Dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa?
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
’S e seo farpais (competition) ùr far a bheil sinn a’ faighneachd dhìot: Dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa? Innis dhuinn ann am 50 facal, no mar sin.
Tha an fharpais seo fosgailte do dhuine sam bith: do dhaoine a tha fileanta anns a’ Ghàidhlig, do dhaoine a tha ag ionnsachadh, agus do dhaoine aig nach eil Gàidhlig idir. Tha sinn ag iarraidh ort an sgeulachd agad fhèin innse dhuinn. Dè tha an cànan a’ ciallachadh dhutsa, agus ciamar a tha i a’ toirt buaidh ort (what effect does it have on you)?
Carson a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig, carson a tha i cudromach dhut? A bheil Gàidhlig anns an teaghlach agad ’s dòcha? An toigh leat ceòl is òrain Ghàidhlig? Am faca tu Gàidhlig air an telebhisean? Bidh freagairt eadar-dhealaichte aig a h-uile duine, innis dhuinn dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa.
Ciamar a chuireas mi a-steach airson na farpais?
Dìreach clàraich (register) airson cunntas (account) air mygaelic.com, le bhith a’ bruthadh air a’ phutan aig mullach na duilleige, air a làimh dheis. Anns a’ chunntas agad, chì thu putan le ‘an stuth agam’ sgrìobhte air. Bruth air a sin, agus an uair sin chì thu earrann (section) eile leis an ainm, ‘stuth a sgrìobh mi’. Tagh sin agus sgrìobh ann an 50 facal no mar sin dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa. Faodaidh tu dealbh-camara a chur a-steach leis an sgrìobhadh agad, ma tha thu ag iarraidh. Agus faodaidh tu am pìos a sgrìobhadh ann an Gàidhlig no Beurla.
Duaisean
Tha 6 pasgain dhuaisean (prize packs) ann airson na feadhna a bhuannaicheas, agus anns gach pasgan tha:
Camara didsiotach - Digital Concepts, Camara Didsiotach le 7.1 MegaPicseal agus sgrion ro-sheallaidh (preview screen) 2.4”
Clàradair (Recorder) MP3 - DEC-F62R Inneal MP3 – sgrion brùthaidh (touch screen) a tha a’ cluich ceòl, filmichean agus tha e a’ clàradh
Luchag (mouse) agus USB – Luchag gun uèir (wireless) agus slatan ( stick) USB – Barantas (certified, literally warranty) Microsoft airson Windows Vista
Ciamar & Cuin?
Bheir an sgioba mygaelic.com sùil air a h-uile pìos a gheibh sinn mus cuir sinn suas air-loidhne (online) e, a’ dèanamh cinnteach nach eil sgrìobhadh ann a tha neo-iomchaidh (inappropriate). Nuair a tha an sgrìobhadh suas, faodaidh duine sam bith coimhead air. Bidh sinn ag iarraidh air luchd-cleachdaidh an làraich (site users) an sgrìobhadh a mheasadh (rate). ’S e an ceann-latha (deadline/date) airson sgrìobhadh a chur a-steach 28 Gearran. An uair sin, cuiridh sinn suas a h-uile pìos sgrìobhaidh agus bidh cothrom aig luchd-cleachdaidh a mheasadh fad a’ Mhàirt. Gleidhidh (will win) na 6 pìosan sgrìobhaidh leis na comharran as àirde (aig deireadh a’ Mhàirt) na pasgain dhuaisean (prize bags)!
Cò ris a tha thu a’ feitheamh? Innis dhuinn dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa agus ’s dòcha gum faigh thu duais bho mygaelic.com

