Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Ainmean-àite

Dè th’ ann an ainm co-dhiù? ’S e a th’ ann: doras gu linn eile, rabhadh air cunnart, treòrachadh gu bòidhchead, mìneachadh air àite, no dìreach comharra gu robh cuideigin an sin, uaireigin. Tha cuid a dh’ainmean-àite mu nach eil sinn cinnteach, ach tha tòrr ann agus tha an ciall ag innse dhuinn rudeigin sònraichte mun àite. Tha feadhainn a tha cho siubhlach agus a tha a’ dèanamh fuaim cho brèagha ris an àite fhèin.

Cò shaoileadh ann am Beurla gu robh manaich sa Mhanachainn leis an ainm Bheurla, Beauly? ’S math gu bheil fios againn ann an Gàidhlig gur e àite cunnartach a th’ ann an Coire Bhreacain, agus tha sinn a’ faighinn rabhadh eile air gàbhadh le Loch nam Madadh, agus na madaidhean creagach a tha a’ feitheamh ri seòladair neo-chùramach taobh a-muigh a’ bhàigh. Cò dheigheadh às àicheadh gur e sgìre bhrèagha a th’ ann an Loch Àlainn, agus cia mheud ‘Cille’ a tha ag innse dhuinn gu robh no gu bheil eaglais no cladh ann? Agus tha fhios againn gu robh Tarracail uaireigin a’ sabaid faisg air Àth Tharracail, agus gu robh sgeulachd ann mu ghille buidhe ann an Achd Ille Bhuidhe.

Tha e furasta dìochiumhneachadh gu bheil eachdraidh agus mapa fhaclan tasgte ann an ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba. Uaireannan, chan eil daoine cinnteach às a’ chiall fhathast, agus ’s e seòrsa de dhìomhaireachd a th’ anns an ainm, ach tric gu leòr tha e follaiseach bhon Ghàidhlig dè tha air cùl an ainm. Coimhead mun chuairt ort, agus chì thu tìr a’ fosgladh romhad tro ainmean.

Gaelic Place Names of Scotland - Ainmean-àite na h-Alba – Am prìomh bhuidheann a tha a’ dèiligeadh ri ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba

Scottish Place Names Society - Comann Ainmean-àite na h-Alba – Buidheann a bhios a’ dèanamh rannsachadh air ainmean-àite ann an Alba

Gazetteer Scotland - Cruinneachadh de dh’fhiosrachadh mu chruinn-eòlas, eachdraidh agus ainmean-àite na h-Alba

Bartholomew Maps - Mapa Gàidhlig de dh’Alba

Ordnance Survey - Fiosrachadh mu ainmean-àite Gàidhlig ann am Breatainn

Follow us on: