- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Gràisg
le Gràisg
Reul Chearbach Air Chuairt
'An leabhar làn sgudal a bha 'too racy' dhaibh? - latha craicte ann am baile aig iomall na Gàidhealtachd ann an 1986 agus àm Chernobyl.
leugh an seo e no gheibh thu e ann an cruth PDF air an duilleig seo http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf
Reul Chearbach Air Chuairt
Des Scholes
Gràisg-sgeul
1
Do neo-aontachd
2 Fhad ’s a bha e a’ gabhail a thost bha a mhàthair a’ trod ris. Bha i a-mach air cainb agus an ìre aig an robh esan ga smocadh. Cha do fhreagair e. Cha robh sìon a diofar dhi eadar an luibh a bha sin agus na drogaichean eile agus chùm i a’ dol leis a dhroch chàineadh.. Cha do ghabh i ris an fheallsanachd a bh’ aig a mac idir agus bha i air a mòr-nàrachadh nuair a nochd e sa chùirt airson seilbh a bhith aige de chnap dheth. Ach a dh’aindeoin a h-uile càil cha dhùilteadh i a mac fhèin. Bha i fhathast beò an dòchas gun tigeadh an latha nuair a chuireadh e a chuid chomasan ann an gnìomh agus a ghabhadh e os làimh na cothroman nach robh aicese nuair a bha ise òg. Nach tuirt na tidsearan rithe gun deigheadh e fada, uill ràinig e Lunnainn co-dhiù ach am b ‘e sin e? Bha ise an dòchas gun tigeadh atharrachadh air cùisean. Cha robh Pòl airson deasbad sam bith eile air cainb a thogail le a mhàthair, bha a chuid fheallsanachd seachad oirre. Cha robh dòigh fon ghrèin gum biodh ise a’ tuigsinn gur robh amas aige airson an t-saoghal atharrachadh. Seadh bha na trì-ficheadan seachad ach bha esan beò an dòchas cuideachd. Gu mì-fhortanach, ann an dòigh nach biodh a theaghlach a’ tuigsinn gu sìorraidh bràth. Bha guth a mhàthar a’ fàs na bu làidire ach bha esan cofhurtail a bhith sa cidsin còmhla rithe, bha e mar nach biodh tìm a’ gluasad air adhart san àite shònraichte sin. B’ e cuspair diofraichte a bh’ann ach bha esan dìreach a’ faighinn an aon trod a fhuair athair agus a phiuthar le chèile. Bha fhios aige gur e gràdh a bha ag adhbhrachadh an fhuaim a bha a’ lìonadh a’ chidsin agus an talamh àrd moralta a bha eadarra. Agus co-dhiù bha fhios aige gu robh a chuid bheachdan a thaobh cainb buailteach a bhith cosgail. Thuirt e ris an t-Siorram gu robh e air a bhith smocadh cainb bhon a bha e ceithir bliadhna deug a dh’ aois agus na bheachd phearsanta bha an luibh air deagh bhuaidh a thoirt air an dà chuid a bheatha agus a shlàinte. Fhreagair an Siorram gur robh fhathast, gu fortanach, fada a bharrachd buaidh sa choimhearsnachd aig a bheachd fhèin na aig a’ bheachd aigesan agus cha robh e ag aontachadh leis. Bha an Siorram làn chinnt nach robh Pòl agus cainb gu feum sam bith ann am beatha agus slàinte na coimhearsnachd agus ma dh’fhaodhte gun toireadh greis sa phrìosan cothrom dha sin a thuigsinn. Bha Pòl air a bhith onarach sa chùirt agus bha e daor dha. A bharrachd air a bhith toilichte dìreach ann a bhith an làthair bha adhbhar eile gu robh e ann am fìor dheagh shunnd. Air a bhòn-dè thàinig litir bhon chomhairle 3 Hammersmith agus Fulham a’ tabhann lobhta dha. Bha e air fòn a chur thuca a’ gabhail ris agus bhiodh e an làthair an ath sheachdain gus sealbh a ghabhail. Bha fhios aig màthair Phòil gum biodh e fada na b’ fhurasta dha shìos an sin na a bhiodh e ann am baile a h-àraich. Cha mhòr gun robh Pòl ga chreidsinn, lobhta ann an Harrington Court faisg air Pàirc Hurlingham agus Parson’s Green, New King’s Road agus an taobh an iar faisg air làimh. Bhiodh e fiù ’s comasach beagan obair fhaighinn air margaidh North End Road. Bhiodh e ag ionndrainn an àite far an do rugadh agus a thogadh e ach b’ fheàirrde e a dhol a Lunnainn aig a’ cheann thall. Thug e pòg do a mhàthair agus chuir e air a gheansaidh. Lean i gun doras e agus thuirt i, ‘Càite a bheil thusa a’ dol? ‘Inbhir Nis ,’ fhreagair e. ‘Tha beagan agam ri a chur air dòigh mus falbh mi Chuir sin fo iomagain eile i, ‘Phòil, gabh air do shochair. Na dèan dad sam bith gòrach thall an sin.’ Bha eagal air a mhàthair gum biodh e air ais ann an sàs sa bhad nan deigheadh beagan fhaighinn na phòcaid an ath thuras a chitheadh am poileas e. ‘Na gabh dragh,’ thuirt e le gàire, ‘chan eil mise airson tuilleadh tìde a chur seachd ann an Porterfield. Nì mi mo dhìcheall gus sin a sheachnadh, tha Penthouse gam feitheamh shìos ann an Lunnainn.’ Agus leis an sin bha e a-mach agus air a shlighe dhan bhaile. Chaidh e tron ghàrradh-chùil agus tarsainn an raon-cluiche gu meadhan a’ bhaile. Thug e sùil dhan t-sealladh gu deas agus na ciad cnocan a bha ag èirigh taobh thall na h-aibhne, air an cùlaibh na monaidhean agus an uairsin na speuran gorma. Lean a sùilean an rathad gus an deach e a-mach à sealladh air lùb a bha fo craobhan giuthais. ’S iomadh turas a bha e na shuidhe na bhalach òg air an raon-cluiche a’ coimhead a-null gun rathad agus uaireannan bhiodh càr no làraidh ga leantainn gu ceann-uidhe dìomhair air choreigin. Cha robh dìomhaireachd sam bith ann dha sna làithean seo, bha e eòlach air a h-uile bad air an rathad gu deas agus a h-uile càil neònach agus annasach sa bhaile mhòr. Dhlùth Pòl faisg air sreath thaighean a bha JCB a’ leagail. Cha b’ e taighean mòra a bh’ annta agus aig an ceann bha bùth bheag. Cha d’ràinig an JCB fhathast i agus bha an soidhne fhathast os cionn an dorais, soidhne aig an robh buinteanas ri linn eile. Cha robh dad sam bith taobh a-muigh na bùtha agus bha na h-uinneagan air an còmhdachadh le duslach agus lìn dhamhan-allaidh. Cha mhòr 4 nach robh cuimhne aige air a h-uile duine a bha a’ fuireach sna taighean seo, aig a h-uile doras bha ìomhaigh dè chuideigin ach b’ ann aig a’ bhùth a bha a’ chuid bu mhotha de a chuimhneachain. B’ ann an sin a bha uaireigin dathan, guthan soilleir chloinne agus a’ Bhean-phòsta Nic a’ Phearsain. Bha i còrr air ceithir fichead ‘s a trì bliadhna deug a dh’aois nuair a leig i dhith a dreuchd agus nach math a rinn i. B’ ann sa bhoireannach ud a bha aon de na bunaitean air an robh dòigh-bheatha a’ ghinealaich ud stèidhichte. A-nis bha bucaid a’ JCB a’ dlùthadh air na làithean buidhe a bha seo. ’S iomadh turas a thòiseachadh bhon uaimh ionmhais seo le fiamh-ghàire bhon chailleach seo a’ toirt beannachd air na buidhinn chloinne. A h-uile oidhche Shathairne bhiodh Pòl a’ ruith sìos dhan bhùth bhon sgeama gus an ‘Green Final’ a cheannach dha athar. Bha athar fhathast air a bheò-ghlacadh le staitistearachd a’ bhuill-choise, bha e a’ coimhead air dè cho mòr ’s a bha na slòigh aig na geamaichean an dà chuid Alba agus Sasainn. Nam biodh an àireamh a bha a’ dol tron doras aig Port Vale a’ dol an-àirde bhiodh fhios aig athair Phòil. B’ e cleachdadh a bha Pòl e fhèin measail air a bh’ ann, a’ coimhead air liostaichean sgiobaidhean ann an àiteachan nach fhaca e a-riamh. Rinn e sgrìob gu Craven Cottage ge-tà ach cha do chòrd e ris a bhith shuas gu h-àrd a’ coimhead air a’ ghèam agus ceò reòthte ag èirigh às an Thames. Bha e dìreach ann air sgàth ’s gun robh e a’ dol gu pàrtaidh ann am Putney agus lean e buidheann luchd-taic tarsainn na drochaid. Cha do rinn eadhon paidh agus Bovril mòran feum air an oidhche ud. Dhàsan bha an suidheachadh cracte, carson a bha Chelsea a’ cluich ann am Fulham agus Fulham a’ cluich ann am Putney, bha a h-uile càil seachad air. Aon rud às an robh e cinnteach, b’ e gur e àite cunnartach a bh’ ann anns na trèanaichean bho thalamh nuair a bha feadhainn den luchd-leantainn bho sgiobaidhean Lunnainn diofraichte a’ dol dhachaigh. Ach bha e fada air falbh bho sin an-diugh fhad ’s a bha e a’ coimhead air pìos eile de mhullach na bùtha a’ tuiteam. Dhàsan bha e mar gum biodh beagan den eachdraidh phearsanta ga dubhadh às, mar gum biodh esan na phàiste a’ bruidhinn leis a’ chaillich chòir agus bucaid an inneil a’ tighinn tron bhalla a’ dèanamh sgrios air a’ bhathar agus air an dithis aca. Cha bhiodh clann sam bith eile a’ ceannach suiteas bhon bhùth, shaoil e, bhiodh aca ri a dhol suas gun