisean (services) tro mheadhan na Gàidhlig. Cuideachd, chan eil mòran dhaoine ag ionnsachadh Gàidhlig don chloinn aca an-diugh, agus cuidichidh luchd-ionnsachaidh le seo. Oir, bidh cuid den luchd-ionnsachaidh ag ionnsachadh Gàidhlig don chloinn aca fhèin.”*

Susie Hardy

Siùsaidh Hardy – Fo-cheannard Foghlam Fad Beatha (Deputy Head of Lifelong Learning) aig Sabhal Mòr Ostaig

*“Thàinig mi fhìn gu Gàidhlig barrachd air fichead bliadhna air ais a-nis. Bha an t-Eilean Sgitheanach air leth cudromach dhomh, na seallaidhean brèagha, an cultar, an eachdraidh agus rudeigin a tha fhathast doirbh dhomh a mhìneachadh (difficult for me to explain) – bha mi a’ faireachdainn gur e sin bu chòir dhomh a dhèanamh gu pearsanta. Tha adhbharan (reasons) pearsanta aig a h-uile duine airson Gàidhlig ionnsachadh – ceòl (Runrig, còisirean, mòdan); ainmean-àite agus sreap nam beanntan; sloinntearachd (genealogy); tha an liosta fada. ’S e saoghal eile a th’ againn sna làithean seo airson luchd-ionnsachaidh agus tha pàirt cudromach aca ri chluich le bhith a’ cumail Gàidhlig làidir is beò. Tha barrachd stuth-ionnsachaidh (learning materials) agus taic rim faighinn na bha riamh roimhe (ever before), m.e. air an eadar-lìon (internet), rèidio, telebhisean, cùrsaichean air astar (at distance literally/ referring to distance learning), leabhraichean, agus irisean (magazines) (m.e. Cothrom).

“’S dòcha gur e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson cloinne an rud as cudromaiche a tha a’ tachairt ann an saoghal na Gàidhlig an-diugh. Tha àrd-sgoil Ghàidhlig againn ann an Glaschu a-nis, agus tha bun-sgoiltean a’ dol a nochdadh (appear) ann an sgìrean eadar-dhealaichte (different areas) ann an Alba. Mar thoradh air seo (as a result of this) tha barrachd phàrantan ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh. Tha iad a’ cur an cuid chloinne tro fhoghlam Gàidhlig, oir tha fhios aca gu bheil rudeigin prìseil (valuable) mu dheidhinn cànain agus cultair na Gàidhlig.

“Tha mi fhìn air a bhith fortanach tro na bliadhnaichean, fhuair mi obair le buidhnean (organisations) far a bheil Gàidhlig ga cleachdadh, agus cuideachd tro m’ obair aig Clì Gàidhlig agus aig Sabhal Mòr Ostaig, bha cothrom (chance) agam taic agus brosnachadh (encouragement) a thoirt do luchd-ionnsachaidh. Tha cothroman ùra aig daoine òga (agus an fheadhainn nach eil cho òg) obair le Gàidhlig a lorg (find). Tha seo uile a’ sealltainn mar a tha Gàidhlig na cànan a tha freagarrach (appropriate) don 21mh linn (21st Century).”*

Donald John MacIntyre

Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir – Stiùiriche (Director) Clì Gàidhlig

"Chan eil àm nas fhèarr na an-dràsta airson a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. San t-Sultain 2008 thòisich an sianal (channel) ùr, BBC Alba, agus tha tòrr dhaoine a’ coimhead air. Tha ionnsachadh tro mheadhan na Gaidhlig anns na sgoiltean aig ìre (level) gu math àrd agus tha sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu agus Inbhir Nis a’ dol gu làidir. Tha Achd (Act) na Gàidhlig ann a-nis agus Plana Nàiseanta agus tha planaichean Gàidhlig a’ dol a bhith ann airson bhuidhnean poblach (public organisations) agus tha buidhnean nàiseanta gu bhith togail Gàidhlig aig an àite obrach (work place), gu dearbh ann an àite sam bith."

Carson a bu chòir dhomh ionnsachadh? "Tha gu leòr a tha ag ionnsachadh Gàidhlig dìreach airson dùbhlan (challenge) ùr. Tha feadhainn (some people) ann nach do smaoinich riamh air Gàidhlig ionnsachadh, mar sin carson nach feuch sibh? Tha mi cinnteach gu bheil sibh a’ toirt an aire (taking notice) gu bheil Gàidhlig beò ann an gu leòr sgìrean (areas), agus feadh (throughout) an t-saoghail. Ma tha sibh a dol a dh’ionnsachadh Gàidhlig neo a’ dol ga bruidhinn, tha sin a’ dol a dh’fhosgladh dorsan dhuibh agus a’ dol a thoirt dhuibh eòlas (knowledge) ùr nar beatha."

Cultar "A bheil sibh a’ fuireach ann an Alba ach cha robh cothrom (opportunity) agaibh roimhe seo an cànan eile aig Alba ionnsachadh? A bheil sibh air tighinn bho dhùthaich (country) eile agus bu toil leibh eòlas fhaighinn air ar cultar agus ar cànan? Carson nach fhaigh sibh àite air cùrsa Gàidhlig agus aig an aon àm blasad (taste) fhaighinn air a dà chuid."

Obair anns a’ Ghàidhlig "Tha sinn a’ faicinn barrachd Gàidhlig ga cleachdadh anns an t-saoghal gnìomhachais (business world) agus tha gu leòr ag ionnsachadh Gàidhlig airson nan cothroman obrach (job opportunities) aca a leudachadh. ’S dòcha gum biodh e nas fhurasta obair fhaighinn ma tha Gàidhlig agaibh?"

Teaghlach "A bheil ar cuid chloinne ag ionnsachadh Gàidhlig anns an sgoil? Am bu toil leibh cuideachadh a thoirt dhaibh a thaobh obair-dachaigh? Tha cothroman gu leòr ann Gàidhlig ionnsachadh fhad ’s a tha a’ chlann anns an sgoil. Carson nach feuch sibh agus aig an aon àm bidh sibh ag ionnsachadh còmhla ri ur cuid chloinne."

Chan eil ùine agam "Tha fios againn gu bheil ag ionnsachadh Gàidhlig a’ toirt ùine (takes time), agus chan eil e furasta ùine fhaighinn airson cànan ionnsachadh, ach tha sinn cinnteach gu bheil Gàidhlig airidh (deserving) air an ùine sin. Nach cuimhnich sibh seo: bidh cothroman obrach nas fheàrr ma tha Gàidhlig agaibh; bidh cothroman a bhith ag ionnsachadh còmhla ri ur cuid chloinne agus gheibh sibh fiosrachadh agus eòlas air eachdraidh agus Cultar ar dùthcha."

Òg neo Seann "Chan eil e gu diofar dè an aois a tha sibh. Deas (active) inntinn, deas cridhe!"

Càite am faigh mi fiosrachadh "Anns an latha a th’ ann an-diugh tha buidhnean gu leòr ann a’ tairgsinn (offering) chùrsaichean Gàidhlig agus tha làraich-lìn (websites) ann cuideachd. Chan eil agaibh ach brath (message) a chur thuca agus gheibh sibh fiosrachadh air an dòigh as fheàrr air adhart airson an iarrtas agaibhse (your requirements)."

Misneachd (Confidence) "Tha gu leòr againn a bhitheas a’ tuisleadh (stumbling) nuair a tha sinn ag ionnsachadh rud sam bith. ’S ann airson sin a tha e nas fheàrr a bhith ann am buidheann agus sibh a’ tuisleadh còmhla. Bidh ur caraidean toilichte stiùireadh (guidance) a thoirt dhuibh nuair a tha sibh a’ gabhail a’ chiad cheum (step) beag."

Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

ThaYes
Chain eilNo
Groups

NaidheachdanNews

Cuir sanas an seoAdvertise Here

Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

To advertise here, email advertising@mygaelic.com