- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Am Mòd Nàiseanta Rìoghail
Thòisich am Mòd anns an Òban ann an 1891. Tha am Mòd a’ brosnachadh (promotes) ceòl agus cultar na Gàidhlig, agus ’s e am Mòd an fhèis Ghàidhlig as motha. Bidh mìltean de dhaoine a’ tighinn còmhla aig a’ Mhòd gach bliadhna. Bidh iad a’ seinn anns na farpaisean (competitions), agus bidh a’ dol gu tachartasan (events) Gàidhlig eile.
Bidh tachartasan spòrs ann, bidh tachartasan dràma ann, bidh co-labhairtean (conferences) ann agus tòrr rudan eile. Tha e cudromach gu bheil na Gàidheil agus daoine le ùidh ann an Gàidhlig a’ faighinn cothrom coinneachadh aig a’ Mhòd. ’S e sin an rud a tha a’ còrdadh ri tòrr dhaoine mu dheidhinn a’ Mhòid. Tha farpaisean agus tachartasan ann airson inbhich (adults) agus clann aig a’ Mhòd. Ma tha duine ag iarraidh ionnsachadh mu dheidhinn cultar na Gàidhlig, tha am Mòd glè mhath mar àite airson tòiseachadh.
O chionn beagan bhliadhnaichean, thòisich daoine a’ coimhead air mar a tha am Mòd a’ cur ri eaconamaidh nan àiteachan anns am bi e a’ tachairt. Tha daoine ag ràdh gu bheil am Mòd a’ cur ri eaconamaidh nan àiteachan seo gu mòr. Bha iad ag ràdh gun do chosg daoine faisg air millean not anns na h-Eileanan Siar ann an 2005 nuair a bha am Mòd anns na h-eileanan.
’S e am Mòd an fhèis Ghàidhlig as soirbheachaile (successful), agus tha eachdraidh fhada aig a’ Mhòd. Tha coltas ann gum bi am Mòd soirbheachail airson ùine mhòr fhathast.
Find out more about the Royal National Mod, and other Mods around Scotland and the world:
An Comunn Gàidhealach – Am buidheann (organisation) a tha a’ cur a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air dòigh gach bliadhna
