Tuilleadh mun làrach...
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Àite far am faigh thu a-mach mu na tha a’ dol am measg nan Gàidheal... Slighe gu fiosrachadh mu cheòl, litreachas, na h-ealain, eachdraidh agus iomadh rud eile... Àite airson coinneachadh agus cruinneachadh... Goireas do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich... A’ taisbeanadh thàlantan agus dualchas nan Gàidheal... A’ roinn fios mu shaoghal nan Gàidheal... A’ dèanamh dàimh is ceangal... A’ togail starsnaich ùr... A’ sgaoileadh agus a’ trusadh... Doras agus dachaigh na Gàidhlig.
Fàilte gu mygaelic.com, stòras ùr de dh’fhiosrachadh mun Ghàidhlig. Tha sinn ag amas air fileantaich, luchd-ionnsachaidh agus daoine gun Ghàidhlig aig a bheil ùidh sa chànan. Gheibh thu measgachadh de stuth feumail mu ghrunn chuspairean agus raointean co-cheangailte ri cànan agus cultar nan Gàidheal: ceòl, litreachas, na meadhanan, eachdraidh, ainmean-àite, dreuchdan, turasachd agus sloinnteareachd nam measg. Agus faodaidh tu clàradh agus a bhith nad phàirt de shaoghal ùr air an eadar-lìon, a’ cur fios agus a’ bruidhinn ri caraidean bho air feadh an t-saoghail. No ma tha thu ag iarraidh fiosrachadh a sgaoileadh mu bhuidheann no tachartas Gàidhlig, cuir fios thugainn.
Tha cothroman ann cuideachd duaisean a ghleidheadh, agus a dhol an sàs ann am farpaisean. Fad a’ Ghearrain tha sinn a’ faighneachd dhut: Dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa? Seo agad a’ chiad tè de ghrunn fharpaisean a bhios sinn a’ cumail, agus duaisean sgoinneil rim faighinn. Thoir sùil air ar n-earrainn fharpaisean agus gheibh thu a-mach mu dè dh’fheumas tu a dhèanamh agus ciamar a gheibh thu cothrom air aon de na pasgain dhuaisean aig mygaelic.com
A thuilleadh air fiosrachadh coitcheann mu dhiofar rudan, tha sinn air sreath de cheanglaichean gu làraich-lìn eile a chruthachadh airson a’ mhòr-chuid de na cuspairean. Agus tha sinn gu mòr airson gun cuir daoine thugainn ceanglaichean eadar-lìon feumail eile a ghabhas a chur ris na sreathan seo. Cuideachd, tha cothrom agad do bheachdan, na sgrìobhaidhean agad, na dealbhan agad no rud sam eile a tha thu a’ smaoineachadh a bhiodh freagarrach a chur thugainn gus cur ri mygaelic.com. Ma tha sgeulachd agad, no pìos bàrdachd, no dealbh, cuir thugainn iad agus bidh thu a’ cur ri fàs coimhearsnachd ùr! Faodaidh daoine coimhead air an làrach-lìn ann an Gàidhlig àbhaisteach, no ann an Gàidhlig a tha nas sìmplidh, ma tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlig, no faodaidh daoine coimhead air an làrach-lìn ann am Beurla.
Siuthad, tog ort gu saoghal ùr Gàidhlig.
Ma tha thu a’ ruith làrach-lìn Gàidhlig, no làrach-lìn le taobh Gàidhlig, agus tha thu ag iarraidh gun nochd fiosrachadh mu dheidhinn air mygaelic.com, cuir fios thugainn le do thoil gu admin@mygaelic.com

