Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Mun GhàidhligAbout Gaelic About GaelicMun Ghàidhlig
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Tha Gàidhlig, mar a tha an saoghal, ag atharrachadh – cha mhòr a h-uile latha. Chan eil i cho làidir ’s a bhà i. Ann an cuid a cheàrnaidhean tha i air a dhol sàmhach, agus tha i air a guth a thogail ann an cùil no dhà eile far nach robh idir dùil rithe. Cluinnidh tu i agus chì thu i ann an iomadach riochd agus raon: san 21mh linn tha thu a cheart cho buailteach a bhith cur post-d gu caraid thall thairis ann an Gàidhlig na bhith cabadaich ri nàbaidh an ath-dhoras sa chànan.
Coltach ri gach cànan eile, chan e dìreach dòigh-conaltraidh a th’ ann an Gàidhlig. ’S e sluagh a th’ innte: dòigh-beatha, lèirsinn, tuigse, ùrnaigh, roghainn, beachd, dualchas, cultar, eachdraidh, sgeulachd, òran, deasbad, mionnan, smuain agus iomadh nì eile dhuinne, na daoine a tha air ar ceangal le Gàidhlig.
Tha eachdraidh fhada, chaochlaideach aig a’ chànan agus na Gàidheil a thàinig bho Èirinn o thùs agus a sgaoil air feadh Alba. Aig àird an t-siùil-mhara, bha Gàidhlig ri cluinntinn cha mhòr air feadh Alba, agus i ga bruidhinn aig seann rìghrean na dùthcha. An-diugh tha nas lugha na 60,000 duine ga bruidhinn ann an Alba, ach thàinig aithne oifigeil do Ghàidhlig mu dheireadh thall le Achd na Gàidhlig, agus stèidhicheadh Bòrd na Gàidhlig, o chionn ghoirid.
Tha dòchas ann a-nis gun tig piseach air cùisean, gun stad an crìonadh agus gum fàs an cànan a-rithist. Tha barrachd dhaoine na bha ann riamh ag ionnsachadh Gàidhlig agus a’ toirt buaidh air a’ chànan agus an cultar. Tha daoine gun Ghàidhlig, ’s dòcha, nas deiseile taic no spèis a shealltainn don Ghàidhlig. Tha sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu agus Inbhir Nis, agus aonadan Gàidhlig ann an iomadh sgoil eile. Tha daoine a’ tòiseachadh a’ tuigsinn rud air an robh fios aig na Gàidheil fhèin o chionn fhada: ged as e mion-chànan a th’ ann an Gàidhlig, chan e mion-shluagh a th’ anns na Gàidheil. Tha sinn nar n-Albannaich, no nar Canadianaich, no nar Gearmailtich, no nar n-Eòrpaich, no nar buill den daonnachd mhòir. Agus tha sinn nar Gàidheil.
Seo agad Gàidhlig, seo agad an saoghal.