- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Na Fèisean
Bha na Gàidheil riamh dèidheil air ceòl, òrain, beul-aithris, sgeulachdan agus air iomadh nì eile a gheibhear an cois cèilidh no cuirm, agus a tha nam pàirt cudromach den dualchas. Agus ged as ann pailt a bha luchd-ciùil is seanchaidhean sna làithean a dh’fhalbh, nar linn fhèin bha cunnart ann nach robh an ath ghinealach a’ dol a dh’ionnsachadh mu cheòl agus dualchas prìseil nan Gàidheal. Air sgàth a’ chunnairt seo, thòisich an sagart, Maighstir Cailean MacAonghais agus am pìobaire ainmeil an Dotair Aonghas Dòmhnallach a’ chiad Fhèis, Fèis Bharraigh, ann an 1981.
Ri ùine nochdadh còrr is 40 fèis teagaisg eile ann an Alba, agus thigeadh buidheann sgàilein, Fèisean nan Gàidheal, gus taic is rianachd a chumail ris na Fèisean. Tha na Fèisean seo a’ toirt cothrom do dhaoine, òg mar as trice, ionnstramaid, seinn no sgil fheumail eile ionnsachadh bho thidsearan a tha mion-eòlach air a’ cheàird no an cuspair aca. Tha Gàidhlig, bhon a thòisich na Fèisean, air a bhith aig cridhe ghnothaichean, agus tha seo fhathast an ìre mhath fìor agus Fèisean nan Gàidheal ag iarraidh air gach Fèis oidhirp a dhèanamh an cànan fhighe a-steach don obair agus don phògram aca. ’S ann às a’ choimhearsnachd a dh’èirich na Fèisean, agus ’s ann freumhaichte sna coimhearsnachdan a tha iad fhathast.
Mar thoradh air na Fèisean, chunnacas grunn luchd-ciùil òga tàlantach a’ nochdadh an cuid thàlantan aig consartan air feadh an t-saoghail. Agus tha feadhainn aca a-nis a’ teagasg an ath ghinealach. Tha ceòl is cànan a’ tighinn còmhla sna Fèisean gus dualchas nan Gàidheal a bhrosnachadh tro spòrs is ionnsachadh, agus cha mhòr nach eil fèisean ùra a’ nochdadh gach bliadhna. Fàs nam fèisean, adhbhar dòchais eile don Ghàidhlig.
Find out more:
25 Bliadhna de na Fèisean – Leabhar
