- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Ainm is Cliù
Tha gu leòr de Ghàidheil a tha air ainm a dhèanamh dhaibh fhèin ann an eachdraidh agus nar linn fhèin. Agus tha grunn math dhaoine a tha ainmeil aig nach eil Gàidhlig, ach aig a bheil ceangal ri Gàidhlig no ri sgìre Ghàidhlig. Gu math tric, ged nach eil fhios aig mòran dhaoine, tha iad gu math taiceil don chànan agus don dualchas. Seo agaibh seachd de na daoine aig a bheil ainm is cliù.
Donaidh Rothach
Rugadh Donaidh Rothach ann an Ùige san Eilean Sgitheanach air 2mh An Lùnastal 1953. Chaidh a thogail san eilean agus às dèidh dha an sgoil fhàgail chaidh e gu Sgoil Ealain Gray’s ann an Obar Dheathain agus an uair sin thug e a-mach teisteanas ann an teagasg. Ach ’s ann mar sheinneadair sa chòmhlan ainmeil Runrig as fheàrr a dh’aithnichear Donaidh, agus e fhèin agus an còmhlan a’ cur ceòl agus òrain Ghàidhlig fa comhair an t-saoghail mhòir. Nuair a bha iad aig àird an t-soirbheis aca, bha Runrig a’ reic barrachd chlàran na neach-ciùil sam bith eile ann an Alba, agus bha iad a’ cheart cho soirbheachail thall thairis, gu sònraichte ann an dùthchannan mar a’ Ghearmailt agus an Danmhairg. Dh’fhàg Donaidh Runrig ann an 1997 gus seasamh mar thagraiche airson a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an taghadh Westminster ann an sgìre Rois, an t-Eilean Sgitheanach agus Inbhir Nis an Iar. Cha do shoirbhich leis, ach cha robh e fada aig fois, agus tha e air grunn chlàran fhoillseachadh bhon uair sin agus e a’ seinn leis fhèin a-nis. Bha Donaidh cuideachd na Reactor agus na Chathraiche na Cùirte aig Oilthigh Dhùn Èideann 1991-1994 agus na chiad Reactor aig UHI. Tha e cuideachd air a bhith ag obair airson grunn bhliadhnaichean mar Stiùiriche Leasachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig.
“Tha mi air leth fortanach gun chuir mi seachad pìos mòr de m’ òige ann an coimhearsnachd far an robh Gàidhlig agus a cultar nam pàirt mòr de ar beatha làitheil agus b’ ann aig cridhe beatha obrach agus shòisealta dhaoine a bha i. Bha dualchas làidir sgeulachdan agus òrain fhathast ann agus tha cuimhne agam air na ‘bàird baile’ agus am fearas-cuideachd agus iad a’ tadhal air crait ar teaghlaich ann an Triaslainn le an cuid stòiridhean agus òrain èibhinn mu dhaoine às an sgìre. Bha spèis mhòr orra mar chèilichean agus chuir iad an t-òran agus an dualchas sin aig cridhe gach gnothach. Dhòmhsa, ’s dòcha gur e sin a’ chiad eòlas a fhuair mi air òrain agus sgrìobhaichean ciùil.
“A dh’aindeoin mar a chuir mi mo chùl ris a’ chànan agus cultar gu ìre, rud a rinn iomadh neach bhon ghinealach ‘roc agus pop’ agam fhìn, mhair doimhneachd buaidh an dualchais sin agus an t-àite cudromach a bh’ aige nam bheatha chun an latha an-diugh. B’ e aon de na toraidhean sònraichte a thàinig às an seo: an turas ciùil sònraichte, togarrach a ghabh mi fhìn agus mo charaidean bho Runrig agus sinn a’ rannsachadh agus a’ cur an cèill an t-snàithlein bhrìoghmhor seo de ar dìleab dhualchasach, tro cheòl ùr. Agus le bhith dèanamh sin ’s dòcha gu bheil an dualchas Gàidhlig a-nis a’ ruighinn air barrachd dhaoine aig ìre eadar-nàiseanta. Bha mi riamh den bheachd gu robh Gàidhlig agus a cultar, coltach ri snàithleanan eile de ar dualchas, glè chudromach do dh’Alba an latha an-diugh an dà chuid do Ghàidheil agus daoine gun Ghàidhlig – tha i air aon de na freumhan a tha ag innse dhuinn cò sinne. Ann an iomadach dòigh ’s i aon de na h-ulaidhean as prìseil a th’ againn, tha i beò agus tha i a’ cur an cèill ar dòighean-smaoineachaidh agus ar mapa cultarach.”
Julie Fowlis
’S ann à Uibhist a Tuath a tha Julie Fowlis, agus tha a’ bhana-sheinneadair agus neach-ciùil tàlantach òg seo air cliù a chosnadh dhi fhèin agus do cheòl Gàidhlig gu ìre nach fhacas bhon a thòisich na làithean geala aig Runrig. Tha fèill mhòr aig daoine ainmeil mar KT Tunstall agus Ricky Gervais air a cuid ciùil, agus choisinn an clàr ‘Cuilidh’ aice duaisean agus moladh mòr don bhana-sheinneadair. Tha ceòl traidiseanta Gàidhlig fasanta agus tarraingeach do shluagh farsaing tro ghuth binn Julie. Fhuair i an duais iomraiteach airson Seinneadair Traidiseanta na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta BBC Rèidio 2 ann an 2008, agus tha i fhèin agus triùir (leis am bi i a’ dol air chuairt tric) air clàr ùr fhoillseachadh a tha a’ togail air na ceanglaichean agus eadar-dhealachaidhean eadar Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann. ’S e “dual” an t-ainm a th’ air a’ chlàr ùr seo a rinn Julie, Muireann Nic Amhlaoibh, Éamon Doorley agus Ross Martin còmhla.
“’S ann à Uibhist a Tuath a tha mi, agus ’s e seinneadair agus neach-ciùil a th’ annam. Tha mi a’ fuireach air tìr-mòr na Gàidhealtachd a-nis agus tha mi fortanach gu bheil mi a’ faighinn cothrom a bhith ag obair le Gàidhlig. Tha a’ chànain uabhasach fhèin cudromach dhomh gu pearsanta – tha ùidh mhòr agam ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, ann an cultar na Gàidhlig, agus na tha dol air feadh na dùthcha airson a’ chànain agus an cultar a bhrosnachadh agus a chumail beò. Tha Gàidhlig na pàirt mhòr dhan eachdraidh againn – chì thu a’ chànain ann an ainmean-àite, ann an ainmean dhaoine agus anns a’ chultar bheothail a th’ againne. Tha mise den bheachd gum bu choir seasamh nas àirde a bhith aig a’ chànain ann an Alba agus gu bheil i airidh air taic shònraichte anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”
Dòmhnall Trump
Ged a tha Dòmhnall Trump ainmeil mar neach-gnìomhachais iomraiteach Ameireaganach, a tha air fortan a dhèanamh agus a chall agus a dhèanamh a-rithist, tha taobh Gàidhealach aige tro a mhàthair nach eil buileach cho aithnichte. Rugadh Dòmhnall fhèin ann an Ameireagaidh air 14mh An t-Ògmhios 1946, ach b’ ann à Tunga ann an Leòdhas a bha a mhàthair. Tha ìompaireachd gnìomhachais aige a-nis a’ gabhail a-staigh taighean-òsta, taighean-casino agus iomairtean mòra togail eile, agus chan eil dad a choltas gu bheil e deiseil fhathast. Am measg nam pròiseactan as ùire aige, tha e na amas dha Ionad Golf gu math mòr a thogail le raointean golf, taigh-òsta agus goireasan eile luach £1 billean faisg air Obar Dheathain. Ach a dh’aindeoin a h-uile soirbheas, tha Dòmhnall fhathast a’ cur diù san dàimh a th’ aige ri Alba, agus gu sònraichte Eilean Leòdhais. Thadhail e air an taigh far an do rugadh a mhàthair, Màiri Anna NicLeòid, san Tunga ann an 2008, agus thuirt e gun robh e a’ faireachdainn cofhurtail san eilean, agus gun do chòrd Leòdhas ris.
“Tha mi moiteil às mo fhreumhan Albannach agus eileanach. Bha Gàidhlig aig mo mhàthair, b’ ann à Tunga ann an Eilean Leòdhais a bha i, agus a’ fàs suas bha mi mothachail don bhuntainneas a bh’ agam ris an eilean agus cultar mo mhàthar. B’ e àm sònraichte a bh’ ann dhòmhsa o chionn ghoirid agus mi a’ tilleadh a Leòdhas, agus tha mi an dòchas tilleadh a-rithist ann an ùine nach bi fada. Chòrd e rium. Bha mi a’ faireachdainn aig an taigh ann. Tha e inntinneach nuair a tha do mhàthair, a bha na boireannach air leth sònraichte, a’ tighinn à àite mar seo, tha thu buailteach a bhith measail air an àite. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi a’ faireachdainn Albannach. Tha mi ag aithneachadh gur e pàirt cudromach de chultar na h-Alba a th’ ann an Gàidhlig, agus tha mi an dòchas gum mair seo. Ged nach eil Gàidhlig agam, nuair a bha mi a’ fàs suas bha tuigse mhath agam gur e pàirt de dhualchas mo mhàthar a bh’ innte.”
Fionnghal NicDhòmhnaill
B’ ann à Gearra-bhailteas ann an Uibhist a Deas a bha Fionnghal NicDhòmhnaill, tè a tha cho ainmeil ri duine sam bith ann an eachdraidh nan Gàidheal. B’ e Fionnghal a chuidich am Prionnsa Teàrlach agus e a’ teicheadh bho fheachdan an Rìgh Seòras às dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746, agus gun i ach 24 bliadhna a dh’aois. Chaochail a h-athair nuair a bha i òg agus chaidh a màthair a ghoid air falbh le Uisdean MacDhòmhnaill à Armadal san Eilean Sgitheanach far an do phòs e i. Chaidh a togail leis a’ chinneadh aice, Clann Raghnaill, ann an Uibhist a Deas agus fhuair i beagan foghlaim ann an Dùn Èideann. Chaidh a cur an grèim airson a bhith cur taic ris a’ Phrionnsa, agus chuir i seachad beagan ùine ann an Tùr Lunnainn fhèin. Ann an 1750 phòs i an Caiptean Ailean MacDhòmhnaill agus ann an 1773 rinn iad fhèin agus a teaghlach eilthireachd a North Carolina, agus ri ùine bhiodh esan a’ sabaid airson nan Dìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh. Gu dearbh a rèir cuid a dh’aithrisean bha Fionnghal fhèin a’ brosnachadh nam feachdan dìlseach aig Blàr Cross Creek. Ri ùine thill i don Eilean Sgitheanach far an do chaochail i ann an 1790.
Cha robh riamh faclan cho freagarrach sa chaidh a sgrìobhadh air carragh-chuimhne dhi a tha ri fhaicinn an-diugh ann an Inbhir Nis: “Fhad ’s a dh’fhàsas feur air machair, mairidh cliù na h-ainnir chaoimh”.
Alasdair Moireasdan
Rugadh Alasdair Moireasdan ann an Steòrnabhagh sna h-Eileanan Siar air 18mh An t-Samhain 1968, agus chaidh oideachadh ann an Sgoil Phaibeil ann an Uibhist a Tuath, ann an Sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas agus aig Oilthigh Chaledonian Ghlaschu. Bha e ag obair an lùib nam meadhanan Gàidhlig fad grunn bhliadhnaichean, mar neach-naidheachd aig a’ BhBC agus mar fhear-deasachaidh air a’ phàipear-naidheachd Ghàidhlig, An Gàidheal Ùr. Ann an 1999 bhuannaich e àite mar bhall-pàrlamaid ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ riochdachadh nan Eilean Siar airson a’ Phàrtaidh Làbaraich, dreuchd a bh’ aige suas gu 2007. Bha Alasdair na Leas Mhinistear airson na Gàidhealtachd is nan Eilean agus na Gàidhlig, agus bha e na Leas Mhinistear airson na h-Iomairt agus Foghlam Fad-beatha agus na Gàidhlig. Bha e cuideachd na bhall de ghrunn chomataidhean. Rinn e strì mhòr airson na Gàidhlig fad nam bliadhnaichean a bha e na bhall den Riaghaltas Làbarach is Libearalach Deamocratach, agus bha e riamh a’ cur a làn thaic ri seirbheis craolaidh Gàidhlig didseatach a bha iomchaidh do dh’fheumalachdan nan Gàidheal. Tha e a-nis na chathraiche air MG ALBA, am buidheann ùr a tha, ann an co-bhuinn ris a’ BhBC, a’ lìbhrigeadh na seirbhis sin. Tha e cuideachd na stiùiriche air a’ Bhuidheann UBC Earr. agus Clò Hearach Innse Gall LLP.
“’S i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànain a bh’ agam nuair a bha mi òg agus ’s i fhathast cànan mo theaghlaich ’s mo dhachaigh. Bha mi nam Bhall den Phàrlamaid Albannaich aig àm a bha cudromach airson a’ chànain, le Achd na Gàidhlig agus tòrr adhartas ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus airson cultar is dòigh-beatha nan Eileanan an Iar, le achdan a thug cothrom do chroitearan agus do choimhearsnachdan am fearann aca a cheannach. Tha mi a-nis ag obair ann an craoladh mar chathraiche MG ALBA, agus tha mi toilichte gu bheil an sianal ùr BBC ALBA a’ taisbeanadh beairteas ar cànain ’s cultair don mhòr-shluagh agus a’ toirt do luchd-amhairc ann an Alba deagh roghainn de phrògraman spòrs, ceòl, naidheachdan agus prògraman cloinne.”
