Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Tuilleadh mun làrach (site)...

Gheibh thu a-mach dè tha a’ dol ann an saoghal na Gàidhlig... Chì thu fiosrachadh mu cheòl, litreachas (literature), clasaichean Gàidhlig agus tòrr rudan eile... Coinnichidh tu ri daoine eile... Gheibh thu fiosrachadh mu rudan a bhios feumail ma tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig... Gheibh thu a-mach mu chuid de na Gàidheil as tàlantaiche (most talented) agus as ainmeile (most famous)... Agus tha seo uile ann an aon àite.

Fàilte gu mygaelic.com, dachaigh ùr don Ghàidhlig air-loidhne. Tha an làrach-lìn (website) airson daoine a tha fileanta ann an Gàidhlig, daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus daoine aig nach eil Gàidhlig. Tha an làrach-lìn a’ coimhead air diofar chuspairean: ceòl, eachdraidh, cultar, turasachd (tourism) agus tòrr rudan eile a tha ceangailte (connected) ri Gàidhlig. Agus faodaidh tu clàradh (register) airson mygaelic.com agus bidh thu an uair sin nad bhall (member) de choimhearsnachd ùr air-loidhne (online).

Tha cothrom (opportunity) agad cuideachd duaisean (prizes) fhaighinn anns na farpaisean againn. Anns a’ Ghearran bidh sinn a’ faighneachd dhut: Dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhutsa? ’S e seo a’ chiad fharpais againn, agus bidh tòrr eile ann. Thoir sùil air an duilleig le farpaisean agus gheibh thu a-mach dè tha sinn ag iarraidh ort a dhèanamh agus gheibh thu fiosrachadh air na duaisean. Tha trì dòighean ann coimhead air an làrach-lìn, ann an Gàidhlig adhartach, Gàidhlig a tha nas sìmplidhe, no ann am Beurla. A bharrachd air an fhiosrachadh a chì thu air an làrach-lìn, chì thu tòrr cheanglaichean (links) ri làraich-lìn eile a tha a’ toirt barrachd fiosrachaidh dhut mu chuspairean eile. Tha sinn ag iarraidh cuideachd gun cuir daoine ceanglaichean feumail eile thugainn airson a chur suas air an làrach-lìn.

Tha cothrom agad cuideachd, do bheachdan, na sgrìobhaidhean agus dealbhan agad, no rud sam bith eile, a tha thu a’ smaoineachadh a tha freagarrach, a chur thugainn airson an làraich-lìn. Ma tha sgeulachd no pìos bàrdachd, no dealbh agad, cuir thugainn iad agus bidh thu a’ cur ri coimhearsnachd ùr!

Siuthad, bi nad phàirt de shaoghal ùr Gàidhlig.

Ma tha làrach-lìn Gàidhlig agad, no làrach-lìn le taobh Gàidhlig, carson nach cuir thu fios thugainn mu dheidhinn le do thoil gu admin@mygaelic.com

Follow us on: