- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa?
Farpais ùr a tha seo far a bheil sinn a’ faighneachd dhìot: Dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa? Tha sinn ag iarraidh freagairt ann am mu 50 facal.
Tha an fharpais fosgailte don a h-uile duine; chan eil gu diofar ma tha thu fileanta, ag ionnsachadh no mura h-eil facal Gàidhlig agad. ’S e an rud a tha sinn ag iarraidh, do sgeulachd-sa: ciamar a tha Gàidhlig a’ toirt buaidh air do bheatha no dè tha an cànan agus a cultar a’ ciallachadh dhutsa.
Innis dhuinn an iomadh dòigh anns a bheil Gàidhlig fighte nad bheatha, no ciamar a tha an cànan cudromach dhut. No ’s dòcha gu bheil an cànan agad gu nàdarra nad dhachaigh, am measg nan caraidean agad, nad theaghlach agus nad obair, agus mar sin, tha e cho snìomhte nad bheatha gu bheil Gàidhlig agus do shaoghal do-sgaraichte. Às bith dè tha fìor dhutsa, ma tha thu a’ leughadh seo, tha Gàidhlig a’ ciallachadh rudeigin dhut. Dè th’ ann?
Ciamar a chuireas tu a-steach air a shon?
Dìreach clàraich air mygaelic.com le bhith briogadh air a’ phutan aig mullach na duilleige, air a làimh dheis, agus cruthaich cunntas. Aon uair ’s gu bheil clàr-aithne agad, tagh ‘an stuth agam’, agus put ‘stuth a sgrìobh mi’ agus sgrìobh ann am mu 50 facal dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa. Faodaidh tu dealbh-camara a chur a-steach leis an stuth agad, ma thogras tu. Agus faodaidh tu am pìos agad a chur a-steach ann an Gàidhlig no Beurla.
Duaisean
Rim faotainn tha 6 pasgain dhuaisean bho mygaelic.com le:
Camara didsiotach - Digital Concepts, Camara Didsiotach le 7.1 MegaPicseal agus sgrion ro-sheallaidh 2.4”
Clàradair MP3 - DEC-F62R Inneal MP3 – sgrion brùthaidh (touch screen) a tha a’ cluich ceòl, filmichean agus tha e a’ clàradh
Luchag agus USB – Luchag gun uèir agus slatan USB – Barantas Microsoft airson Windows Vista
Ciamar & Cuin?
Bheir an sgioba mygaelic.com sùil air a h-uile pìos a gheibh sinn mus cuir sinn suas air-loidhne e, air eagal ’s gu bheil guidheachain no susbaint neo-iomchaidh eile ann. Aon uair ’s gu bheil i suas, faodaidh duine sam bith coimhead air an t-susbaint. Bidh sinn a’ piobrachadh luchd-cleachdaidh an làraich gus susbaint a mheasadh, leis an inneal mheasaidh. ’S e an ceann-latha airson susbaint a chur a-steach 28 Gearran. An uair sin, cuiridh sinn suas a h-uile pìos susbaint agus bidh cothrom aig luchd-cleachdaidh a mheasadh fad a’ Mhàirt. Gleidhidh na 6 pìosan susbaint leis na comharran as àirde (aig deireadh a’ Mhàirt) na pasgain dhuaisean!
Cò ris a tha thu a’ feitheamh? Innis dhuinn dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa agus thig buannachd le mygaelic.com