t-sràid mhòir. A-nis bha aig athair ri ‘Green Final’ a cheannach aig a’ gharaids. Bha Pòl air a bhith tilleadh dhan bhaile a h-uile bliadhna ach gach 5 turas bha e mar gu robh pìos eile a bha sònraichte dha air a sguabadh air falbh. Bha e an dà chuid na phàirt den bhaile agus na àite coigreachail dha. Cha robh e comasach pàirt a ghabhail ann mar a chleachd e. Gun teagamh bha an ceangal a’ crìonadh. Chùm e air gun bhus. Nuair a thilleadh e bhiodh a’ bhùth air falbh. Thogadh iad rudeigin eile agus ma dh’fhaodhte bhiodh cuideigin eile, can ceud bliadhna air thoiseach a’ coimhead air inneal ùr buidhe a’ dèanamh sgrios air togalach air choreigin eile. Ceud bliadhna no fiù ’s beagan nas tràithe na sin, an ath thuras a thilleadh Reul Chearbach Halley. Chan fhaca e an reul chearbach gu ruige seo agus cha bhiodh mòran teans ann oir bha i a’ falbh aig astar a bha iongantach, bhiodh feum aig deagh phrosbaig, a leithid a bha aig an duine ùr aig a phiuthar ach cha bhiodh Pòl cofhurtail leis. An turas mu dheireadh a bha e sa bhaile bha faclan eadar e fhèin agus an duine sin anns an taigh-seinnse far an robh a phiuthar ag obair. A rèir coltais bha iadsan a’ faighinn air adhart gu math agus cha bhiodh e gu mòran feum am bodraigeadh agus co-dhiù bha cus aige ri dhèanamh. ’S math gu robh dearbhadh-aithne air. Bha iad gu math amharasach dheth, duine de leithid-sa a’ toirt a-mach sia ceud not às a chunntas. Bh’ aige ri bruidhinn ris a’ mhanaidsear mus d’fhuair e grèim air a chuid airgid. Chaidh e a-mach às a’ chomann-togalaich ann an deagh shunnd ge-tà agus rinn e air Charlie’s café. Bha e airson a bhith a’ choimhead air an t-saoghal a’ dol seachad fhad ’s a bha e a’ gabhail srùbag. B’ e annas air leth a bh’ ann nuair a bha e òg a bhith a’ dol a-steach gu Charlie’s café le a mhàthair gach turas a dheigheadh iad gu Inbhir Nis agus cha b’ ann gu tric a bha sin. Chaidh e a-steach gus a bhith na bhalach beag a-rithist. Chuir e roimhe gun tilleadh e air an trèana as dèidh pinnt san stèisean. Smaoinich Pòl gum biodh còig ceud not gu leòr airson beagan àirneis fhaighinn airson a lobhta. Bheireadh e ceud not dha a mhàthair cuideachd ged a bhiodh eagal oirre mu co às a thàinig e. Ma dh’fhaodhte thilleadh e gu deas feasgar Diluain air an trèana oidhche, chuireadh e an t-airgead sa sporan aice, bhiodh sin fada na b’ fhurasta dha agus cha bhiodh e a’ seachnadh tuilleadh trod bhuaipe agus cha bhiodh feum air sgeulachd nach biodh ise a' creidsinn a chruthachadh. 6 Shùgh Eirdsidh dà Ibuprofen agus ghabh e balgam tì. Dh’fhosgail e tiona de bhiadh choin agus chuir e na bha na bhroinn ann am bola a bha air an làr. Ghluais Alsatian mòr gu slaodach a-mach à basgaid chuilc, shìn e e fhèin agus ghluais e a-nall gun bhiadh. ‘Uill Brus, ciamar a tha thu fhèin air a’ mhadainn seo? Saoilidh mi gum bi mise a’ dol gu Inbhir Nis an-diugh.’ Mus do thòisich Brus ag ithe a chuid bhracaist sheall e suas ri a’ mhaighstir. Lean Eirdsidh air adhart, B’ e mearachd a rinn mi gu dearbh a bhalaich, chan urrainn dhuinn tilleadh a-nis ge-tà. Chì sinn dè thachras, chì sinn dè thachras.’ Chaidh e a-mach às a’ chidsin dhan t-seòmar-còmhnadh, sguaib e dùn irisean bhoireannach bhon bhòrd-cofaidh agus shuidh e sa chathair leathair, chuir e a chasan air a’ bhòrd agus choimhead e a-mach tron uinneig air an locha agus na cnocan air a chùlaibh. Bha bharrachd air dusan ealachan bàna air tighinn dhan loch am-bliadhna, bha iad an sàs sna deasan-gnàthach aca, beagan cluiche, beagan dannsaidh agus beagan fòirneirt, ann an ceann trì seachdainean bhiodh iad a-mach à seo agus bhiodh an dà eun-còmhnaidh a’ faighinn sìth agus thogadh iad nead agus an uair sin bhiodh cearcall eile air a thòiseachadh. Dìreach mar a thog Eirdsidh agus Sùsaidh nead ri taobh an locha biodh an dà chreutair ga dèanamh ach an taca ri na h-eòin bha Eirdsidh den bheachd nach robh iad - esan agus Sùsaidh - a’ dèanamh cho math idir. A-raoir bha iad air a bhith ann an Inbhir Nis aig bàr ùr a bha san fhasan. Thachair iad air càirdean Sùsaidh agus bha e air a bhith aig iomall a’ chòmhraidh fad na h-oidhche. Bha iad uile an aon aois ri a nighinn fhèin agus cha robh mòran aca an cumantas. A-nis nach ann a thug Sùsaidh cuireadh dhaibh gu pàrtaidh san taigh aca an ath dheireadh sheachdain. Bha ise mothachail nach robh esan air a bhith cofhurtail agus nuair a thill iad dachaigh rinn i a dìcheall gus a chur ann an deagh shunnd. Nuair a chaidh iad dhan leabaidh cha robh dad a seas dìreach ge-tà, esan le tè àlainn còig bliadhna fichead a dh’ aois deiseil agus deònach dha agus cha robh e comasach. Cha do sheall Sùsaidh a briseadh-dùil dha ge-tà agus chuir i a gàirdeanan mu cuairt air ach bha fhios aca le chèile gur e mòmaid chudromach sa chàirdeas a bh’ ann. Leugh e mu dheidhinn cùisean ann an Chernobyl sa Phress & Journal, bha iad a’ 7 gluasad dhaoine nam mìltean a-mach às na sgìrean cunnartach anns an Ruis. Gu dearbh bha iomadh rud na bu mhiosa na cion boid cruaidh. ’S e suidheachadh cianail a bh’ ann an Chernobyl agus smaoinich e air ciamar a bha mac an duine san dùthaich seo beò ann an seòrsa aisling, a h-uile càil ceart gu leòr agus cearcall a’ chuain a bha iad uile a’ tuigsinn gus an tachradh rudeigin nach robh iad comasach dad a dhèanamh mu a dheidhinn. Cha robh Eirsidh air a bhith toilichte le Artair Scargill ach dha-san bha e gòrach ann a bhith a’ cur às den ghuail air fad. Dè a thachradh nan spreadhadh Torness no stèisean niuclasach eile. Ach cha bhiodh dòigh sam bith a dhol air ais a-nis, Rinn Maggie a’ chùis air na mèinnearan agus iadsan taobh a-muigh oifisean an t-sochair cion-cosnaidh. Seadh rinn Artair Scargail bùrach às a h-uile càil, dìreach mar a rinn Eirsidh sgrios air a phòsadh. Bha esan agus Sìne air a bhith sunndach sa chiad dol a-mach nuair a ghluais iad dhan bhaile. Fhuair iad deagh phrìs airson an taigh-òsta a bh’ aca ann an St Helier. Chuir iad naoi bliadhna deug den cuid obrach a-steach den ghnìomhachas a bha sin. Thòisich iad le rudeigin a bha a’ tuiteam às a chèile agus chrìochnaich iad le àite le cliù eadar-nàiseanta. Rinn iad imrich dhan taobh a tuath gus a bhith faisg air màthair Sìne ach bhàsaich i dìreach dà mhìos às dèidh dhaibh am baile a ruighinn. Bha e air a bhith an dòchas gun tilleadh iad gu Jersey no fiù ’s dhan Bhreatainn Bhig far an robh taigh aca air an dùthaich. Dà uair a thìde sa bhàt'-aiseig, cuairt dha na bùthan ann an St Malo agus an uair sin, sin iad sa bhaile iomallach ann an Tregor. B’ iad sin na làithean ach cha d’fhuair e cothrom idir tilleadh gu Jersey no gun Bhreatainn Bhig. Ghabh Sìne dreuchd san taigh-òsta. Ann an ùine nach robh fada chuir ise ceart a h-uile càil ach cha robh tìde aice airson bruidhinn ris. Dh’fhàs i na b’ fhuaire, chan ann a-mhàin le Eirdsidh ach leis a h-uile mac màthar eile nach robh na neach-ceannach. Bha i cianail cruaidh ris an luchd-obrach, rudeigin nach d’rinn i a riamh ann an St Helier. Thilg i i fhèin a-steach na cuid obrach agus cha do mhothaich i gu robh Eirdsidh ga thilgeil fhèin a gàirdeanan Sùsaidh, àite far an robh fàilte agus fuaran ga fheitheamh. Agus sin mar a thachair. A-nis b’ e càraid a bh’ ann fhèin agus Sùsaidh. Bha e a’ phàigheadh màl airson an taigh seo trì mìle taobh a-muigh a’ bhaile ri taobh an locha far an robh na ealachan-bàna Bha e air a bhith ga sheachnadh ach na chridhe cha robh e buileach cinnteach an ann ga mhealladh fhèin a bha e, a’ lorg 8 an dòigh beatha a bh’ aige nuair a bha e fada na b’ òige. Cha thilleadh a h-uile càil a bha sin gu bràth agus cha bhiodh e comasach tè ceithir air fhichead bliadhna a dh’ aois a chumail ann an deagh shunnd. Bhiodh i a’ lorg cuideigin a bheireadh sàsachadh dhi ann an ùine nach biodh fada. Bha e a’ creidsinn gur robh i measail air ach bha e cinnteach nach robh gràdh aice air. Cha do chuir sin dragh air sa chiad dol a-mach, ’ s e seòrsa de chuach òir a bh’ innte, rudeigin gus farmad a chur air na bodaich eile faisg air làimh. Beag air bheag ghluais an fhìrinn a-steach dhan ghnothaich. Bhiodh esan ag èisteachd ri cèol clasaigeach agus ise ri pop, bha na siabain a’ cur dragh mòr air: cha robh fiù ’s telebhisean san taigh fad ’s a bha e pòsta ri Sìne agus a-nis bha aige ri Eastenders a fhulang. Bha Eirdsidh measail air grunn cur-seachadan a-muigh ach cha do chòrd sin ri Sùsaidh. Bha ise air a dòigh glan a’ cabadaich air a’ fòn ri a cuid teaghlaich. Gu tric bhiodh ise agus a màthair a-mach air a bràthair sa phrìosan. Cha mhòr gun robh dad sam bith a bha a’ tachairt ri Sùsaidh, a màthair, a peathraichean, no peathraichean a màthar nach robh air a craobh-sgaoileadh tron lìn-conaltraidh aca. Dhàsan bha e mar gu robh aon inntinn aig an teaghlach air fad. Bha an suidheachadh ga mhùchadh. Bha màthair Sùsaidh den bheachd gur e duine mòrchuiseach a bh’ ann ach cha bh’ ann mar sin a bha e idir. Dh’ fhàs e suas ann an eagar sòisealta a bha gu math diofraichte an taca ris an fhear a bh’ aig Sùsaidh ach dh’ionnsaich athair dha gu robh luach air a h-uile duine agus nach bu chòir dha aig àm sam bith crìochan a chur eadar e-fhèin agus daoine eile a thaobh clas no dad sam bith eile. Shaoil e gu robh e air a bhith dìleas dha feallsanachd athar ach cha robh dàimh a theaghlaich a-riamh cho dlùth ri na bh’ aig Sùsaidh. Cha robh e na bhreitheamh orra, bha e cus dha ge-tà, agus cha bhiodh dad ag atharrachadh. Leum e a-steach cho luath, cha robh e air a bhith smaoineachadh idir. A-nis bha càirdeas eile aige a bha tuiteam às a chèile. Bha e air a bhith lorg suidheachadh cofhurtail, dh’fhosgail doras ùr dha ach bha ribe air a chùlaibh nach fhaca e. Chaidh e a-mach an doras leis a’ chù agus rinn e air an slighe a bha a’ leantainn taobh lochan suas dhan choille-bheithe. Gu h-obann bha e ag ionndrainn nan creag àrda taobh a tuath eilein Jersey gu mòr, mòr. Bha cianalais air, cha b’ ann a-mhàin airson àite ach linn eile. Chuir Tòmas am pàipear air a’ chunntair am broinn oifis a’ phuist sa chlachan 9 agus mar a b’ àbhaist dhi cha do rinn am boireannach taobh thall a’ chunntair gàire no dad sam bith eile ris. Bha seòrsa de mhulad sgrìobhte air a h-aogas agus cha robh mòran dhaoine deònach sin fhulang a h-uile latha agus mar sin ’s gann gun deach duine sam bith a-steach den bhùth. Bha Tòmas air fàs cleachdte ris agus cho fad ’s nach robh e a’coimhead air a h-aodann cha bhiodh i a’ cur cus dragh air. Bha seòrsa de dhìonachd aige agus b’ urrainn dha a dhol a-steach gun dad sam bith buaidh a thoirt air. Air a shlighe dhan ghàrradh thachair e air an fhorsair a bha tighinn a-mach a thaigh. Choisich iad le chèile sìos an rathad. Bha land-rover tighinn gan ionnsaigh suas am bruthach. ‘Tha fhathast cothrom agad do chasan a thogail às,’ rinn an fhorsair fealla-dhà. ‘Cha dèanadh e dad fhad ’s a tha fear-fianais ann. Tha mise sàbhailte gu leòr sa mhadainn seo.’ Bha a h-uile càil a bha seo a’ cur dragh air Tòmas. Bha e ag obair aig àite brèagha air an dùthaich taobh a thuath Alba, bu chòir dòigh beatha socair ciùin a bhith aige ach cha b’ ann mar sin a bha cùisean idir, idir. Chaidh an land-rover seachad agus thug an dràibhear sùil air Tòmas agus rinn e gluasad le a chorrag tarsainn amhach aig an aon àm ‘Nach buidhe dhut,’ thuirt am forsair. ‘Tha mi an dòchas gun do chòrd e riut gu mòr nuair a fhuair thu a-steach drathais a nighean. ‘Carson nach eil duine sam bith gam chreidsinn? Cha do chuir mi làmh oirre. Bha eagal a beatha oirre bho a h-athair agus thug mi fasgadh dhi,’ bha an guth aige frionasach agus nan rachadh a phronnadh bha fhios aige nach biodh mòran a ghabhadh truas air. Faighinn taobh a-staigh na drathais aice? Cha robh e ag aideachadh nach robh sin plana aige o chionn fhada agus cha robh dad ceàrr le sin, bha i seachd deug bliadhna a dh’aois. An oidhche a nochd i air a dhorais ann an fìor droch stad le eagal a beatha oirre cha robh e deònach brath a’ gabhail oirre. Chuir e san t-seòmair eile i ach bhon uair sin cha robh duine sam bith ga chreidsinn. ‘Seadh’ thuirt a chompanach le gàire eile. ‘Thug thu fasgadh dhi.’ . 10 Bha deich mionaidean a dhràibheadh aig Eirdsidh air an rathad mus do ràinig e an A96. Bha e ag èisteachd ri Rèidio ceithir agus cha robh briathran an riaghaltais a’ toirt mòran misneachd dha. A rèir coltais cha robh cunnart sam bith ann dhan mhòr-shluagh agus bha an riaghaltas a’ cumail sùil geur air a’ ghnothaich agus a’ dèanamh deuchainnean a bharrachd sna àiteachan far an robh uisge trom. Cha robh e gan creidsinn idir, bha faireachdainn aige. Bha iad a’ dèanamh an dìchill gun clisgeadh a chur air daoine. Bha eagal air son an àm ri teachd, bha Chernobyl a’ cur sealladh diofraichte air a chuid thrioblaidean, taing dha Dia nach b’ ann ri taobh an stèisein niuclasaich ud a bha esan a’ fuireach. 11 Thog Tòmas na luibhean às a’ bhuntàta agus chuir e beagan a bharrachd talamh air na barran ùra a bha a’ nochdadh. Bha fhathast cunnart reothaidh ann tràth sa Chèitean ach ann an greis bhiodh na barran a’ fàs suas a-rithist agus cha b’ urrainn dha dìon sam bith eile a thoirt dhaibh. Chaidh e a-mach air a’ gheata leis a’ bhara làn. Taobh thall geata eile chaidh e a-steach gu àite far an robh iad a’ dèanamh todhar gàrraidh. Bha e air a dhòigh glan sa bhad seo am measg nan dùnan eadar-dhealaichte, nan sliseagan a rinn iad bhon fhiodh a chaidh a ghearradh, nam baraillean leanna a rinn iad le comfrey. B’ ann an seo a bha teis-mheadhan an t-siostaim uaine a bha iad a’ cleachdadh. Bha sgudal a’ tighinn a-steach agus stuth a bheireadh slàinte agus spionnadh dha eag-eòlas an lios a’ dol a-mach. B’ e cearcall a bh’ ann an siud, cearcall a bha dìreach cho sìmplidh, nàdarrach agus bunaiteach anns an ràithean ‘s gu robh cha mhòr an saoghal air fad air cùl a chur ris. Thog e mullach baraille agus thug e sùil air na boiteagan beaga dearga. Abair thusa gu robh iad dripeil trang. ‘Tha sibh a’ dèanamh uabhasach fhèin math a chàirdean,’ thuirt Thòmas, ‘bidh mise a’ tighinn a-nall le feadhainn de na currain bhon uiridh a dh’ aithghearr, chan eil iad gu mòran feum a-nis ach bidh sibhse air ur dòigh glan leotha. Cuiridh mi beagan an seo agus càch air an dùn mhòr.’ Bha Tòmas cinnteach nach b’ urrainn dha gu bràth tilleadh a dh’ obair ann an gàrradh gnàthach. Chòrd na dòighean uaine ris cus airson sin a dhèanamh. Ma dh’fhaodhte gu robh an saoghal a’ dol gu tur às a chiall ach ann an seo bha fhathast oisean far an robh cùisean feumail dhan àrainneachd agus nam biodh e a-chaoidh ag obrachadh ann an àite eile dh’fheumadh e a bhith coltach ris an fhear seo. Bha esan aig fois le na prionnsabalan uaine ann an seo. Dh’atharraich a bheatha bhon latha a fhuair e dreuchd aig a’ ghàrradh seo. A-nis cha robh e buailteach idir a bhith cho fiadhaich agus cunnartach le daoine eile ‘s a bha e nuair a bha e a’ fuireach sa bhaile mhòr. Thàinig a’ phrìomh ghàirnealair a-mach às an oifis aige agus rinn e air Tòmas. Bha amharas air gu robh Tòmas a’ bruidhinn ris fhèin a-rithist, chuala e e aon turas nuair a bha e san roinn todhair. Smaoinich e gur e balach neònach a b’ ann an Tòmas ach thuirt am bàillidh gum b’ e Tòmas an gàirnealair a b’ fheàrr san sgioba agus gur robh an sealbhadair measail air. A bharrachd air sin nam biodh na h-atharrachaidhean a bha e airson a chur an gnìomh a’ cur dragh air Tòmas 12 bha e ceadaichte £500 a thoirt dha mar àrdachadh pàighidh. Cha tuirt am bàillidh càil ris a’ phrìomh ghàirnealair ach chuala e san taigh-seinnse bho mhanaidsear roinn an togalaich gun dhiùlt Tòmas an dreuchd. A rèir coltais thuirt e riutha gun smaoinich e nach robh e deiseil airson gluasad air adhart san dòigh sin agus gum biodh e a’ cur cus dragh air a bhith a’ dèiligeadh leis a’ bhiurocrasaidh a bha tighinn a-steach dhan ghàirnealaireachd. Mhothaich Tòmas gu robh fhathast briogais gheal air a’ phrìomh gàirnealair. Bha seachdain a-nis bho nochd e sa briogais ud agus a sheachad ‘rùisg’ a bha na bu fhreagarraich airson nam beanntan, oir nan rachadh thu faisg air preas ròsan dheigheadh a reubadh ann an ùine nach biodh fada. B’e a bh’ anns a’ bhriogais ud ach seòrsa de shanas nach biodh an duine a bha seo a’ dèanamh mòran obrach leis an sgioba. B’ e aon den luchd-stiùiridh a bh’ ann gu dearbh agus bha e airidh air, smaoinich Tòmas, bha a’ chainnt aige, a’ chainnt a bha freagarrach airson nan dòighean ùra. Nuair a leig an t-seann cheannard dheth a dhreuchd thuirt e gum b’ ann mar sin a bhiodh e a-nis agus cha robh dòigh sam bith ann a bhith ga sheachnadh. Bha an duine ud a’ cumail a’ dol sa chlachan le a ghàrradh fhèin agus le na dungarees shalach, ghorm a bh’ aige a h-uile latha a bha e an sàs san dreuchd aige agus cha robh e ga ionndrainn idir, bha cus pàipeir a’ tighinn a-steach na bheachd-sa agus leis an sin cha do chuir e iongnadh sam bith air gum biodh fàilte agus fuaran air a’ bhriogais ghil. Cha tàinig am fear ùr a-steach dhen roinn far an robh Tòmas. Bha e a’ bruidhinn ris taobh thall a’ gheata, ‘Thòmais, an urrainn dhut a thighinn dhan oifis agam aig leth uair an dèidh deich? Tha rudeigin agam ri ràdh ris an sgioba.’ Ged a bha coltas ceannaird air, bha beagan mì-chinnt ri cluinntinn sa ghuth aige. Bha e follaiseach gu robh pàirt dheth an-fhoiseil ann a bhith dèiligeadh ris an luchd-obrach. ‘Seadh, chì mi sibh aig leth uair an dèidh deich,’ thuirt Tòmas san stoidhle àbhaistich. Bha eagal air a’ cheannard gu robh Tòmas a’ toirt dìmeas dha ach cha robh e a’ tuigsinn nach robh dòigh sam bith eile aig Tòmas ge b’ e cò a bha e bruidhinn ris. Thòisich an ceannard a’ dèanamh air an oifis ach thionndaidh e agus thuirt e ann an guth a bha fada ro fhoirmeil. ‘Agus rudeigin eile, tha iad ag iarraidh dà phèile 13 de lusan a’ chrom-chinn shuas aig an taigh. An urrainn dhut sin a dhèanamh sa bhad?’ Cha do dh’fheith e air freagairt bho Thòmas mus do thionndaidh e. Bha sùilean Thòmais ris na speuran ge-tà, chuala e clamhan ag èigheachd os a chionn. Lean e an t-eun gus an deach e a-steach sycamore aig ceann thall an rathaid a bha a’ leantainn dhan roinn ghàirnealaireachd. Sycamore a bha ’s dòcha còrr air dà cheud bliadhna gu leth a dh’ aois agus ged a bha i fhathast bàn bha i a’ dèanamh fiughair gus a bhith tòiseachadh a-rithist. Chòrd e rium gu mòr a bhith a’ cruinneachadh bhlàthan. Bha a’ mhòr chuid de na lusan a’ chrom-chinn agus na narcissi faisg air na Wellingtoniae agus bha gràdh aige air na craobhan seo. Dh’ fhàs iad bhon t-sìol a thàinig bho Ameireaga agus a rèir nan eòlaichean b’ ann an Alba a gheibheadh tu an àrainneachd a bu fhreagarraiche dhaibh taobh a-muigh iar-thuath Ameireaga. Bha feadhainn dhiubh na b’ àirde na ceud gu leth troigh a-nis. Nan biodh iad a’ cumail a’ dol mar sin dh’fhàsadh iad aon latha gu bhith cho àrd ris an fheadhainn taobh thall an t-saoghail. Chaidh Tòmas gu doras-cùil an taigh mhòir agus dh’fhosgail e e. Taobh a-muigh bha an còcaire a’ gabhail srùbag còmhla ris an neach-glainnidh. ‘Seo na blàthan agaibh’ thuirt e riutha, agus chuir e air a’ bhòrd iad. ‘Ciamar a tha thu an-diugh,’ dh’fhaighnich an còcaire dheth. ‘Chan eil adhbhar a bhith gearain,’ thuirt Thòmas. ‘Ciamar a tha sibh fhèin.’ ‘Tha mise gu dòigheil agus feumaidh mi aideachadh gur ann an deagh shunnd a tha an creutair bochd seo,’ bha an còcaire na dhuine fosgarra mar a bh’ àbhaist dha. B’ e boireannach coibhneil meadhan aoise a bh’ ann an Elsie an neach-glainnidh agus cha do chuir e dragh oirre gu robh an còcaire a’ bruidhinn air a son. Thòmais, tha ceist agam dhut,’ thuirt an còcaire le gàire bheag. ‘Ma bhios e co-cheangailte ri nighean a’ gheamair, chan eil dad agam ri ràdh,’ leig Tòmas osna. ‘Chan eil idir. Bha mi dìreach a’ smaoineachadh gu robh rudeigin a dhìth ort an-diugh.’ ‘Gu mì-fhortanach chan eil fhios agam fon ghrèine co air a tha thusa a-mach,’ bha Thòmas cinnteach gum biodh an còcaire ri spòrs air cuspair air choreigin. ‘Uill bha iongnadh oirnn nach robh briogais gheal ort. Nach bu chòir do phaidhir a bhith aig a h-uile gàirnealair a-nis.’ Thàinig a’ cheist. 14 ‘Nach thusa a tha èibhinn!’ fhreagair Tòmas. ‘A dh’innse na fìrinn chan eil e a’ cur sìon a dragh orm dè an dath a th’ air a’ bhriogais aige, nan robh briogais goirid Bermuda clò na Hearadh air bhithinn-sa fhathast coma.’ Rinn e fiamh-ghàire riutha agus dh’ fhalbh e, nuair a dhùin e an dorais chuala e iad a’ gàireachdaich. Cha robh e a-riamh airson cus ùine a chur seachad san taigh-mhòr bha cus poilitigs am measg an luchd-obrach shìos an sin. Bha e a’ cur iongantas air ciamar a bha feadhainn san t-saoghal air an dòigh glan ann a bhith a’ dubh càineadh cuideigin agus an uair sin sa bhad a bhith càirdeil leotha agus a bhith a’ càineadh cuideigin eile. Seadh, bha seanchas den leithid nàdarra ach nan robh e sna h-olympics bhiodh iadsan shuas aig an taigh a’ riochdachadh Bhreatainn. Fhad ’s a bha e a’ tilleadh dha na gàrraidhean smaoinich e nan robh e soirbheachail cha bhiodh e ag ionndrainn an còcaire agus a eirmse sgaiteachail. Uaireannan bha an còcaire cus dha. Smaoinich e a-rithist air na Wellingtoniae agus air an àm a bha sin nuair a bha na luibh-eòlaichean a’ tilleadh às na ceithir ranna-ruadh le lusan ùra. Bhiodh agad ri a bhith fada na bu sgileil sna làithean ud. Gheibheadh tu sìol agus nam robh thu fortanach biodh aithris ghoirid air dè seòrsa lusa a bh’ ann agus ma dh’ fhaodhte bhiodh dealbh peansail na chois. B’ ann ortsa mar ghàirnealair a bhiodh a h-uile càil a’ crochadh agus dh’fhaodadh do chliù a dhol suas no sìos a rèir do chuid eòlais no sealbh. Bha Tòmas fo gheugan mòran de na craobhan a-rithist agus smaoinich e mu na daoine a chuir thuca na sampallan mìorbhaileach seo. Cha robh de mhac-meanmna aca gu a bhith sealltainn air adhart gu 1986 agus dè seòrsa coltais a bhiodh air na bha iad a’ cur. Cha robh stèiseanan niuclasach ann nuair a bha iadsan dripeil trang le na lusan a lorg na h-eòlaichean. Bha truailleadh gu leòr ann ge-tà ach taobh a-staigh nam bailtean mòra cha robh a h-uile càil fhathast aig ìre ‘uaine’. B’ ann às na leabhraichean bhon linn mu dheireadh a bha iad a’ faighinn fiosrachadh gus an iomairt ‘uaine’ a thoirt air adhart. An uairsin shaoil e dè a’ buaidh a bhiodh aig Chernobyl air na craobhan, air a h-uile càil. Dè thachradh dhan àrainneachd mu chuairt a’ bhaile far an robh an luchd-obrach a’ fuireach. Am bàsaicheadh a h-uile càil thall an sin, am bàsachadh na craobhan seo. Am biodh mùthadh air choreigin a’ nochdadh. Bha cùisean dìreach eagalach ach chan atharraicheadh sin gu robh 15 an geamair às a dhèidh le droch rùn. Nach neònach an saoghal, bha e gu math furasta a bhith air do bhogadh le gràine ann an cruinne-cè a bha fhathast àlainn bòidheach làn mhìorbhailean. Bha beachd aig Tòmas o chionn fhada gum bu chòir do mhac an duine an t-sitig fhaighinn ach bha a h-uile càil a bha mu chuairt air a’ tighinn beò a-rithist agus a’fàs gorm. Chumadh e a’ dol, chumadh e a’ dol. Aig leth-uair an dèidh deich bha sianar dhiubh san oifis, am fear leis a’ bhriogais ghil agus còignear ghàirnealairean eile. Bha an ceannard na shuidhe air cùlaibh a dheasg. Bha na sgeilpean loma-làn le leabhraichean-fiosrachaidh agus irisean tuathanachas-gàrraidh, air a’ bhalla bha grunn theisteanasan a fhuair an ceannard na dhreuchd gu ruige seo. Le càch a’ choimhead air thòisich e: ‘Tha mise agus am bàillidh air a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air ciamar a tha cùisean ag obrachadh san roinne seo. Gu ruige seo tha sibh uile air a’ bhith a’ cumail sùil air badan diofraichte den ghàrradh. Uill bidh sin ag atharrachadh. Tha stòras tàlant air leth eadaraibh agus tha làn-thìde gu robh cothrom agaibh ur cuid sgilean a leudachadh, leis an sin , bho Diluain a-mach bidh siostam ùr againn, bidh sibhse ag obrachadh mar fhìor sgioba. Bidh mise a’ dealbhachadh clàr-ama dhuibh a h-uile seachdain.’ Bha an còignear a’ fàs caran an-fhoiseil, bha iad pròiseil mu mar a bha iad a’ cumail an raointean fhèin sgiobalta, agus nan robh trioblaid aig duine sam bith bhiodh càch a’ toirt cobhair dha sa bhad. Chùm iad sàmhach ge-tà eadhon ged a bha traidisean a’ dol a-mach às an uinneig fo an sùilean. Lean an ceannard air. ‘A h-uile deireadh seachdain tha dithis agaibh air a bhith a’ cumail sùil air na taighean glainne, tha sin mar dhleastanas air a chlàradh san chùmhnant agaibh. Uill sa chùmhnant a tha sin chan eil iomradh sam bith air an latha dheth a tha sibh air bhith faighinn gach Diluain na chois. Bhon t-seachdain a tha romhainn cha bhi latha dheth Diluain ri fhaighinn. A bharrachd air …’. Bhris aon de na gàirnealairean a-steach air, ‘Chan eil mise a’ cur suas leis a’ chac a tha sin. ’ S e amaideas a tha seo,’ thuirt fear beag maol a bha sa mheadhan den chòignear. ‘Tha mi duilich Iain, ach…’ Dh’fheuch an ceannard ri rudeigin a ràdh ach bhris Iain a-steach a-rithist, bha an dearg chuthach air. ‘Duilich, duilich?’ Dh’èigh an duine maol. ‘Thalla is cac, tha mise a-mach à seo. Gur math a thèid leibh le do bhriogais ghil. Tha eagal ort ro obair agus cha bhi 16 mise a’ dèanamh do chuid.’ ‘Iain, smaoinich mionaid, dè mu dheidhinn an taigh agaibh? Tha sin an cois na h-obrach ann an seo.’ Bha fhios aig a’ cheannard gu robh Iain buailteach a bhith lasrach agus gu dìomhair bha e toilichte gu robh e air bhoil. Nan robh e a’ faighinn cuidhteas dheth bhiodh sin a’ lùghdachadh a’ bhuidseit aige. ‘B’ fheàrr leam taigh-comhairle agus seic-giro,’ thionndaidh e agus bhuail e an doras gu trom air a rathad a-mach. Thuit aon de na teisteanasan bhon bhalla agus bhris glainne na frèama air an làr. Bha bus dearg air a’ cheannard ach às dèidh diog shochraich e e fhèin. ‘A bheil cheist aig duine sam bith eile?’ ‘Chan eil ceist agamsa ach ’s e deagh chothrom a th’ ann a bhith ag innse dhut nach bi mi ann Dihaoine,’ thuirt Tòmas. ‘Tha mi duilich a Thòmais, tha sinn ro thrang an seachdain seo.’ Fhreagair an ceannard. ‘Uill, cead ann no às tha rudeigin agam a tha do-sheachanta.’ Chuala iad càr a’ tòiseachadh taobh a-muigh, bha Iain air a shlighe dhachaigh. ‘Dè an t-adhbhar a th’ agaibh?’ Shaoil an ceannard gum b’ fheàrr dha a bha strìochdadh air a’ phuing seo. ‘Sa chumantas ‘s e sin ceist a bu chòir dhut a chur orm fhad ’s a bha mi nam aonar ach a dh’innse na fìrinn tha mi coma. Tha agallamh agam shìos ann an Sussex,’ fhreagair Tòmas. As dèidh na coinneimh bha an sgioba air bhoil ach bha Tòmas coma, bha gràdh aige air an àite ach bha an t-àm air tighinn a bhith ag imrich a-mach. Mura faigheadh e obair aig deas bhiodh rudeigin eile air fàire ann an ùine nach biodh fada. 17 Bha Pòl air a dhòigh glan. Bha e air a bhith a’ coiseachd tro Phàirce Farraline seachad air Charlie’s café nuair a mhothaich e dha seacaid dràibhear bus air mullach poca dubh sgudail. Cha robh mòran ceàrr oirre ach sracadh sa phòcaid dheis. Chuir e air i sa bhad. Chòrd e ris gu mòr a bhith a’ cluich caractar. Bha e comasach pearsa a thogail dha fhèin agus toirt a chreidsinn air dhaoine eile gum b’ e sin an fhìor dhuine a bh’ ann. Chùm e air suas Sràid an Acadamaidh agus chaidh e suas gu stèisean nan trèanaichean. Chaidh e a-steach a bhàr. Fhuair e a-mach a Phorterfield o chionn trì làithean agus gu ruige seo bha e a’ dèanamh math, cha robh eagal air ro phrìosan ach leis an deagh aimsir bha e airson cumail fada bho chùisean ro mhì-laghail. Bha e làn dùil na fèisean ciùil fhaicinn am-bliadhna, gu h-àraidh Glastonbury agus beagan siubhail a dhèanamh mu cuairt iar-dheas Shasainn am measg feadhainn den ‘Convoy’ no am bad dheth a bha fhathast ann agus nach deach a phronnadh leis a’ phoileas ann an ‘achadh nam pònairean’. B’ e duine mòr a bh’ ann am Pòl agus leis a’ bhiadh agus fois a fhuair e taobh a-staigh nam ballachan àrda bha coltais tapaidh agus slàn air. Ghabh e pinnt agus thug e sùil air na daoine a bha a’ cur seachad ùine eadar trèanaichean no ge b’ e dè eile a thachradh dhaibh na b’ anmoiche san latha. Chuala e beagan Gearmailtis faisg air làimh agus cànan eile nach cuala e a riamh roimhe. Smaoinich e gur robh a h-uile càil a’ tighinn beò a-rithist le luchd-turais a’ nochdadh sa Ghàidhealtachd. Bhiodh beagan a bharrachd a’ tachairt agus b’ e deagh àm a bh’ ann gus a bhith saor. Thug e sùil air an telebhisean os cionn a’ bhàir, bha cuideigin air na naidheachdan a-mach air Chernobyl. Bha Pòl taingeil gu robh e ann am Porterfield nuair a thuit an t-uisge an t-seachdain seo chaidh, chuala e air an rèidio neach naidheachd a-mach air ciamar a bha sgòth mhòr rèidio-beò a’ tighinn a-nall. Gu ruige seo tha a h-uile càil a bha sin air a bhith mar phàirt de na filmichean mòra tubaisteach no ficsean-saidheans dha ach nach tuirt an duine sin air aithris na h-aimsir air rèidio 2 nach bu chòir dhut a dhol a-mach a-nochd. ‘Bidh an t-uisge caran radioactive.’ Agus bha e bog fliuch an oidhche ud cuideachd, bha Pòl air a bhith ag èisteachd ris nuair a bha e a’ bualadh air a’ phrìosan, a’ meòrachadh dìreach dè cho duilich ’s a bhiodh cùisean. Am biodh a h-uile duine a’ dol às an rathad le aillse aig cheann thall sia mìosan? Cha robh earbsa aig Pòl sna h-ùghdarrasan, bha eagal air airson an àm ri teachd ach cho fad ’s a bha pinnt na 18 làimh cha robh cùisean cho dona ri sin. Sheall e air dithis bhana-Gearmailteach, bha pocannan-droma aca agus chunnaic e teanta. ‘An robh iadsan a-muigh san uisge an t-seachdain seo chaidh,’ shaoil e. Cha do mhothaich e sa chiad dol a-mach ach bha smùid orra agus bha iad air tòiseachadh a’ trod. Bha tè aca na b’ aosta agus bha fearg na guth agus bha i a’ gearain gu mòr air rudeigin. Ged nach robh Pòl a’ tuigsinn facal den chànan aca bha e follaiseach gur robh an tè aosta a’ cur coire air an tè eile air adhbhar air choreigin. ‘Dè a tha ceàrr ann an seo?’ Dh’fhaighnich Pòl dha fhèin, an robh ise air a bhith airson a dhol gu Thailand an àite Alba. Dè na tha iad ag ràdh? ‘Thuirt mi riut, thuirt mi riut…gum biodh radiation ann, cha do dh’èist thu rium. Uill ’s e seo an turas mu dheireadh a bhios mise a’ dol air saor-làithean còmhla riut, faodaidh tu a bhith cinnteach à sin.' ‘An robh latha trang agaibh,’ thuirt an tè-fhrithealaidh. Thionndaidh Pòl agus thuig e gur ann ceangailte ri a sheacaid ùr a bha a’ cheist ud.’ Bha boireannach mu deich air fhichead bhliadhna a dh’ aois a’ coimhead air. ‘Uill cha robh trioblaid sam bith agam gus an do bhuail mi triùir baidhsagalairean taobh a-muigh Druim na Drochaid. Cha robh teans sam bith agam, bha agam ri cailleach agus a Labrador seoclaid aice a sheachnadh, ’s toil leam na Labradors, an toil leibhse iad?’ ‘Chan eil cù agam, ’s toil leam iad ach ‘s e lobhta a th’ agam,chan eil cù ceadaichte gu mì-fhortanach.’ Shaoil i gur e freagairt neònach a thug e dhi ach smaoinich i gu robh a h-uile coltais ann gu robh an duine bochd fhathast fo bhuaidh na tubaist.’ Ciamar a tha na bhaidhsagalairean?’ ‘Tha mi dìreach air tighinn bhon Raigmore,’ bha mi airson faighinn a-mach ach nuair a chaidh mi a-steach dhan uàird, thilg fear aca a chlogaid orm. Bhuail taobh mo chinn e. An do dh’ fhàg e comharradh?’ Thomh e dhi taobh clì a chinn. Chrom i tarsainn air a’ bhàr gus sùil a thoirt far an robh corrag Phòil. Nuair a bha an sùilean faisg air a chèile rinn Pòl fiamh-ghàire rithe . Chuir sin an cèill beagan dealain eatarra. ‘Na gabh dragh, tha thusa ceart gu leòr a bhalaich.’ Ghluais i air ais gu slaodach, fhathast ga coimhead le dlùth aire. ‘Dè tha thusa a’ dèanamh nuair a tha do chuid obrach seachad,’ bha Pòl dàna mar a b’ àbhaist dha. 19 ‘ ’S bochd nach do dh’fhaighnich thu sin dhìom an-dè. Bidh mise a’ dol a-mach le mo chàirdean a-nochd.’ ‘Tha sin ceart gu leòr, cha robh ann an siud ach smuain,’ chuir Pòl roimhe gun rachadh e air a shochair a-nis. Bha e cinnteach gu robh ùidh aice ann agus bha e den bheachd gur e tè meadhanach àlainn a bh’ innte agus chuireadh e an gnothach air a liosta de phròiseactan. An uair sin nochd fìor ùpraid eadar an dithis Gearmailteach Bha an tè a b’ aosta air a chasan agus ag èigheachd àrd a clagainn agus a’ luaisgeadh a gàirdeanan ann an dòigh a bha gu math cunnartach dhan fheadhainn a bha faisg air làimh. Bhuail i pinnt air an ath bhòrd agus dhòirt an leann air sgiorta boireannaich à Obar Dheathain. Dh’ èirich ise gu a casan agus fhuair an Gearmailteach dubh chàineadh. Ann an ùine nach robh fada, fhuair beairteas Albais Obar Dheathain làmh an uachdair air a’ chànan eile. Chuir an Gearmailteach a b’ aosta a poca-droma oirre agus theich i agus am boireannach o Obar Dheathain às a dheth. Bha an tè eile fhathast na suidhe agus a’ caoineadh gu trom. Chaidh an tè-fhrithealaidh a -nall gus cùisean a chur air dòigh. Thòisich Pòl a’ seinn gu sàmhach ris fhèin òran air an robh e eòlach, ‘And rain keeps failing like helpless tears, And what have they done to the rain?’ 20 Gnog Crìsdean air doras a’ mhansa agus rinn e gàire ri Eilidh a cho-obraiche ach cha do fhreagair i. Cha robh e dòigheil idir, b’ e sin a’ chiad turas a dh’ obraich e le Eilidh agus cha robh iad a’ faighinn air adhart le chèile. A-raoir bha e air a bhith ri fealla-dhà nuair a thuirt e rithe gum biodh e math airson luchd-rannsachaidh cuplachadh fhaighinn le chèile mus do thoisich iad a’ ghnothaich a chur an gnìomh. Bha daonnan teans ann, shaoil e aig an àm ach bha e ro dhàna. B’ e tèile a mhol sin dha nuair a chaidh fhastadh leis a’ bhuidhinn naidheachd agus bha ise dèonach sin a dhèanamh. Thug sin deagh bhuaidh air cùisean, leis a’ choltas a bha orra mar chàraid fhuair iad a-steach ‘an toll-dubh’ a bh’ aig ceannard buidheann-carthannais. Chuir iad na glasan-làimhe air agus thog iad na dealbhan. Bha aig an duine bochd ri bhith feitheamh gus an deireadh-sheachdain airson e fhèin fhaicinn na ghlòir air a’ phrìomh dhuilleig. Bha aithreachas a-nis air gu robh e ri fealla-dhà a-raoir. Bha astar eadarra, cha robh coltas fìor air an dithis aca. Chaidh a’ chiad phàirt den choinneimh gu math agus bha am ministear agus a bhean a’ creidsinn na sgeulachd a bh’ aca. B’ e sin ri ràdh gur e càraid às na crìochan a bh’ annta agus bha aca ri a bhith uabhasach fhèin faiceallach a thaobh a’ ‘chur-seachad’ a bh’ aca. Ghluais an còmhradh air adhart gu math ach gu ruige seo cha robh ach leth-fhacal a bh’ ann. Bha làn-fhios air Crìsdean nach rachadh an neach-deasachaidh toilichte leis a sin. Bha Crìsdean na shuidhe mu choinneamh bean a’ mhinistear. Dh’fhosgail i a chasan beagan fhad ’s a bha an duine aige a’ bruidhinn mu cuairt a’ chuspair. Thug i sùil air Crìsdean agus dh’fhosgail i am putain na b’ àirde air a’ bhlobhsa agus bha cànan a bhodhaig a’ daingneachadh fada a bharrachd na briathran a cèile. ’S e boireannach tarraingeach a bh’ innte le falt bàn fada agus cìochan mòra. Nuair a thigeadh an t-àm gus a leisgeulan a dhèanamh gu dearbh bhiodh aithreachas air Crìsdean. An turas seo chòrdadh e gu mòr a bhith na fìor ‘luasgadhar’ an àite a bhith lorg gu leòr fiosrachadh a chuireadh ciont air targaid air choireigin a’ phàipear-naidheachd. Mhothaich am ministear an dealain a bha eadar a bhean agus Crìsdean agus choimhead e oirre le coltais a bha a’ toirt cead dhi. An uair sin dh’ fhaighneachd Eilidh càit an robh an taigh beag. ‘Cac’, smaoinich Chrìsdean. Chunnaic e atharrachadh air aodainn bhean a’ mhinisteir. Dh’fheuch e ris a’ chòmhradh a chumail a’ dol fhad ’s a bha am ministear a’ sealltainn do Eilidh far an robh an taigh beag ach bh ‘ann a’ leantainn 21 a cèile a-mach às an t-seòmar a bha a sùilean. Thill e agus thairg e barrachd tì don aoigh aige. Thòisich e bruidhinn ann an dòigh fada a bharrachd na bu fhoirmeil agus bha e a-mach air bochdainn ann an Inbhir Nis. Bha Crìsdean a’ beachdachadh am biodh dòigh idir faighinn a-mach às an staing a bha seo. Chaidh cùisean na bu mhiosa buileach nuair a thill Eilidh, thuit an teip-chlàradair a-mach as an t-seacaid aice. Sheas am ministear agus thuirt e riutha , ‘ ’S e deagh chothrom a th’ agaibh a-nis ur leisgeulan a dhèanamh agus ur casan a thogail às. Nach ann mar sin a tha ur leithid a’ sgrìobhadh sna pàipearan drabastachd agaibh? A-mach às mo làthair. Cha bhi fàilte air ur leithidibh ann an seo. Chan urrainn dhomh amadain fhulang san taigh seo.’ Taobh a-muigh thug e trod do Eilidh, Bha trì mìosan de h-obair ann an siud. Chaidh a h-uile càil a-mach às an uinneig sa bhad. Cha tèid sinn faisg air a’ chearcall a th’ aca a-nis. ‘Tha mi duillich,’ thuirt Eilidh, ‘ smaoinich mi nach robh an teip ag obrachadh gu ceart. ‘Saoilidh mi gum b’fheàrr dhut obair eile a lorg. Aon rud a dh’fhaodadh tu a bhith cinnteach às. Ma bhios fhathast obair agad nuair a dh’innseas mi a h-uile càil a bha seo dhan neach-deasachaidh, bidh mise a’ dhiùltadh obair sam bith a bhios thusa ceangailte ris.’ Cha do fhreagair Eilidh agus choisich iad gu sàmhach dhan chàr. Nuair a dh’fhosgail e doras a chàir thuirt Eilidh: ‘Am faod mi mo bhaga fhaighinn, tillidh mi gu Ghlaschu air an trèana, chan eil mi airson a bhith nam shuidhe ri do thaobh fad an t-siubhail sìos an rathad. Gabhaidh mise an trèana.’ Bha a cainnt modhail ach bha a bilean air chrith leis an fheirg agus a’ ghràin a bha falaichte air an cùlaibh. ‘Nach buidhe dhòmhsa, bidh mise a’ fuireach aig an taigh-òsta a-nochd co-dhiù,’ dh’èigh eagus chaidh e don chiste. Thog e am baga agus thill e ga h-ionnsaigh. Dràibh e a-mach a Inbhir Nis. Bha an cuthach air agus bha e làn cinnt gu robh a dhreuchd mar fear-naidheachd drabastachd a’ dol sìos gu mòr. Mean air mhean bha a chlìu a’ dol a-mach à sealladh. 22 Cheannaich Pòl pacaid Rizlas agus chuir e aghaidh ris an trèana. Chòrd e ris gu mòr gun robh e fhathast tarraingeach, uill uaireannan tarraingeach dha na boireannaich. ‘Poitear agus pot-head a th’ anam-sa, tha mi fhathast àlainn,’ bha a chuid smaointinn a’ toirt gàire air a bhus. ‘Tha coltas ann nach bi ise feargach nuair a gheibh i a-mach nach e dràibhear bus a th’ annam.’ 23 Fhuair Eirdsidh a-steach den multi-storey gu math furasta, cha robh aige ach a dhol suas dhan treas ìre. Chaidh e sìos an staidhre agus cha robh e a’ tuigsinn idir carson nach d’ rinn na h-ùghdarrasan barrachd spàirn gus an t-àite a chumail glan. Cha mhòr nach robh fàileadh mùin ri fhaighinn sa h-uile multi-storey air feadh na dùthcha. Carson nach robh a’ bhean-phòsta Thatcher sin a’ gabhail os làimh. ‘An dèidh dhuinn sgrios a dhèanamh air mèinnearan, a-nis cuiridh sin às don fheadhainn a tha a’ dèanamh mùn sna multi-storeys. Faodaidh sibh a bhith cinnteach gum bi na trioblaidean a tha sin aig teas mheadhan a h-uile oidhirp a nì mi fhèin agus an riaghaltas agam. Thug sibh mandate dhuinn agus cuiridh mise ur miannan an gnìomh.’ Bha dealbh den bhoireannach iarainn aig cùl inntinn leis an t-sluagh a’ seinn Ierusalem agus brataichean beaga an aonaidh sna làmhan agus rinn e gàire ris fhèin. Air a shlighe a dh’oifis an neach-lagha chaidh e seachad air dithis bhoireannach a bha a trod, uill bha tè aca, air an robh coltas neach-turais, a’ feuchainn ri trod ach cha robh i a’ dèanamh math an aghaidh na tèile, tè a bha na bu shine. Bha boireannach fiadhaich à Obar Dheathain ag iarraidh fichead not air adhbhar air choreigin. Ghlac an gnothach aire dà phoileas agus bha iad a’ dèanamh orra agus bu mhath gu robh, thog an tè na bu shine a dòrn ri bus an neach-turais. Bha cus cabhag air gus a bhith a’ bodraigeadh leotha, nan abradh e dad bha a h-uile coltas ann gum biodh an dithis aca ga phronnadh agus co-dhiù bha am poileas a’ gabhail gnothach riutha. B’ ann mar sin a bha cùisean buailteach a bhith a h-uile turas a bha e a’ tighinn eadar dithis a bha a’ trod. B’ ann airson stad a chur air a leithid de shuidheachadh a bha a bhean gu math soirbheachail, bha tàlant aice nach robh aige a thaobh sin. 24 Thàinig Eirdsidh a-mach às a’ choinneimh ann an fìor dheagh shunnd. Bhiodh e faighinn às air beag prìs. Bidh prìs eile aig Sùsaidh. Bhiodh e caran tàmailteach air a son bha e cinnteach às ach cha robh fhios aige dìreach cho doirbh ’s a bhiodh cùisean dhi. An robh gràdh aice air? Cha robh e gu mòran feum a bhith a’ bodraigeadh ri sin a-nis ge-tà. Thug e a chuid òrdughan dhan neach lagha agus b’ ann mar sin a bhiodh cùisean gan thoirt gu crìch. Cha bhiodh cosg a h-uile càil a’ dèanamh sìon a chron air an airgead-tasgaidh a bh’ aige. Bhiodh e a’ cur crìoch air cùisean ann an dòigh a bhiodh cianail fhèin cruaidh ach às a dhèidh bhiodh beatha eile aig Sùsaidh agus cothrom eile dha fhèin a shlighe fhèin a lorg leis na bha air fhàgail den t-saoghal aige. Dè a dhèanadh a bhean nuair a chluinneadh i gun do thog e a chasan às. Cha robh e cinnteach ach bha làn fhios aige gu robh ise pòsta ris an taigh-òsta a-nis. Ma dh’fhaodhte nach biodh e a’ cur sìon a dhragh oirre. 25 Chaidh Pòl a-steach dhan trèana agus lorg e roinn a bha falamh. Bu toigh leis na seann charbadan le na sia suidheachain. Bha e fada na bu chofhurtail anns a leithid agus ged nach robh e airson a bhith ga aideachadh b’ e duine caran seann fhasanta a bh’ ann ach eadhon le na carbadan snasail ùra b’ fheàrr leis a bhith a’ siubhal air trèana. Dh’fhosgail e crogan leann ubhail agus choimhead e tarsainn an uinneig air an fheadhainn a bha fhathast a’ tighinn air bhòrd na trèana. Chaidh an tè à Obar Dheathain seachad le smal fliuch fhathast air a’ chuid a bu mhotha de bheulaibh na sgiorta phinc aice. Bha i fhathast a’ gearain mar bheinn-teine a’ dòrtadh làbha. B’ e duine beag reamhar a bh’ anns an duine aice agus bha e a’ giùlain dà mhàileid throm agus baga air a dhruim. Bha e a’ sruthadh fallais fhad ’s a bha e feuchainn ri chumail suas leis a chèile. Fhuair iad a-steach agus an dèidh greis chuala Pòl feadag agus ghluais an trèana a-mach à Inbhir Nis. Thàinig dithis a-steach dhan roinn agus chuir sin dragh air Pòl, bha dùil aige a bhith a’ gabhail an leanna ubhail agus a’ coimhead nan seallaidhean gun duine sam bith eile a’ cur dragh air. B’ e càraid measail meadhan-aoise a bh’ ann. Bha iad air a bhith air splaoid ceannaich ann am Bùth-mhòr Taigh nam Frisealach, cha mhòr nach do lìon iad an roinn le na bh’ aca de phocannan. ‘Feasgar math,’ thuirt am boireannach. ‘Nach robh rùm gu leòr sa phrìomh chlas,’ thuirt Pòl ann an guth bùirdeasach a bha air leth buaireasach dhan bhoireannach. ‘Cha robh sa chiad charbad gu mì-fhortanach agus chan urrainn dhomh a bhith a’ bodraigeadh le a bhith a’ dol nas fhaide,’ thuirt i agus ghnog a cèile a cheann mar dhaingneachadh. Cha robh sgot aca gu robh Pòl ri ìoronas. ‘Chan eil rèile Bhreatainn mar a bha e, a bheil?’ Thuirt Pòl agus an uair sin thug e sùil eile air an Linne Mhoireibh agus air an Eilean Dubh air a cùlaibh. Bha dùil aige gum biodh iad sàmhach ach lean am boireannach oirre. ’S e dràibhear bus a th’ annaibh, a bheil thusa a’ dol dhachaigh?’ Dh’fhaighnich i dheth. Bha Pòl an ìmpis an t-uirsgeul mu dheidhinn baidhsagal innse dhaibh ach thàinig smuain eile gu bàrr. ‘Chan eil idir, bidh mise a’ dol a chèilidh air caraid, gheibh mi pinnt agus an uair sin air ais gu Inbhir Nis, bidh mise a’ dràibheadh a’ bhus gu Lunnainn aig fichead mionaid gu meadhan oidhche. Chuir e an crogan gu a bhilean agus shluig e. ’S e obair cruaidh a th’ ann ach tha agam ri cumail a’ dol.’ 26 Rinn e brùchd agus dh’fheith e airson faighinn a-mach ciamar a ghabhadh iad ris. Cha leigeadh tu a leas a bhith nad Hercule Poiret airson a bhith tuigsinn gu robh ceangail an seo eadar dràibhear bus agus a chomasan fo smùid ann am bus a bha e an dùil a dhràibheadh gu Lunnainn. Rinn a’ chàraid math, cha robh coltas uabhais orra idir. Chùm am boireannach sàmhach airson greis agus an uair sin thòisich i a rithist. ‘Dè cho fad ‘s a tha sibh air a bhith ri sin?’ ‘Trì mìosan a-màireach,’ thuirt Pòl. ‘Agus dè rinn thu roimhe sin?’ Bha am boireannach airson tuilleadh fiosrachadh fhaighinn a-mach, dh’fhònadh i na poileis cho luath ’s a ghabhadh nuair a dh’fhalbhadh an trèana. Rinn Pòl osna agus an uair sin thòisich e ag innse bhreugan eile. ‘Bha mise a’ fuireach ann an Grianaig, ’S e manaidsear banca a bh’ annamsa shìos an sin. Bha trioblaidean mòra nearbhasach agam. Thòisich e an latha a dh’ fhalbh mo bhean le bana-phoileas, cha robh càil a dh’fhios agam gu robh ise air a’ bhus eile. Smaoinich mise gu robh mise a’ dèanamh a h-uile càil mar bu chòir, fhios agad? Nas miosa buileach, bha ise trom aig an àm. Tha mo chèile fhathast shìos an sin, a’ fuireach leis a’ bhana-phoileas. Chan eil cothrom agam mo bhalach bheag fhaicinn idir, idir. Tha e cianail, dìreach cianail, ach tha agam ri cumail a’ dol.’ B’ e cleasaiche air leth a bh’ ann am Pòl agus bha am boireannach a’ creidsinn a h-uile facal. Bha co-fhaireachdainn aig a’ bhoireannach gun teagamh ach cha chuireadh sin bacadh oirre a thaobh fònadh. Bha sàbhailteachd a’ mhòr shluaigh fada na bu chudromaich dhi na trioblaidean pearsanta an duine bhochd seo. ‘Am faca tu fear-lagha?’ Dh’fhaighnich i. ‘Chunnaic, ach cha robh cothrom agam idir. B’ e bana-phoileas a th’ innte nach b’ e? Cha bhi duine sam bith gam chreidsinn nan aghaidh. Mar a thuirt mi, tha agam ri cumail a’ dol. Feumaidh obair a bhith agam. Aon latha bidh mo mhac a’ faighinn a-mach gu bheil athair aige agus bidh mise deiseil nuair a thig an latha ud. Tha mi duilich, ’s e sgeulachd uabhasach a th’ ann, nach e?’ Ghabh Pòl balgam eile. ‘Na ghabh dragh, na ghabh dragh, bidh a h-uile càil ceart gu leòr aig a’ cheann thall, tha mi cinnteach às. Tha an Slànaighear còmhla rinn a h-uile mionaid de a h-uile latha. Bheir e fuasgladh dhuibh.’ Bha i a’ tuigsinn a-nis, bha Dia ag iarraidh 27 oirre fòn a chur gu na poileis agus an uair sin chuireadh e ceart beatha an truaghain seo. ‘Tapadh leibh, tha na facail agaibh a’ toirt taic agus cofhurtachd dhomh.’ Thàinig fiamh-ghàire bheag air a choltas dhorainneach. ‘Tha sibhse ceart, tha mise an làmhan Dhè. 28 Bha an A9 a’ cur dragh air Gillian, cha b’ urrainn dhi faighinn seachad air na làraidhean agus cha b’ urrainn dhi a’ dol na bu luaithe na 45 san uair bho Pheairt a-mach. Na bu mhiosa buileach, bha i air a cassettes ciùil a b’ fheàrr leatha fhàgail sa lobhta ann an Dùn Èideann agus cha robh an rèidio ag obair gu math shuas an seo. Thachair i air beagan deasbaid air rèidio 4 a bha dìreach eagalach. Bha iad a-mach air Chernobyl. Bha an tachartas ud dìreach seachad air creidsinn. Nach robh na buidhnean àrainneachd air a bhith a’ toirt rabhadh air cumhachd niuclasach o chionn fhada ach cha robh duine sam bith air a bhith ag èisteachd riutha. Ann an 1978 ghabh i pàirt ann an mèarrs còmhla ri ceithir mìle neach-fianais eile bho Diuranais gu làrach Torness. Cha deach ise a-steach dhan dearbh àite far am biodh an togalach ach chaidh mòran ann agus bha bùrach mhòr ann. Chaidh an togalach a thogail co-dhiù agus cha mhòr nach robh e gu bhith deiseil. Bha i taingeil gur ann an Ruis a bha an tubaist agus nach b’ ann an Torness, bhiodh muinntir Dùn Èideann agus Glaschu a’ lorg àiteachan fuirich eile a-nis nan robh e air tachairt ann an seo. Cha robh i air a bhith gu mòr an sàs san iomairt an aghaidh cumhachd niuclasach bhon uair sin ge-tà, chaidh i gu feadhainn de na choinneamhan ach bu bheag oirre an seòrsa gnìomhan a bha os cionn na h-iomairt. Chuir e dragh oirre dìreach cho macho ‘s a bha iad fhad ’s a bha iad a’ toirt a chreidsinn gur e coimhearsnachd eadar-dhealaichte air an robh iad ag amas. Bha adhbhar eile cuideachd, bha i air a bhith ann an trom ghaol le fear aca. Daibhidh, bha e daonnan air falbh bho Dùn Èideann aig coinneamhan nàiseanta agus eadar-nàiseanta no shìos aig Torness le na dìcheallaich eile. Ochd mìosan, bha e air fuirich san lobhta aice, uill bha sin ri ràdh gun do dh’ fhàg e a chuid aodaich san lobhta. Rinn ise a chuid nigheadaireachd, bheathaich i e, thug i iasad as dèidh iasaid airgid dha. Aon latha thàinig i dhachaigh tràth agus fhuair i Daibhidh an sàs ann an tè eile. Le sgian àrain na làimh fhuair e cuidhteas den coimhearsnachd eadar-dhealaichte. Bha Daibhidh shìos an t-sràid, a bhodhaig air a phasgadh ann an siota geal, coltais truagh aithreach air. Bha a chompanach na b’ fhortanaiche, mus do theich i fhuair i greim air a Jeans ach bha aice a ghàirdean a chur air a cìochan. Bha e a’ guidhe air Gillian a bhith reusanta. ‘Reusanta, amadan, tha mi air a bhith reusanta, tha thusa fhathast beò.’ Agus an uair sin thòisich i a’ tilgeil a-mach a fhaidhlichean agus a chuid leabhraichean agus litreachas. Thuit an stuth bu thruime bhon cheathramh làr ach bha pàipearan 29 eile air fleòdradh gu slaodach air an oiteag mar confetti. An uair sin thòisich aodach a’ tuiteam gun t-sràid ach rinn i beagan obrach orra le siosaran mus do thuit iad. Thuit fras leantailean agus laigh mòran dhiubh air falt dubh fada Daibhidh. Bha sluagh mòr a-nis air taobh thall an rathaid ga brosnachadh a h-uile turas a thilg i bad aodaich a-mach agus bha iad sunndach ann a bhith èisteachd leis an òraid shiùbhlach phongail a lìbhrig i. ’S gann gun deach comasan mealltach adhaltranach am mìneachadh ann an leithid de shuidheachadh. Thuig Daibhidh nach biodh e gu mòran feum dha fuireach far an robh e agus dh’fhalbh e aig an dearbh mionaid a thoisich Gillian coltas a dhèanamh eadar meud a bhod agus a mhiann-adhartais poilitigeach. Bha aig Daibhidh agus a leannan ùr mìle gu leth tarsainn Dùn Èideann a choisich, ’s e astar mòr a bh’ ann nuair a bha feum agaibh ann do cìochan a chumail am falach le do ghàirdean. Thug sin cothrom dhan tè leth-rùisgte a co-dhùnadh fhèin a ruigsinn. Nuair a ràinig i an lobht aice, chaidh e a-steach gu luath agus dhùin i an doras air Daibhidh. Bhuail an doras a shròn gu trom. Chuala Gillian sin na b’ anmoiche. Chuir na cuimhneachain ud ann an deagh shunnd i. Chuala i o chionn ghoirid gu robh Daibhidh a-nis shìos ann an Lunnainn ag obrachadh airson a’ phàrtaidh Làbaraich. Bha an A9 fhathast trang ach bhiodh i ga fhàgail aig an t-Aghaidh Mhòr agus cha robh sin fada às. Dh’fheuch i an rèidio turas eile, bha e ag obair a-nis. ‘Seo òran air am bi sibh uile eòlach, chaidh e gu àireamh a h-aon ann an 69 ach a-nis taing dhan sanas reic jeans tha i air tilleadh. Sin agaibh Marvin Gaye agus I heard it on the grapvine…’ 30 Bha Crìsdean air a bhith a’ togail dhealbhan fad an latha, air a bhith dràibheadh gun amas fo àite gu àite. Chòrd e ris gu mòr a bhith a’ coimhead air seallaidhean agus a’ glacadh rudeigin dhiubh. Cha robh sin a’ pàigheadh mòran airgid ge-tà agus air sgàth sin a bha e ag obrachadh air a cheann fhèin airson na buidhne pàipear-naidheachd, buidheann aig an robh ùidh sa h-uile càil salach agus drabastach a bha a’ dol air adhart san dùthaich. Mar bu mhotha a bha an sgainneal, b’ ann bu làidire ’s a bha an diomb ionracas meallta a bh’ aca. Dhàsan b’ e soirceas a bh’ ann ach bha e a’ toirt a-steach deagh airgead dha nuair a bha cùisean ag obrachadh a-mach gu math. Agus biodh an t-airgead a bha siud a’ toirt cothrom dha siubhal mu cuairt Alba gus a chur-seachad a’ leantainn. Thachair e air na cùirn Clabhalag. Bha na duilleagan air ùr-nochdadh air na Faidhbhilean agus thug am fàs beag seo coltas gorm air a’ chùl-raon ach cha robh cus dheth ann. Bha a’ ghrian a’ faighinn a-steach agus bha dathan a’ chòinnich agus a’ chrotail dìreach iongantach nuair a bhuail iad air na clachan. Cha mhòr nach do thog e ceud dealbh. Nuair a bha e deiseil shuidh e air cloich mhòir agus ghabh e toitean. B’ fheàrr leis a bhith làn ùine ri seo ach bhiodh aige ri ruith às dèidh grunn sgainnealan fada na bu mhotha mus biodh e comasach sin a dhèanamh. Taobh thall na cùirn stad tagsaidh agus thàinig dithis às, dithis neach-turais. B’ e boireannaich Gearmailteach a bh’ annta. Thàinig iad a-steach air a’ gheata a’ ghiùlain màileadan-droma agus an uair sin thòisich iad a’ trod sa Ghearmailtis. Choisich Chrìsdean seachad orra agus cha do mhothaich iad idir dha fhad ’s a bha iad a’ trod le chèile. Thog e dealbh dhiubh, na h-aodannan aca a’ sealltainn dè dìreach cho mì-thoilichte ’s a bha iad. 31 Dh’ fhàg Ruadh a charabhan gus coiseach dhan taigh-òsta. B’ ann à Fìobha a bha Ruadh, aon de na bailtean mèinnearachd. Fad làithean òige bha e an dùil a bhith leantainn a bhràithrean, athar agus a sheanar dhan toll-guail ach bha a h-uile càil a bha sin seachad. Chuir nighean grosair à siorrachd Lincoln crìoch air a’ mhapa a bha sin. Ghabh feallsanachd phoilitigeach eile grèim air an dùthaich agus cha bhiodh àite ann airson nam mèinnearan san t-sealladh a bh’ aig a’ bhoireannach iarainn. Bha triùir bhràithrean aig Ruadh, Somhairle, Seumas agus Ruaraidh. Bu bheag air Somhairle an stailc ach cha robh e airson a dhol tarsainn loidhne an aonaidh. Nuair a bha e soilleir gum biodh stailc fada ann thug e a casan leis gu deas airson obair eile fhaighinn. As dèidh trì mìosan thill Seumas dhan mhèinn. Chunnaic Ruadh le a shùilean fhèin na breicichean bho na mèinnearan eile a’ sileadh air a’ bhana a thug a bhràthair thairis air an Rubicon a bha siud. Nuair a bha an stailc seachad thug an NCB tairgse obrach dha shìos ann an Siorrachd Nottingham. Bha athair Ruadh air a nàrachadh leis agus cha b’ urrainn dhut iomradh a thoirt air an dàrna mac san taigh aige. Bha Ruaraidh dìleas dhan aonadh gun cheist. Cha d’ fhuair e às ach fiachan, sgrios air a phòsadh agus bha aige ris an taigh agus a’ chàr aige a reic. Chaidh e ann an lionn-dubh leis a h-uile càil a bh’ ann agus a-nis bha e gu trom ris an deoch. Thàinig sgrios air a’ choimhearsnachd agus sgaradh eadar teaghlaichean. Phàigh Fìobha prìs a bha sgriosail agus bha e na fhàsach a-nis. A-nis bha e aig bonn na fàraidh sa ghnìomhachas taigh-òsta ann an àite far an robh goireasan air leth airson nan aoighean.B’ e àite mìorbhaileach a bh’ ann dhaibhsan, ach bha an luchd-stiùiridh grod, tha fhios aca dè cho dìreach ’s a bha cruaidh fheum air leithid Ruadh airson obair fhaighinn. Bha iad air a bhith gan giùlain ann an dòigh a tha maslach. Nam biodh tusa a’ bruidhinn mar sin air na sràidean sa bhaile far na rugadh agus na thogadh Ruadh rachadh do phronnadh ann an ùine nach biodh fada. Ach bha Ruadh air deagh naidheachd fhaighinn, bha e air a bhith bruidhinn ri a mhàthair air an fhòn. Bha a bhràthair air a bhith ag obair ann am Pub taobh a deas Shasainn agus bha an taigh-grùide cho toilichte ris agus gun chuir iad os cionn a’ phub e nuair a dh’ fhalbh fear an taighe. Bha a bràthair air faighneachd dhaibh an robh iad deònach teans a thoirt dha bhràthair a b’òige. Dh’aontaich iad sa bhad agus bhiodh rùm dha san lobhta os cionn a’ bhàir. A-nochd bhiodh e ag innse san taigh-òsta gum biodh e a’ fàgail Diluain. 32 Bha coltas ann gum biodh e a’ fàgail làrna-mhàireach nam biodh iad suarach ris fad an fheasgair a bha roimhe. Ged a bha an luchd-stiùiridh a’ cur dragh air cha robh e mar sin le muinntir a’ bhaile ge-tà. Bha iad buailteach a bhith cho càirdeil ‘s a ghabhadh nuair a gheibheadh tu beagan eòlais orra. Bha fiù ’s leannan aige airson greis ach aig a’ cheann thall dh’ fhàs i seachd searbh sgìth leis na h-uairean mì-shòisealta a bh’ aige. Bha iad fhathast càirdeil ge-tà agus bha Ruadh a’ gabhail pinnt le a bràthair nuair a bha cothrom aige. An taca ri àite a bhreith b’ e Disneyland a bh’ ann. Bha e doirbh a chreidsinn dha gu robh cuid buailteach a bhith gearain gu robh am baile a bha seo a’ dol fodha leis a h-uile trioblaid a b’ urrainn dhuibh a dhealbhadh. Dhàsan bha cruaidh fheum air beagan ùine a chur seachad ann an cuid de na coimhearsnachdan air an robh e eòlach. ‘S e teiripidh

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.