4 rionnagan
Abair thusa gun do chòrd Maeve NicFhionghain, an seinneadair à Glaschu a bhios a’ seinn òrain Ghàidhlig agus Albannach, ris an luchd-èisteachd aig Club Folk Lìte an t-seachdain seo, ann an àite beag, snog, The Village Pub.
A’ cumail taic ri òrain bhrèagha Maeve bha Donnchadh (Bass) agus Innes Watson (Giotàr) gu sgileil agus le sùrd, agus bha an ceòl air a chluich le faireachadh, tuigse agus an t-seinn daonnan aig cridhe a’ ghnothaich.
Ghabh Maeve caochladh òrain, a’ mhòr-chuid bhon chiad chlàr aice “Don’t Sing Love Songs”, agus sheall i cho comasach sa bha i air seinn ann an Gàidhlig agus Beurla, le taghadh de dh’òrain a bha a’ gabhail a-staigh blàran marbhtach agus sgeulachdan brònach gaoil.
Bidh Maeve ag ràdh gur iad Dolly Parton agus Flòraidh NicNèill am measg na feadhna as motha a thug buaidh orra agus tha an fharsaingeachd seo a’ nochdadh san t-seinn tharraingeach aice, agus i a’ cur dreach ùr air òrain thraidiseanta.
Maeve NicFhionghain
Chaidh a ràdh mu Maeve “Glaschu” NicFhionghain ann an lèirmheas anns an d’fhuair i 5 rionnagan airson a Herald gu robh “guth eireachdail” aice. Chaidh a moladh airson Seinneadair Gàidhlig na bliadhna ann an 2008 aig an Duaisean Trad, agus ghlèidh i an tiotal “Neach-ciùil Ùr na Bliadhna” aig Duaisean Trad 2007, agus bha i cuideachd sa chuairt dheireannach den fharpais “Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna” aig BBC Radio Alba ann an 2005. Agus cuideachd tha seinneadair Gàidhlig eile leis an aon ainm!
Rinn Maeve NicFhionghain Seinn Ghàidhlig aig an RSAMD, agus i air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig bho aois 17, agus cheumnaich i le urram ann an 2004. Chaidh i gu Sabhal Mòr Ostaig ann an 2005-2006 agus dh’fhoillsich i a ciad clàr aice fhèin “Don’t Sing Lovesongs” ann an 2007, a chaidh a riochdachadh leis an luchd-ciùil Donnchadh Lyall agus Ali Hutton, clàr a tha a’ toirt còmhla òrain Ghàidhlig, agus òrain Bheurla bho Alba, Èirinn agus Ameireagaidh a Tuath.

Donnchadh Lyall
Bidh Donnchadh a’ cluich a’ ghiotàir bheus agus an double base, agus tha e stèidhichte ann an Glaschu. Tha iarraidh mhòr air mar neach-ciùil gus cluich agus clàradh, agus mar riochdaire agus clàradair fuaim. Tha e an-dràsta sna còmhlain am Box Club agus an Treacherous Orchestra, agus bidh e a’ cluich gu tric le Jenna Reid, Emily Smith, Sarah-Jane Summers agus na Fortunate Sons. Cheumnaich Donnchadh bho Oilthigh Shrath Chluaidh far an d’ thug e ceum BA a-mach ann an Applied Music. Èist ri tuilleadh de dh’obair Dhonnchaidh air an duilleig myspace aige.

Innes Watson
’S e neach-giotàir, fìdhlear agus sgrìobhadair ciùil proifeiseanta a th’ ann an Innes a bhios a’ deasachadh ceòl cuideachd agus a cheumnaich bhon RSAMD, ann an Glaschu far an do rinn e BA ann an Ceòl na h-Alba. Tha e an-dràsta na bhall den Lori Watson Trio agus an Treacherous Orchestra, agus bidh e a’ cluich gu tric le cuid den luchd-ciùil thraidiseanta as fheàrr ann an Alba, nam measg Maeve NicFhionghain. Leugh tuilleadh mu Innes agus èist ri a cheòl air an duilleig myspace aige.