- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Cuirm is Cèilidh
Tha Alba ainmeil airson fèisean ciùil, cèilidhean agus cuirmean-ciùil. Fad na bliadhna tha tachartasan mòra agus beaga gan cumail, agus tha ceòl Gàidhlig no luchd-ciùil Gàidhlig an sàs ann an tòrr dhiubh air a’ Ghàidhealtachd agus ann an còrr de dh’Alba. Bho chèilidh beag ann an taigh-seinnse gu consairt mhòr air bruaichean Loch Nis, tha rudeigin ann don a h-uile duine.
COTHROM TIOGAIDEAN A BHUANNACHADH AIRSON BELLADRUM AGUS LOOPALLU
Blas
Gu h-eu-coltach ri cuid a dh’fhèisean chan ann air aon latha, no ann an aon àite, a thèid Fèis Bhlas a chumail. Agus chan e dìreach luchd-ciùil ainmeil a tha a’ faighinn cothrom cluich is seinn, agus tha barrachd air dìreach tachartasan mòra ann. Tha bùthan-obrach ann, tachartasan beaga agus thathar a’ dèanamh oidhirp frithealadh air teaghlaichean, cuideachd, aig cuid a chuirmean is thachartasan eile. Gach Sultain tha Gàidhealtachd na h-Alba air bhoil le ceòl agus cànan nan Gàidheal, agus ceòl is dualchas dhùthchannan eile. Bho na Chieftains gu Julie Fowlis, agus iomadh neach-ciùil òg tàlantach, ’s e an dùbhlan a tha romhad feuchainn ri blasad fhaighinn de fiù ’s cuibhreann beag de na tha a’ dol!
Dualchas a’ Chèilidh
Seo Fèis leth-charan ùr a tha stèidhichte air dualchas cho sean sa th’ ann, an cèilidh. Coltach ri cèilidh fhèin, chan e dìreach ceòl a chluinnear aig an tachartas seo, tha sgeulachdan ann, agus dannsa agus cothroman ionnsachaidh cuideachd. Thèid ‘Ceilidh Culture’ a chumail gach earrach ann an Dùn Èideann agus ged a thèid cuid de na consairtean a chumail ann an tallachan mòra leithid Talla na Banrighe, tha tòrr a’ tachairt aig ìre na coimhearsnachd air feadh a’ bhaile ann an iomadh seòrsa àite. Tha an Fhèis a’ cur cudrom air na h-ealain thraidiseanta agus chan e dìreach cèol, agus tha taobh Gàidhlig làidir aig an tachartas seo ann am prìomh bhaile na h-Alba.
Na Ceiltich a’ tighinn còmhla!
Prìomh Fhèis Chiùil a’ Gheamhraidh ann an Alba, tha sin ag innse dhut a h-uile càil a tha dhìth ort mu Celtic Connections. Tha an fhèis seo air a bhith dol grunn bhliadhnaichean a-nis agus a thuilleadh air ceòl bho air feadh an t-saoghail, agus cuid de na pìobairean as fheàrr a th’ ann, tha ceòl Gàidhlig tric ri chluinntinn air an àrd-ùrlar, cho math ri iomadh seòrsa ciùil eile. Airson trì seachdainean gach bliadhna, a’ tòiseachadh am meadhan an Fhaoiltich, tha Glaschu làn ciùil de gach seòrsa, agus a bharrachd air ainmean gu math aithnichte cluinnear luchd-ciùil òga a tha a’ faighinn cothrom a bhith air an àrd-ùrlar còmhla ris na rionnagan. Agus a bharrachd air na cuirmean-ciùil, tha prògram foghlaim ann a bheir cothrom do dhaoine eòlas a chur air ceòl traidiseanta na h-Alba agus beagan den cheòl sin ionnsachadh.
Fèis Cheilteach Innse Gall
Suidhichte ann an tìr nan Gàidheal, tha Fèis Cheilteach Innse Gall air ainm a dhèanamh dhi fhèin mar fhèis chàirdeil a tha a’ tarraing dhaoine bho air feadh an t-saoghail gu Leòdhas agus na Hearadh. Airson ceithir latha gach samhradh, tha na h-eileanan seo a’ cur thairis le cuid den luchd-chiùil Cheilteach as fheàrr a th’ ann. Am measg na bha a’ cluich ann an 2008 bha Julie Fowlis, na Sawdoctors agus Shooglenifty. A thuilleadh air na consairtean, tha bùthan-obrach, club na fèise, tachartasan bho Iomall na Fèise, agus iomadh nì eile a tha a’ dol ann an Eilean an Fhraoich as t-samhradh.
Cuairtean Cèilidh
Ma tha thu ag iarraidh a dhol gu cèilidh air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan as t-samhradh, cha bu mhiste dhut aon de na Cuairtean Cèilidh a leantainn. ’S e iomairt a th’ ann a tha Fèisean nan Gàidheal a’ ruith còmhla ri grunn luchd-ciùil òga bho air feadh na Gàidhealtachd. Tha tòrr de na h-òganaich a tha a’ cluich air na Cuairtean Cèilidh air tighinn tro na Fèisean fhèin, agus a thuilleadh air a bhith cluich san sgìre aca fhèin as t-samhradh, tha gu leòr de mhuinntir nan Cuairtean Cèilidh a’ cluich aig an Fhèis mhòr Blas. Tha na Cuairtean Cèilidh a’ toirt chothroman proifeiseanta don òigridh agus cothrom do dhaoine a tha air saor-làithean air a’ Ghàidhealtachd èisteachd ri luchd-ciùil òg tàlantach. Ma tha thu air chuairt air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan as t-samhradh seo, cumaibh sùil a-mach airson na cèilidhean seo.
More Festivals around Scotland:
Fèisean nan Gàidheal – Fèisean teagaisg do dh’òigridh air am bogadh ann an dualchas nan Gàidheal
Barra Fest – Tachartas Ciùil ann am Barraigh
Ceòlas - Fèis chiùil Ghàidhlig ann an Uibhist
Fèis Bhelladrum – Fèis faisg air a’ Mhanachainn
Fèis Loopallu - Fèis ann an Ulapul
Alba na Gàidhlig – Tachartasan
