Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

Mar a tha an seanfhacal ag innse dhuinn: “Thig crìoch air an t-saoghal, ach mairidh gaol is ceòl.” Agus ma tha aon shamhla againn air maireanneachd ceòl na Gàidhlig, ’s e am Mòd a th’ ann. Chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a stèidheachadh san Òban ann an 1891 o chionn còrr is 100 bliadhna agus tha e fhathast a’ brosnachadh ceòl agus dualchas nan Gàidheal an-diugh. Gach bliadhna tha mìltean de dhaoine a’ tighinn còmhla gus a dhol an sàs san iomadh farpais seinn is ciùil a tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail mar phàirt den Mhòd.

Ach chan e dìreach farpaisean seinn is ciùil a th’ anns a’ Mhòd. Tha litreachas ann, tachartasan spòrs, dràma, co-labhairtean, fèill-reice, agus iomadh cleas eile aig Iomall a’ Mhòid. Agus ’s dòcha an rud as cudromaiche buileach, ’s e cothrom a th’ ann coinneachadh ri Gàidheil eile agus ri daoine bho air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh nar cànan agus nar cultar. Chan ann do inbhich a-mhàin a tha am Mòd nas motha, gu dearbh, tha òigridh aig cridhe na tha a’ tachairt aig a’ Mhòd le barrachd is barrachd sgoilearan Gàidhlig a’ gabhail pàirt sna farpaisean cloinne. Tha am Mòd na fhìor fhèis Ghàidhlig, agus ma tha duine ag iarraidh beagan eòlais a chur air dualchas nan Gàidheal airson a’ chiad uair, tha tòrr ann a mholadh am Mòd mar dheagh thoiseach tòiseachaidh.

’S e aon rud eile a tha air a bhith fon phrosbaig o chionn beagan bhliadhnaichean: buaidh eaconamach a’ Mhòid. A rèir nan sgrùdaidhean a chaidh fhoillseachadh, tha am Mòd a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na sgìre anns an tèid a chumail gach bliadhna. Mar eisimpleir, thuirt aon aithisg gun deach cha mhòr millean not a chosg sna h-Eileanan Siar ri linn Mòid 2005 san sgìre. Mar sin, chan eil am Mòd a’ cur dìreach ri dualchas nan Gàidheal, ach ri eaconamaidh cuid de na sgìrean Gàidhlig nuair a thathar ga chumail sna h-àiteachan sin.

’S e a th’ anns a’ Mhòd aon de na fèisean as soirbheachail a th’ ann, le eachdraidh fhada, ach a tha a’ coimhead air adhart ri dòighean ùra cultar agus ceòl nan Gàidheal a thaisbeanadh. Mairidh an ceòl, agus mairidh am Mòd!

Find out more about the Royal National Mod, and other Mods around Scotland and the world:

Mhòid Nàiseanta Rìoghail

An Comunn Gàidhealach – Am buidheann a tha a’ cur a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air dòigh gach bliadhna

Mòd Ionadach na Dreòlluinn

Follow us on: