Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Na Fèisean

Bha na Gàidheil riamh dèidheil (keen) air ceòl, òrain, sgeulachdan agus iomadh rud eile a chluinneas tu aig cèilidh. Anns na seann làithean bha tòrr dhaoine ann a bhiodh a’ seinn òrain, ag aithris bàrdachd agus a’ cluich ceòl. Ach anns na 1980an bha dragh air daoine nach robh daoine òga ag ionnsachadh nan sgilean (skills) traidiseanta Gàidhlig seo. Mar sin, thòisich an sagart (the priest) Maighstir Cailean MacAonghais agus am pìobaire ainmeil an Dotair Aonghas Dòmhnallach Fèis Bharraigh ann an 1981. ’S e sin a’ chiad tè de na Fèisean.

Tha a-nis barrachd agus 40 fèis ann an Alba. Bidh iad a’ teagasg diofar chuspairean aig na Fèisean: seinn, ionnstramaidean ciùil (musical instruments), Gàidhlig agus dràma. Tha na fèisean seo uile ann am buidheann (organisation) leis an ainm Fèisean nan Gàidheal. Bha Gàidhlig riamh cudromach do na Fèisean, agus tha seo fìor (true) fhathast. Bidh na Fèisean ag obair ann an coimhearsnachdan (communities), agus tha coimhearsnachdan gu math cudromach do na Fèisean.

Tha sinn a’ faicinn tòrr luchd-ciùil (musicians) a-nis a thàinig tro na Fèisean. Tha feadhainn aca (some of them) ainmeil mar luchd-ciùil a-nis ann an Alba, agus tha feadhainn aca a’ teagasg ceòl do dhaoine òga aig na Fèisean. Tha e math fhaicinn mar a tha ceòl traidiseanta agus Gàidhlig a’ fàs leis na Fèisean.

Find out more:

Fèisean

25 Bliadhna de na Fèisean – Leabhar

Follow us on: