Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

  • BeurlaEnglish
  • Simple GaelicSimple Gaelic
  • GàidhligGaelic

"Dùsd" sa Ghàidhlig.

le Niall58

Seo eadar-theangachadh a rinn mi air òran Beurla Runrig, "Dust". Tha Calum Dòmhnallach air sùil a thoirt air an obair a rinn mi agus thuirt e gur dòcha gun nochd e san ath iris den "Wire"!

A translation I carried out of Runrig's "Dust". The original lyrics can be found on the "Recovery" recording or in their songbook.

Dùsd (eadartheangaichte gu Gàidhlig le Niall Gòrdan).

Dèan mo threòr gu taobh na h-aibhne Fuil mo chuisle ruitheas nas doimhne

Ann ad phlaidichean le chèile Far am bi mi rèidh nam chridhe

Faic an Gall a nochd à Sasainn Dh’ fhàg e agam chleachdan coimheach

‘S mòran dhiubh nach tuig mo chràdh-sa Gum bheil làn mo chridh’-sa falaicht’

Thug mi tamall treis le Gallaibh B’ fheàrr leam bhith libh fhèin a chlannaibh

Buailidh mis’ gu teann ‘s le toirm Druma mòr a’ Ghàidheil le faram

Sguiridh osna mhòr is dhomhainn ‘S làmh nan uile aont’ san Earraich

Creideamh mòr is sòlas soilleir Bhios mar threòrachadh dhad mhuinntir

Sèisd:

Ò gur mi tha cinnt’ Sìol an dùsd gun till a Dhia.

  • Gràisg posted by Gràisg

    Sin thu fhèin, chòrd e rium gu mòr.
    Bu chòir don phios seo a bhith an àirde nach bu chòir? agus a' phios agam sa shìos an seo? Co-dhiù cùm ort a charaid, cùm ort!

  • Math fhein! posted by alasdair_maccaluim

    Haidh a Neill.

    Abair deagh eadar-theangachadh. Eil barrachd eadar-theangachaidhean orain roc agad? Tha mi air Gaidhlig a chur air Metal Gods le Judas Priest, Die my Darling le Metallica is Cold Ethyl le Alice Cooper. (Cha bhiodh 'Ethyl Fhuar' idir freagarrach airson MyGaelic.com ge-ta!!!)

  • Ceol luasganach sa Ghaidhlig posted by Niall58

    Hi Alasdair, 's fhad on uairsin! Cha d' rinn mi mòran eile seach "Na Dùisg an Leòmhann" le Magnum, ach thug mi sùil as ùr air seann rud a rinn mi o chionn bliadhna neo dhà - "Follow You, Follow Me" le Genesis. Bheil mi a' fàs cus ro mhodhail nam sheann aois!?

    Cén chaoi a bhfuil tú fein a chara chléibh? Maith cloisteáil uat go deimhin.

Follow us on: