- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Fèisean agus Cèilidhean
Tha Alba ainmeil airson fèisean agus cèilidhean. Tha tachartasan (events) ann fad na bliadhna le ceòl agus cluinnidh tu ceòl Gàidhlig aig tòrr de na tachartasan seo. Tha rudeigin ann airson a h-uile duine, bho chèilidh beag gu cuirm-chiùil (concert) mhòr ri taobh Loch Nis.
COTHROM TIOGAIDEAN A BHUANNACHADH AN SEO AIRSON BELLADRUM AGUS LOOPALLU
Blas
’S e fèis chiùil a th’ ann am Blas. Tha cuirmean-ciùil ann air feadh (throughout) na Gàidhealtachd nuair a tha fèis Bhlas ann. Cuideachd tha bùthan-obrach (workshops) ann agus tachartasan beaga eile. Tha Blas ann gach Sultain agus cluinnidh tu luchd-ciùil (musicians) ainmeil mar na Chieftains agus Julie Fowlis, agus cluinnidh tu luchd-ciùil òga, tàlantach bhon a’ Ghàidhealtachd. Cluinnidh tu tòrr ceòl Gàidhlig aig Blas.
Dualchas (Heritage) a’ Chèilidh
’S e fèis ùr a tha seo, a tha a’ toirt blas dhuinn de dhualchas a’ chèilidh. Cluinnidh tu barrachd air ceòl aig an fhèis seo. Coltach ri cèilidh, tha sgeulachdan ann, tha dannsa ann agus tha cothroman ionnsachaidh ann. Tha ‘Ceilidh Culture’ a’ tachairt gach earrach ann an Dùn Èideann. Tha cuirmean-ciùil mòra ann an tallachan (halls) mòra mar Talla na Banrighe, agus tha tachartasan beaga ann anns a’ choimhearsnachd (community) cuideachd. Tha na h-ealain thraidiseanta (traditional arts) cudromach aig an fhèis seo, agus tha Gàidhlig cudromach cuideachd.
Na Ceiltich a’ tighinn còmhla!
’S e seo prìomh (main) Fhèis Chiùil a’ Gheamhraidh ann an Alba. Thòisich Celtic Connections ann an 1993. ’S e fèis gu math soirbheachail (successful) a th’ innte. Cluinnidh tu luchd-ciùil ainmeil bho air feadh an t-saoghail aig Celtic Connections. Agus gu math tric bidh luchd-ciùil agus seinneadairean Gàidhlig a’ cluich agus a’ seinn aig an fhèis. Airson trì seachdainean gach Faoilteach tha Glaschu uabhasach trang le ceòl agus craic. Cuideachd tha cothroman (chances) ann do dhaoine a bhith ag ionnsachadh mu cheòl traidiseanta na h-Alba agus a bhith ag ionnsachadh ionnstramaid ciùil (musical instrument) no seinn cuideachd.
Fèis Cheilteach Innse Gall
Tha ainm aig Fèis Cheilteach Innse Gall mar fhèis chàirdeil a tha a’ tachairt ann an tìr nan Gàidheal. Bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a’ tadhal air Leòdhas agus na Hearadh nuair a tha an fhèis ann gach samhradh. Chluich Julie Fowlis, na Sawdoctors agus Shooglenifty aig an fhèis ann an 2008. Tha tòrr a’ tachairt aig àm na fèise: bùthan-obrach, cuirmean-ciùil, club na fèise, tachartasan beaga agus iomadh rud eile.
Cuairtean Cèilidh (Ceilidh Trails)
Tha Cuairtean Cèilidh a’ tachairt air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan fad an t-samhraidh. Tha Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic don phròiseact seo. Anns a’ phròiseact seo bidh luchd-ciùil òga bhon a’ Ghàidhealtachd agus na h-eileanan a’ cluich aig cèilidhean. Fhuair tòrr den luchd-ciùil òga eòlas air (a knowledge of) ceòl aig na Fèisean. Bidh feadhainn aca (some of them) a’ cluich aig Fèis Bhlas cuideachd. Tha an luchd-ciùil ag ionnsachadh nuair a tha iad a’ cluich aig na cèilidhean seo, agus tha luchd-turais a’ faighinn cothrom èisteachd ri ceòl math. Cùm sùil a-mach airson nan cèilidhean seo, ma tha thu anns a’ Ghàidhealtachd no anns na h-eileanan anns an t-samhradh.
More Festivals around Scotland
Fèisean nan Gàidheal – Na Fèisean far a bheil daoine òga ag ionnsachadh ceòl, agus tha Gàidhlig na pàirt mòr de na Fèisean
Barra Fest – Tachartas (Event) Ciùil ann am Barraigh
Ceòlas - Fèis Chiùil Ghàidhlig ann an Uibhist
Oban Festival - Fèis Chiùil agus Dannsa na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Fèis Bhelladrum – Fèis faisg air a’ Mhanachainn
Fèis Loopallu - Fèis ann an Ulapul
Alba na Gàidhlig – Tachartasan (Events)
Eadar-lìon (Internet) na h-Alba – Fèisean ciùil
