Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- CeòlMusic MusicCeòl
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Tha fèill mhòr air ceòl na h-Alba, agus tarraing shònraichte aig ceòl nan Gàidheal do dh’iomadh neach an dà chuid ann an Alba agus ann an dùthchannan eile. Tha mìltean de dhaoine an sàs ann an gnìomhachas a’ chiùil an Alba, agus mòran dhiubh bhon a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Cluinnear ceòl Gàidhlig ann an coimhearsnachdan agus aig cuirmean-ciùil eadar-nàiseanta, agus chan e dìreach ceòl traidiseanta, ach roc no punc, no ceòl sam bith le blas Gàidhlig.
’S iomadh fèis a chumar gach bliadhna air feadh Alba far am bi luchd-ciùil Gàidhlig rin cluinntinn, agus ’s ann pailt a tha na fèisean teagaisg a-nis a thòisich le Fèis Bharraigh ann an 1981, fèis teagaisg le clasaichean airson ionnstramaidean ciùil, seinn is cuspairean eile agus Gàidhlig aig a cridhe. Às an fheallsanachd sin, dh’fhàs coimhearsnachd de dh’fhèisean teagaisg air feadh na h-Alba fo sgèith Fèisean nan Gàidheal. Tha a-nis còrr is 40 fèis ann, agus iad uile a’ feuchainn ri Gàidhlig fhighe a-steach don obair aca. Agus gun teagamh sam bith ’s e an Fhèis Ghàidhlig as motha agus as sine Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, tachartas ainmeil a tha a’ toirt na Gàidheil agus daoine le ùidh ann an Gàidhlig còmhla airson seinn, ceòl agus tachartasan eile co-cheangailte ri dualchas nan Gàidheal.
Eadar cèilidhean is Celtic Connections, tha tòrr a’ tachairt a thaobh ceòl na Gàidhlig, agus tha grunn mòr dhaoine air ainm a dhèanamh dhaibh fhèin tro cheòl Gàidhlig. Ma tha thu ag iarraidh a dhol an sàs ann no blasad a chluinntinn, cha ghann na cothroman. Faodaidh tusa a bhith nad phàirt de cheòl nan Gàidheal.
Luchd-ciùil
Traditional Music Courses
Plockton - Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd
RSAMD - BA Scottish Music
Sabhal Mòr Ostaig - BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta
Sabhal Mòr Ostaig - short courses in traditional music
Colaiste a' Chaisteil OGE (Beinn a' Bhadhla) - Cùrsa Adhartachadh ann an Ceòl Traidiseanta le Gàidhlig
Fiosrachadh coitcheann
Footstompin - Làrach-lìn airson ceòl traidiseanta ann an Alba agus iomadh rud eile
Caidreachas Màiri Mhòr nan Òran