Andy Gray
Rugadh Andy Gray ann an Glaschu air 30mh An t-Samhain 1955, ach tha ceanglaichean làidir aige ri Eilean Leòdhais tro a mhàthair a tha às a’ Bhac san eilean. Tha e ainmeil an dà chuid mar chluicheadair ball-coise agus a-nis mar chraoladair a bhios ag aithris air ball-coise airson Sky Sports. Thòisich e a’ cluich ball-coise gu proifeiseanta airson Dundee United ann an 1973 mus do ghluais e gu Sasainn far an do chluich e airson grunn sgiobaidhean, nam measg Aston Villa, Wolves and Everton. B’ e esan am fear a fhuair bu mhotha tadhail ann am prìomh lìog Shasainn le Villa ann an 1976/77 le 25 tadhal. Bhuannaich e an lìog, an Cupa FA agus Cupa Luchd-gleidhidh Chupannan na Roinn Eòrpa uile le Everton, agus anmoch na dhreuchd thill e gu Alba airson cluich do Rangers, an sgioba dha robh e a’ toirt taic fad a bheatha. Chluich e do dh’Alba 20 turas agus fhuair e 7 tadhail sna geamannan sin. Tha e a-nis a’ cheart cho ainmeil airson na stoidhle aithris eirmsich aige air geamannan ball-coise a bhios gan sealltainn air Sky Sports. Chluich Andy do sgioba a’ Bhac nuair a bha e òg, agus tha ceangal làidir fhathast aige ris an sgìre.
“Tha cuimhne agam air m’ òige ann an Leòdhas mar àm mìorbhaileach. Bhithinn a’ cur seachad gach samhradh còmhla ri mo sheanair agus mo sheanmhair agus an teaghlach air a’ Bhac gus an robh mi 16 bliadhna a dh’aois. Chuala mi Gàidhlig gu leòr san taigh agus timcheall a’ bhaile. Tha Gàidhlig aig mo mhàthair agus mo bhràthair, agus tha beagan Gàidhlig agam fhìn! Tha mi a’ smaoineachadh gur e beachd sgoinneil a th’ anns an làrach-lìn agus tha mi an dòchas gum brosnaich e daoine ùidh a thogail anns a’ chànan agus an cultar. Tha mi air aon de dh’iomadach Albannach le taobh Gàidhlig, agus tha mi cinnteach nach eil fhios aig a’ mhòr-chuid de dhaoine air sin.”
Mìcheal Ruiseal
Rugadh Mìcheal Ruiseal air 9mh An Lùnastal 1953 ann am Bromley ann an Kent le pàrantan Albannach agus thogadh e ann an Alba. A thuilleadh air a bhith ag obair sna meadhanan agus mar sgrìobhadair, tha e air a bhith an sàs ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus saoghal poilitigs fad iomadh bliadhna. Bha e na àrd-oifigear air a’ phàrtaidh eadar 1994 is 1999 agus bha e na bhall-pàrlamaid sgìreil ann am Pàrlamaid na h-Alba airson Ceann a Deas Alba bho 1999 gu 2003 nuair a chaill e ann an taghadh na bliadhna sin. Fhuair e àite sa phàrlamaid ann an 2007 a-rithist agus tha e a-nis na Mhinistear airson na h-Àrainneachd san riaghaltas ùr aig a’ Phàrtaidh Nàiseanta. Tha ceanglaichean air a bhith aige ris a’ Ghàidhealtachd agus ris na h-eileanan o chionn ùine mhòr – tha e pòsta aig Cathleen NicAsgaill bho Bhaile MhicPhàil ann an Uibhist a Tuath, agus chuir e seachad còig bliadhna a’ fuireach ann am Beinn nam Faoghla eadar 1977 is 1982. Stèidhich e An Fhèis Telebhisean is Film Ceilteach ann an 1980 agus tha e air a bhith gu math taiceil don Ghàidhlig fad bhliadhnaichean mòra. Chuir e Bile Gàidhlig air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba ann an 2002 agus tha e ag ionnsachadh a’ chànain. Cha do shoirbhich leis a’ Bhile Bhuill aige fhèin aig a’ cheann thall, ach thog e ìomhaigh na Gàidhlig sa phàrlamaid, agus ri ùine chaidh aontachadh ri Achd na Gàidhlig (2005) stèidhichte air Bile a thug an Riaghaltas Làbarach is Libearalach Deamocratach a-steach.
“Tha mi air a bhith taiceil don Ghàidhlig o chionn fhada – an dà chuid an cànan fhèin agus na daoine agus na coimhearsnachdan a tha ga bruidhinn. ’S e pàirt air leth cudromach de aithne chultarach na h-Alba a th’ innte agus dòigh shònraichte an saoghal a chur an cèill. Feumaidh sinn leantainn oirnn dèanamh cinnteach gur e cànan fàsmhor agus chan e bàsmhor a th’ ann an Gàidhlig agus tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air cànan a bhios seasmhach agus soirbheachail san àm ri teachd.”
