Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Ceistean Cumanta

Ceistean Cumanta

Am faod a h-uile duine mygaelic.com a chleachdadh?

Faodaidh. Ach feumaidh tu a bhith 12 bliadhna a dh’aois no nas sine. Faodaidh daoine a tha fileanta ann an Gàidhlig, daoine a tha ag ionnsachadh no daoine aig nach eil Gàidhlig mygaelic.com a chleachdadh. Tha trì dòighean coimhead air an làrach-lìn (website): ann am Beurla, ann an Gàidhlig no mar a tha thu a’ coimhead air an-dràsta: ann an Gàidhlig shìmplidh. Dìreach cleachd am putan aig mullach na duilleige airson cànan a thaghadh.

A bheil e furasta dol air ais do Bheurla no Gàidhlig shìmplidh, ma thèid mi don taobh Gàidhlig den làrach-lìn?

Faodaidh tu bruthadh air Language Selector aig mullach na duilleige uair sam bith gus Beurla no Gàidhlig shìmplidh a thaghadh.

Ma tha a’ Ghàidhlig shìmplidh ro dhoirbh dhomh uaireannan, am feum mi Beurla an làrach-lìn air fad a chur air ais gu Beurla?

Chan fheum. Tha taic cànain ann far a bheil na roghainnean cànain (language choices) aig mullach na duilleige. Cuir an cursair (cursor) air ‘taic cànain’ agus chì thu tòrr den làrach ann am Beurla a-rithist airson greiseag bheag, agus seo gad chuideachadh ma tha thu air chall.

Carson a bhiodh duine ag iarraidh cunntas mygaelic.com?

Gheibh thu clàr-aithne (profile) nuair a gheibh thu cunntas mygaelic.com. Anns a’ chlàr-aithne agad faodaidh tu dealbh dhìot fhèin, no dealbh eile a chur ann. Agus faodaidh tu beagan fiosrachaidh mu do dheidhinn fhèin a chur anns a’ chlàr-aithne agad cuideachd, agus faodaidh tu innse do dhaoine dè do chor. Nuair a tha cunntas agad, faodaidh tu iarraidh air caraidean a bhith nam buill (members) de mygaelic.com, agus faodaidh tu iarraidh air daoine eile aig a bheil cunntas a bhith na c(h)araid dhut.

Càite a bheil mi a’ clàradh (registering) airson cunntas?

Chì thu sgrìobhte aig mullach na duilleige, air a làimh dheis: ‘Clàraich’. Put seo agus thèid thu gu duilleig far am faigh thu stiùireadh air mar a tha thu a’ clàradh. Feumaidh tu ainm-cleachdaidh (username) agus facal-faire (password) a chur a-steach, agus bidh sinn ag iarraidh ort an seòladh post-d agus fiosrachadh eile a chur a-steach. Ma tha thu nas sine na 12, ach nas òige na 16, feumaidh tu iarraidh air do phàrant no neach-gleidhidh (guardian) foirm-ceadachaidh (consent form) a lìonadh. Chan fhaod duine sam bith fo 12 cunntas fhaighinn air mygaelic.com.

Dè tha mi a’ dèanamh an uair sin?

Gheibh thu post-d bho mygaelic.com, anns a’ phost-d seo gheibh thu:

Ceangal (a link) a bheir thu chun an làraich-lìn gus an seòladh post-d agad a dhearbhadh (validate) Facal-faire airson logadh a-steach.* *Faodaidh tu am facal-faire seo atharrachadh gu rudeigin eile nuair a tha thu air an cunntas agad a dhearbhadh.

Ann urrainn dhomh clàradh ann an Gàidhlig agus Beurla?

’S urrainn dhut clàradh ann am Beurla no Gàidhlig. Ma tha thu a’ coimhead air an làrach-lìn ann an Gàidhlig, bidh thu a’ clàradh ann an Gàidhlig. Ma tha thu a’ coimhead air an làrach-lìn ann am Beurla, bidh thu a’ clàradh ann am Beurla. Agus ma tha thu a’ coimhead air an làrach-lìn ann an Gàidhlig shìmplidh, bidh thu a’ clàradh ann am Beurla, oir bidh e nas fhasa na faclan teicnigeach a thuigsinn ann am Beurla.

Am bi fhios aig daoine dè an cànan a tha mi a’ cleachdadh air mo dhuilleig sa chunntas agam?

Nuair a tha thu a’ clàradh, bidh sinn ag iarraidh ort cur a-steach dè an cànan a tha thu a’ cleachdadh. An uair sin bidh fhios aig daoine gu bheil thu a’ cleachdadh Beurla, Gàidhlig no Gàidhlig shìmplidh.

Dè as urrainn dhomh a dhèanamh nuair a tha cunntas agam?

’S urrainn dhut: • Caraidean ùra a lorg; • Taga (tag) a chur ri rudan a chì thu air an làrach-lìn, pìosan bhon làrach-lìn a chur ris na rudan as fheàrr leat, beachdan a thoirt seachad air rudan a chì thu air an làrach-lìn; • Brathan (messages) a chur agus brathan fhaighinn bho charaidean; • Na sgrìobhaidhean no òrain, no bàrdachd agad fhèin a chur suas air an làrach-lìn, agus faodaidh daoine eile a tha nam buill de mygaelic.com coimhead air an stuth agad agus beachdan a thoirt seachad air;* *Cuimhnich, gun toir neach-measaidh (moderator) sùil air a h-uile rud mus tèid a chur suas air an làrach-lìn. • Buidheann a chruthachadh, agus faodaidh tu fiosrachadh a chur gu daoine a tha anns a’ bhuidheann agad; • Fiosrachadh mu thachartasan (events) a chur ann am mìosachan (calendar) leis a’ bhuidheann agad, agus bidh na tachartasan aig a’ bhuidheann agad a’ nochdadh ann am mìosachan airson an làraich-lìn air fad; • Naidheachdan a chur suas agus còmhraidhean a thòiseachadh anns a’ bhuidheann agad.

Ciamar a tha mi a’ cruthachadh (creating) buidheann?

Log a-steach agus tagh ‘mo bhuidhnean’ anns a’ chunntas agad. Chì thu an roghainn (choice) seo air a’ bhàr-stiùiridh (navigation bar) aig mullach na duilleige agad. Air a làimh dheis, chì thu na faclan, ‘cruthaich buidheann ùr’. Bruth air seo agus chì thu duilleag far am bi sinn ag iarraidh ort fiosrachadh a chur a-steach.

Am faod a h-uile duine a bhith anns a’ bhuidheann agad?

Nuair a tha thu a’ cruthachadh buidheann, faodaidh tu am buidheann fhàgail fosgailte don a h-uile duine, no faodaidh tu buidheann prìobhaideach a chruthachadh. Tha bogsa ann far am faod thu seo a thaghadh nuair a tha thu a’ cruthachadh buidheann.

Ciamar a tha mi a’ cur pìos susbaint (content) suas?

Log a-steach, agus theirig chun na duilleige, ‘ an stuth agam’. Faodaidh tu susbaint a chur suas an seo. Mus fhaic thu an t-susbaint agad air an làrach-lìn, feumaidh neach-measaidh sùil a thoirt air. Tha seo a’ tachairt nuair a tha thu a’ bruthadh air ‘submit’. Bidh an neach-measaidh a’ dèanamh cinnteach gu bheil an t-susbaint agad freagarrach agus nach eil droch chainnt (profanities) ann.

Follow us on: