Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Ainm is CliùNames and Fame Names and FameAinm is Cliù
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
Tha gu leòr de dhaoine le Gàidhlig a tha ainmeil. Agus tha tòrr dhaoine ainmeil ann aig nach eil Gàidhlig, ach aig a bheil ceangal (connection) ri Gàidhlig. ’S e seo feadhainn (some) dhiubh.
Rugadh Donaidh Rothach ann an Ùige san Eilean Sgitheanach ann an 1953. Thogadh e san eilean, agus nuair a dh’fhàg e an sgoil chaidh e gu Sgoil Ealain (Art School) Gray’s ann an Obar Dheathain. Bha e ainmeil mar sheinneadair sa chòmhlan-chiùil (band) Runrig, agus bha iad glè shoirbheachail (successful). Reic iad tòrr chlàran (records/albums) ann an Alba, agus ann an dùthchannan eile. Dh’fhàg Donaidh Runrig ann an 1997, agus sheas e airson Pàrlamaid Westminster. Cha d’fhuair e àite aig Westminster, ach tha e air a bhith trang bhon uair sin. Tha e a-nis na Stiùiriche Leasachaidh (Director of Development) aig Sabhal Mòr Ostaig.
“Tha mi gu math fortanach gun do thogadh mi ann an coimhearsnachd (community) far an robh mi a’ cluinntinn Gàidhlig. Bhiodh daoine a’ seinn agus ag innse sgeulachdan ann an Gàidhlig. ’S e sin mar a fhuair mi eòlas air òrain agus ceòl Gàidhlig. Ged a bha ùidh agam ann an ceòl pop agus roc, bha ùidh agam cuideachd ann an ceòl traidiseanta. Nuair a bha mi a’ seinn ann an Runrig, fhuair mi cothrom ceòl Gàidhlig agus ceòl ùr a chur còmhla. Tha mi fhathast a’ faireachdainn gu bheil cultar na Gàidhlig glè chudromach.”
Tha Julie Fowlis à Uibhist a Tuath agus bidh i a’ seinn òrain Ghàidhlig. ’S toigh le daoine ainmeil mar KT Tunstall agus Ricky Gervais an ceòl aice agus tha i air tòrr dhuaisean (prizes) fhaighinn mu thràth, ged a tha i fhathast gu math òg. Tha clàr ùr aice, ‘dual’, a rinn i còmhla ri triùir eile: Muireann Nic Amhlaoibh, Éamon Doorley agus Ross Martin. Tha ceòl à Alba agus Èirinn air a’ chlàr ùr seo.
“Tha mi à Uibhist a Tuath, agus ’s e seinneadair agus neach-ciùil (musician) a th’ annam. Tha mi a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus tha mi fortanach gu bheil mi a’ faighinn cothrom a bhith ag obair le Gàidhlig. Tha a’ chànain uabhasach cudromach dhomh gu pearsanta (personally).”
Tha ceangal aig Dòmhnall Trump ri Leòdhas. Bha màthair Dhòmhnaill Trump à Tunga ann an Leòdhas, agus tha an neach-gnìomhachais beartach (wealthy businessman) à Ameireagaidh gu math measail (fond) air Alba agus Leòdhas. Thadhail e air Leòdhas ann an 2008 agus thuirt e gun do chòrd an t-eilean ris.
“Bha Gàidhlig aig mo mhàthair, bha i à Tunga ann an Eilean Leòdhais. Chòrd e rium gu mòr nuair a thill mi a Leòdhas ann an 2008. Bha mi a’ faireachdainn gu robh mi a’ tilleadh dhachaigh. Ged nach eil Gàidhlig agamsa, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach gu bheil Gàidhlig ann.”
Bha Fionnghal NicDhòmhnaill à Uibhist a Deas, agus tha i ainmeil airson mar a chuidich i am Prionnsa Teàrlach ann an 1746. Às dèidh Blàr Chùil Lodair (Battle of Culloden) bha am Prionnsa ann an cunnart mòr, agus bha e a’ feuchainn ri falbh don Fhraing. Chuidich Fionnghal am Prionnsa, agus dh’fhalbh e don Fhraing. Chuir Fionnghal seachad beagan ùine anns a’ phrìosan airson na rinn i. Phòs i Ailean MacDhòmhnaill ann an 1750 agus dh’fhalbh iad gu Ameireagaidh ann an 1773. Chaochail Fionnghal san Eilean Sgitheanach ann an 1790.
Tha e ag ràdh air carragh-chuimhne (memorial) ann an Inbhir Nis gum bi cuimhne aig daoine air Fionnghal, “fhad ’s a dh’fhàsas feur air machair (as long as grass grows on the machair)...”
Rugadh Alasdair Moireasdan sna h-Eileanan Siar ann an 1968, agus chaidh e gu Sgoil Phaibeil ann an Uibhist a Tuath agus gu Sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas. Bha e ag obair anns na meadhanan (media) Gàidhlig airson ùine, agus bha e na neach-naidheachd aig a’ BhBC. Ann an 1999 bhuannaich e àite mar bhall-pàrlamaid (member of parliament) ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bha e na bhall-pàrlamaid suas gu 2007 airson na h-Eileanan Siar, agus bha e na Mhinistear anns an Riaghaltas (Minister in the Government). Tha e a-nis na chathraiche (chairperson) air MG Alba, am buidheann (organisation) a tha a’ riaghladh (administers/runs) BBC ALBA còmhla ris a’ BhBC. Tha e cuideachd na stiùiriche (director) air UBC Ltd agus Clò Hearach Innse Gall (Hebrides Harris Tweed).
“’S i Gàidhlig a’ chiad chànain agam nuair a bha mi òg, agus ’s i Gàidhlig cànan na dachaigh agam an-diugh. Bha mi nam bhall (member) de Phàrlamaid na h-Alba aig àm gu math cudromach don Ghàidhlig, agus do na h-Eileanan Siar. Bha Achd (Act) na Gàidhlig ann agus achdan eile a bha a’ ciallachadh gum b’ urrainn do chroitearan agus coimhearsnachdan (communities) am fearann (land) aca fhèin a cheannach. Tha mi a-nis nam chathraiche (chairperson) air MG Alba. Tha mi toilichte gu bheil tòrr phrògraman matha air an t-sianal (channel) Ghàidhlig ùr, BBC Alba. Tha an sianal a’ sealltainn do dhaoine cho math sa tha cànan agus cultar nan Gàidheal.”
Rugadh Andy Gray ann an Glaschu ann an 1955. Bha e na chluicheadair (player) ball-coise ainmeil agus tha a-nis ainmeil airson a bhith ag aithris (reporting) air geamannan ball-coise air Sky. Chluich e airson diofar sgiobaidhean ball-coise: Dundee United, Aston Villa, Wolves, Everton agus Rangers. Agus chluich e 20 turas airson Alba. Tha ceangal làidir aige ri Leòdhas. Bhiodh e a’ dol air ais a Leòdhas gach samhradh nuair a bha e òg.
“Tha nuair a bha mi òg ann an Leòdhas, a’ toirt nithean matha gu mo chuimhne. Bha mi a’ fuireach còmhla ri mo sheanair agus mo sheanmhair air a’ Bhac gus an robh mi 16 bliadhna a dh’aois. Chuala mi tòrr Gàidhlig an sin. Tha Gàidhlig aig mo mhàthair agus aig mo bhràthair, agus tha beagan Gàidhlig agam fhìn! Tha mi a’ smaoineachadh gur e rud math a th’ anns an làrach-lìn (website) seo agus tha mi an dòchas gun coimhead daoine air agus gun tog e an ùidh anns a’ chànan agus anns a’ chultar. Tha tòrr Albannaich ann le taobh Gàidhlig, agus ’s mise aonan dhiubh. Agus ’s dòcha nach robh fhios aig mòran dhaoine air sin.”
Rugadh Mìcheal Ruiseal ann an 1953 ann am Bromley, agus thogadh e ann an Alba. Tha e ainmeil mar neach-poilitigs (politician) ann an Alba, ach bha e cuideachd ag obair sna meadhanan agus tha e na sgrìobhadair. Bha e na bhall-pàrlamaid eadar 1999 agus 2003 airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (Scottish National Party) ann an Pàrlamaid na h-Alba, agus bhuannaich (won) e àite anns a’ phàrlamaid ann an 2007 a-rithist. Tha ceangal làidir aige ris a’ Ghàidhealtachd agus tha e ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha e na Mhinistear airson na h-Àrainneachd (Minister for the Environment) an-dràsta ann an Riaghaltas Ailig Salmond.
“Tha mi taiceil don Ghàidhlig: an cànan agus na daoine a tha ga bruidhinn. Tha i gu math cudromach do chultar na h-Alba. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gur e cànan beò a th’ ann an Gàidhlig agus tha Riaghaltas na h-Alba (the Scottish Government) a’ cuideachadh leis an amas (aim) seo.”