Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- CeòlMusic MusicCeòl
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
’S toigh le tòrr dhaoine ceòl na h-Alba, agus ’s toigh le tòrr dhaoine ceòl Gàidhlig na h-Alba gu sònraichte (especially). Tha mìltean de dhaoine ag obair ann an ceòl ann an Alba, agus tha mòran de na daoine sin às a’ Ghàidhealtachd agus às na h-eileanan. Cluinnidh tu ceòl Gàidhlig ann an coimhearsnachdan (communities) agus aig cuirmean-ciùil (concerts). Chan e dìreach ceòl traidiseanta a chluinneas tu. Cluinnidh tu roc no punc, no ceòl sam bith le taobh (side/dimension) Gàidhlig.
Tha tòrr fhèisean ann an Alba cuideachd. Cluinnidh tu ceòl aig na fèisean seo, agus faodaidh tu ionnsachadh aig na fèisean seo. Tha barrachd agus 40 fèis ann am Fèisean nan Gàidheal a-nis. Bidh na Fèisean seo a’ teagasg ceòl do dhaoine òga, agus tha Gàidhlig gu math cudromach don obair aca cuideachd. ’S e an fhèis as motha (biggest) agus as sine (oldest) ann an Alba Am Mòd. Bidh tòrr dhaoine a’ dol chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail far am bi iad a’ seinn agus a’ dol gu tachartasan (events) Gàidhlig. Tha tòrr a’ tachairt ann an ceòl Gàidhlig, agus tha daoine ainmeil mar Donaidh Rothach agus Julie Fowlis ann a tha a’ seinn ann an Gàidhlig. Ma thèid thu gu cèilidh no fèis, bidh thusa nad phàirt de cheòl Gàidhlig.
Luchd-ciùil
Traditional Music Courses
Plockton - Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd
RSAMD - BA Scottish Music
Sabhal Mòr Ostaig - BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta
Sabhal Mòr Ostaig - short courses in traditional music
Colaiste a' Chaisteil OGE (Beinn a' Bhadhla) - Cùrsa Adhartachadh ann an Ceòl Traidiseanta le Gàidhlig
Fiosrachadh coitcheann (general)
Beagan fiosrachaidh mu òrain thraidiseanta
Footstompin - Làrach-lìn airson ceòl traidiseanta ann an Alba agus iomadh rud eile