Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Mun Ghàidhlig

Runrig... Na h-Eileanan Siar... Julie Fowlis... Am Mòd... drama beag. Seo agad rudan a bhios daoine a’ smaoineachadh uaireannan nuair a bhios tu a’ bruidhinn riutha mun Ghàidhlig. Ach tha Gàidhlig a’ ciallachadh tòrr a bharrachd na sin.

Bha latha ann nuair a bha daoine a’ bruidhinn Gàidhlig ann an tòrr àiteachan ann an Alba. Bha Gàidhlig aig an Rìgh MacBeatha agus Raibeart am Brusach (the Bruce). Thàinig na Gàidheil à Èirinn an toiseach, agus an-diugh tha mu 60,000 duine a’ bruidhinn Gàidhlig ann an Alba. Agus tha dòchas ann don chànan a-nis le Achd na Gàidhlig (the Gaelic Act), agus tha tòrr bhuidhnean poblach (public organisations) a’ toirt taic don chànan.

Tha daoine ann an tòrr dhùthchannan san t-saoghal ag ionnsachadh Gàidhlig: dùthchannan mar an Ruis, Ameireagaidh, Astràilia agus a’ Ghearmailt. Canaidh daoine gur e mion-chànan (minority language) a th’ ann an Gàidhlig, ach chan e mion-shluagh (minority people) a th’ anns na Gàidheil. Faodaidh Gàidhlig a bhith aig Ruiseanaich, Ameireaganaich, Astràilianaich, Gearmailtich agus gu dearbh Albannaich! ’S e dòigh-beatha (way of life) a th’ ann an Gàidhlig, ’s e tuigse a th’ ann an Gàidhlig, ’s e roghainn (choice) a th’ ann an Gàidhlig agus ’s e iomadh rud eile a th’ ann an Gàidhlig. Agus tha i agad!

Follow us on: